Ma tha ùidh agad, tha mapa airson trasnadh na Rìbhinn ann an 2012 ri fhaighinn ann an Gàidhlig an-seo - tha dà dhiubh ann, fear nas lugha son làraichean-lìn agus fear mòr airson clò-bhualadh.
'S e do bheatha - cha do rinn mise ach Gàidhlig a chur air na h-abairtean
Tha mise nas fhearr air reul-eòlas Star Trek na an rud fìor ach mar a thuigeas mise e, 's e dubhadh na Rìbhinn a bhios ann, dìreach mar a gheibhear leis a' ghealach.
SIn agad e, bidh an Rìbhinn eadar a' ghrian is an Talamh. Nuair a bhios dubhadh na grèine "abaisteach" ann, 's e a' gheallach a bhios eadar a' ghrian is an Talamh. Tha a' gheallach mòran nas dlùithe dhuinn na an Rìbhinn, is mar sin bidh an dubhadh nas treasa leatha-se.