Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Tha mu 310,000 neach-labhairt Innis-Tìlis ann, agus ann an 2006 bha 1,419 leabhraichean air am foillseachadh anns a' chànan. Dhiubh seo, bha 27% nan eadar-theangachaidhean.
Saoil dè an ceudad de leabhraichean Gàidhlig foillsichte gach bliadhna a chaidh eadar-theangachadh bho chànanan eile?
Bho chionn ghreis a-nis, bha deasbad ann mu dheidhinn leabhraichean Gàidhlig agus bha feadhainn am beachd nach bu chòir airgead sam bith a chosg air eadar-theangachaidhean ma tha sin ga tharraing bhon stòras a gheibhear airson leabhraichean sgrìobhte sa chànan bho thùs.
Saoil a bheil am beachd sin air atharrachadh beagan? Saoil am biodh cuid de dhaoine a tha a' tuigsinn na Gàidhlig air am misneachadh gus a cur an cleachadh barrachd nam biodh tuilleadh leabhraichean Gàidhlig a tha freagarrach don latha an-diugh rim faotainn?

Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Saoilidh mi gum bi feum againn an dà chuid air leabhraichean dualchasach is sgrìobhadh ùr-fhasanta. Bhiodh eadar-theangachadh air a leithid de Harry Potter a' còrdadh ris an oigridh gun teagamh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
B' fhearr leam leabhraichean le Agatha Christy a leughadh 
No Winny-the-Pooh -- tha sin nas fhasa...
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean a tha agaibh eòlach air mu thràth. (A bheil sin ceart?)

No Winny-the-Pooh -- tha sin nas fhasa...
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean a tha agaibh eòlach air mu thràth. (A bheil sin ceart?)
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Tha sin glè fheumail leabhraichean a leughadh a tha thu eòlach orra mu thràth. (A bheil sin ceart?) *Leòdhas *chuala mi aig Leòdhasaich an structar seo. Chan eil e a' coimhead "ceart", ach sin an dòigh-labhairt a bh' aca.Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean a tha agaibh eòlach air mu thràth. (A bheil sin ceart?)
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean a tha thu eòlach orra mu thràth. (A bheil sin ceart?) *Leòdhas
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean air a bheil thu eòlach mu thràth. (A bheil sin ceart?) *Gàidhlig choitcheann
Agus, tha mi a' dol leat. Ma tha thu eòlach air an leabhar ann an cànan eile, 's tu a' leughadh eadar-theangachadh, bidh e nas fhasa a thuigsinn. Ach, mur h-e eadar-theangachadh fìor mhath a th' ann, bidh thu ga choimeas ris an leabhar thùsail agus mura tig e suas ris an leabhar thùsail, saoilidh mi nach còrd e riut cho math.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Seadh, tha droch eadar-theangachadh a ceart cho doireannach agus a tha droch sgrìobhadh sam bith eile.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Mòran taing!
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leubhraichean air a bheil thu eòlach mu thràdh.
'S bochd sin, chan eil mi a' tuigsinn:
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leubhraichean air a bheil thu eòlach mu thràdh.
'S bochd sin, chan eil mi a' tuigsinn:
GunChleoc wrote:tha droch eadar-theangachadh a ceart cho doireannach agus a tha droch sgrìobhadh sam bith eile
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Mhothaich mi an-uiridh gu bheil Le Petit Prince san eadar-theangachadh Gàidhlig (on Fhraingis thùsail) ri fhaighinn bho CnanL:
https://lsh507.securepod.com/gaelicbook ... cts_id=357
https://lsh507.securepod.com/gaelicbook ... cts_id=357
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Seadh. 'S aithne dhomh sin. THa e agam. Ach, dè mu dheidhinn a' cheudad? Saoilidh mi gum bi e seachad air 20% leis na th' ann de leabhraichean teagaisg air an eadar-theangachadh don Ghàidhlig airson nan sgoiltean.
Saoil, dè an ceudad de na leabhraichean Innis-Tìleach ann an 2006 a bha nan leabhraichean-teagaisg?
Saoil, dè an ceudad de na leabhraichean Innis-Tìleach ann an 2006 a bha nan leabhraichean-teagaisg?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
The e glè fheumail...poor_mouse wrote:B' fhearr leam leabhraichean le Agatha Christy a leughadh
No Winny-the-Pooh -- tha sin nas fhasa...
Tha sin glè fheumail a bhith a' leughadh leabhraichean a tha agaibh eòlach air mu thràth. (A bheil sin ceart?)
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Chan eil cail agamsa an aghaidh eadar-theangachaidhean (math) Gaidhlig de leabhraichean feumail no tarraingeach , mar stuth cloinne (Peadar Rabaid, Gruffalo) no teagaisg, agus litreachas clasaigeach no ur - a Beurla, Frangais, Inuit...canan sam bith.
Chan urrainn do (agus cha toil le) gach sgriobhaiche Gaidhlig deagh eadar-theangachaidhean AGUS deagh leabhraichean ura a sgriobhadh: mar sin chan e aon rud seach rud eile a th' ann - 's e da leabhar sa Gaidhlig a bhios againn.
Agus tha liosta fada agus a tha a' fas nas fhaide aig Ursgeul, mar eisimpleir, agus feadhainn eile anns a' bhuth Comhairle na L., no Siol Enterprises ann an Canada, de leabhraichean gu tur ura, agus gu math tarraingeach... nam biodh uine gu leor agam a bhith gan leughadh!
Chan urrainn do (agus cha toil le) gach sgriobhaiche Gaidhlig deagh eadar-theangachaidhean AGUS deagh leabhraichean ura a sgriobhadh: mar sin chan e aon rud seach rud eile a th' ann - 's e da leabhar sa Gaidhlig a bhios againn.

