Chan eil mise buileach a' tuigsinn na tha Aonghais Dòmhnallach ri ràdh. An urrainn do duine sam bith beagan a bharrachd mìneachadh a chur air? Seo na sgriobh e sa P&J:
"BLIADHNA Mhath Ùr. Se sin a bhios sinn ag radha aig an àm sa dha na bhliadhna agus bha uair eigin a bha seòrsa do dh’fharpuis againn, co gheibheadh air a’ Bhliadhn’ Ùr a chuir air cuid eigin eile an toiseach. Chaneil fhios agam co as a thainig an cleachdadh. Bhiodh feadhainn eile ag radha gur e “Bliadhn’ Ùr Mhath” bu choir dhuinn a bhith’g radha. Mu dh’eadar-theangaicheas tu an dà rud tha ciall eadar-dhealaichte aca ceart gu leòr. Tha’n darna rud a’ deanamh dheth gur e bliadhna mhath a th’air a bhith ann, agus g’eil te mhath ùr a’ tighinn. Chaneil a rud eile toirt breth idir air an te a dh’fhalbh, ach a guidhe te ùr mhath do dhuine."
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/2081302
'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: 'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
Sgudal, tha mi a' creidsinn (ach chan eil mi nam eòlaiche idir!). Mar eisimpleir, sa Bheurla, dè an diofar eadar "Good New Year" is "New Good Year"? Chan eil mi cinnteach gu bheil diofar ann. Ach chanainnsa gum biodh "Good New Year" nas fheàrr na "New Good Year" air sgàth 's gur e siud a bhios daoine ag ràdh. Sa Bheurla (agus, gu dearbh, sa Chuimris) thèid "New Year" (Blwyddyn Newydd) còmhla, gun rud sam bith a thoirt eatarra. Ach sa Ghàidhlig 's àbhaist ri daoine ag ràdh "Bliadhna Mhath Ùr" seach "Bliadhna Ùr Mhath". Seo a nì daoine agus, ged a tha mi fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig, bhiodh coltas ceàrr aig "Bliadhna Ùr Mhath", mar a bhiodh le "New Good Year" sa Bheurla no "Blwyddyn Dda Newydd" sa Chuimris.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: 'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
Well, faodaidh gur e mearachd a bha seo a rinn cuideigin ùine fhada air ais ach cha chreid mi gur e. Rinn mi lorg ann an archive.org airson "bliadhna mhath" agus tha "bliadhna mhath ùr" mar abairt a' nochdadh sna leabhraichean a leanas:
Mar fhòn-eòlaiche, tha Bliadhna Mhath Ùr nas fhasa a thaobh strutar nam fuaim i.e. /bli?N? vah u?r/ a tha na CCVCVCVCVC snog, seach Bliadhn' Ùr Mhath a bheir dhut /bli?N? u?r vah/ sa chiad dol a-mach (CCVCVVCCVC) agus an uairsin /bli?N u?r vah/CCVCVCCVC. San t-seagh sin, tha Seonaidh ceart, tha Bliadhna Mhath Ùr a' ruith nas fhasa a-rèir fòn-eòlas na Gàidhlig na *Bliadhna Ùr Mhath.
- Comhchruinneacha do dhàin taghta (1813)
- Òrain marbhrannan agus duanagan (1829)
- An Gàidheal (1875)
- Clàrsach an Doire (1883)
- Guide to Gaelic Conversation (1884)
- Clàrsach nam Beann (treas foillseachadh) (1886)
- An t-Eileanach Original Gaelic Songs and Poems (1890)
- The Gaelic Bards 1715 -1765 (1892)
- Celtia (1901)
- The Celtic Monthly (1904)
- Gu 'n d' thug i spéis do 'n àrmunn (1908)
- An Ròsarnach (1917)
Mar fhòn-eòlaiche, tha Bliadhna Mhath Ùr nas fhasa a thaobh strutar nam fuaim i.e. /bli?N? vah u?r/ a tha na CCVCVCVCVC snog, seach Bliadhn' Ùr Mhath a bheir dhut /bli?N? u?r vah/ sa chiad dol a-mach (CCVCVVCCVC) agus an uairsin /bli?N u?r vah/CCVCVCCVC. San t-seagh sin, tha Seonaidh ceart, tha Bliadhna Mhath Ùr a' ruith nas fhasa a-rèir fòn-eòlas na Gàidhlig na *Bliadhna Ùr Mhath.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: 'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
Thuirt cudeigin rium gur e ceist dualchainnt a bhiodh ann, ach chan eil cuimhne agam cò thuirt e agus cò na dualchainntean 

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: 'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
Tl a chàirdean, tha an cuid sgrìobhaidh aig Aonghais Dòmhnallach agus Màrtain Dòmhnallach a nochdas a h-uile Disathairne (fear mu seach) sa P&J a chòrdadh rium gu mòr ach feumaidh mi aideachadh, uaireanan bidh abairtean ann nach robh mi a' tuigsinn sa bhad. Chan eil an dithis aca a' leantainn na Gocs nas motha ach chan eil sin a cur dragh orm leis a' bheairteas a tha ri h-ionnsachadh bhuapa.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: 'Bliadhna mhath ùr' no 'Bliadhn' ùr mhath'?
Interestingly, I just spotted an old Facebook status message by Maighread Stiùibhairt - she says "Bliadhn' Ùr Mhath" !