Page 1 of 1
Reul-eòlas is trasnadh na Rìbhinn
Posted: Sat Mar 24, 2012 11:38 pm
by akerbeltz
Ma tha ùidh agad, tha mapa airson trasnadh na Rìbhinn ann an 2012 ri fhaighinn ann an Gàidhlig
an-seo - tha dà dhiubh ann, fear nas lugha son làraichean-lìn agus fear mòr airson clò-bhualadh.
Seo an dealbh beag:

Re: Reul-eòlas is trasnadh na Rìbhinn
Posted: Sun Mar 25, 2012 12:14 am
by faoileag
Abair làrach-lìn tarraingeach!
Ged nach eil mi a' tuigsinn mòran mu reul-eòlas, 's toil leam mapaichean agus 's toil leam na speuran (a latha 's a dh'oidhche).
Agus 's math a rinn thu-fhèin, a rithist!

Re: Reul-eòlas is trasnadh na Rìbhinn
Posted: Thu Mar 29, 2012 7:18 pm
by akerbeltz
'S e do bheatha - cha do rinn mise ach Gàidhlig a chur air na h-abairtean
Tha mise nas fhearr air reul-eòlas Star Trek na an rud fìor ach mar a thuigeas mise e, 's e dubhadh na Rìbhinn a bhios ann, dìreach mar a gheibhear leis a' ghealach.
Re: Reul-eòlas is trasnadh na Rìbhinn
Posted: Fri Mar 30, 2012 12:00 pm
by GunChleoc
SIn agad e, bidh an Rìbhinn eadar a' ghrian is an Talamh. Nuair a bhios dubhadh na grèine "abaisteach" ann, 's e a' gheallach a bhios eadar a' ghrian is an Talamh. Tha a' gheallach mòran nas dlùithe dhuinn na an Rìbhinn, is mar sin bidh an dubhadh nas treasa leatha-se.