Agus tha liosta fada agus a tha a' fas nas fhaide aig Ursgeul, mar eisimpleir, agus feadhainn eile anns a' bhuth Comhairle na L., no Siol Enterprises ann an Canada, de leabhraichean gu tur ura, agus gu math tarraingeach... nam biodh uine gu leor agam a bhith gan leughadh!

-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Chan urrainn, ach 's urrainn do chuid. Sgrìobhaidh bàird an cuid bàrdachd sa Ghàidhlig, agus cuiridh iad Beurla oirre. Rinn Somhairle MacGille-Eain sin, mar eisimpleir. Ach dè tha thu a' ciallachadh? Chan eil mi buileach gad leantainn an seo.Chan urrainn do (agus cha toil le) gach sgriobhaiche Gaidhlig deagh eadar-theangachaidhean AGUS deagh leabhraichean ura a sgriobhadh: mar sin chan e aon rud seach rud eile a th' ann - 's e da leabhar sa Gaidhlig a bhios againn.![]()
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
A bad tr*nsl*t**n is just as awful/boring as any other bad writingpoor_mouse wrote:'S bochd sin, chan eil mi a' tuigsinn:GunChleoc wrote:tha droch eadar-theangachadh a ceart cho doireannach agus a tha droch sgrìobhadh sam bith eile
tha X a cheart cho Y agus a tha Z - X is just as Y as Z
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Tapadh leibh, a Nèill!Nìall Beag wrote:The e glè fheumail...
Mòran taing, cha b' aithne dhomh "a cheart".GunChleoc wrote:tha X a cheart cho Y agus a tha Z - X is just as Y as Z
Ach cha do lorg mi an doireannach ann na faclairean...
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Eadar-theangachadh air leabhraichean gach bliadhna
Bha i a' ciallachadh "dòrainneach" san t-seagh "boring". Sin facal (nach cuala mi ach aig SMO) airson "boring". Tha a' bhun-chiall gu math nas làidire air an fhacal seo - "àmghaireach, piantachail, sàraichte, cràiteach" no "pained, tormented, excruciating" no "vexed" - na dìreach "boring". Ach, dhan inntinn, 's e cràdh is dòrainn a tha dha-rìreabh an sàs ann a bhith a' leughadh leabhraichean nach eil air an sgrìobhadh gu math!Ach cha do lorg mi an doireannach ann na faclairean...
Co-dhiù, thòisich mi air leughadh an leabhair "An t-Ogha Mòr" a-raoir, agus 's e deagh thoiseach-tòiseachaidh a th' ann le Gàidhlig lurach is fallain sna duilleagan. Ach, tha e gu math nas duilghe a leughadh na bha mi an dùil. Tha tòrr fhaclan ann nach eil mi buileach a' tuigsinn gu mionaideach.
'S dòcha gu bheil iad sean-fhasanta san t-seagh nach eil iad cho cumanta an-diugh, ach tha e a' sealltainn gun robh briathrachas nas fharsainge aige na tha aig mòran san latha an-diugh. Agus, mar sin, chan eil coltas sean-fhasanta air an sgrìobhadh idir. Tha e a' ruith, agus tha e siùbhlach. Bha faclan fa-leth aige airson diofar rudan ach an-diugh, 's tric a gheibhear na h-aon fhaclan gan cleachdadh airson diofar rudan, agus chan e ach an suidheachadh a tha ag innse ciall an fhacail.
Aon rud eile. Tha mi a' smaointinn gur e leabhar le Sgitheanach a th' ann. (Tha fear de na prìomh charactaran na Sgitheanach co-dhiù.) Mar sin, gheibhear pailteas fhaclan às an Eilean Sgitheanach, agus gheibhear beachd air na bha esan, mar Sgitheanach, a' smaoineachadh (eadar fhìrinn is mhagaireachd) air dualchainntean Gàidhlig eile! Cha bhi e furasta, ach 's fhiach a leughadh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!