Page 1 of 1

"Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Fri Apr 20, 2012 11:22 pm
by diddles25
Dè a bhitheadh na samhlaichean a b' dlùithe ris na faclan "histrionic", "theatrical", agus "paranoid"? Bu mhath leam a lorg na samhlaichean a b' fheàrr oir tha mi a' rannsachadh galaran na pearsantachd.

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Fri Apr 20, 2012 11:25 pm
by akerbeltz
Dè tha thu ciallachadh le samhlaichean?

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 12:14 am
by diddles25
akerbeltz wrote:Dè tha thu ciallachadh le samhlaichean?
B'urrainn dhomh a bhith ag ràdh, "co-ionnan"; "dè faclan a bhiodh co-ionnan ris na faclan seo?"

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 12:27 am
by akerbeltz
An e a' Ghàidhlig air na faclan seo a tha thu sireadh?

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 12:34 am
by diddles25
akerbeltz wrote:An e a' Ghàidhlig air na faclan seo a tha thu sireadh?
'S e. Bu mhath leam iad sa' Ghàidhlig, ma 's e ur toil e.

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 11:45 am
by akerbeltz
Mar a thachras sa Bheurla, chan eil faclan aig a' Ghàidhlig fhèin. Mholainn an gabhail air iasad on Ghreugais/Bheurla mar
histrionic » histrionach
theatrical » tèatraigeach
paranoid » paranoidheach

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 9:33 pm
by diddles25
akerbeltz wrote:Mar a thachras sa Bheurla, chan eil faclan aig a' Ghàidhlig fhèin. Mholainn an gabhail air iasad on Ghreugais/Bheurla mar
histrionic » histrionach
theatrical » tèatraigeach
paranoid » paranoidheach
Tapadh leibh! Dh'aontaichinn leibh gu bheil e doirbh eadar-theangachadh faclan a-steach dhan Ghàidhlig... ach dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh? Ach le "histrionic" no "theatrical", 's urrainn dhomh a fhaicinn facal mar "taigh-cluicheach" no rudeigin mar sin.

Re: "Histrionic"/"Theatrical", "paranoid"

Posted: Sat Apr 21, 2012 9:53 pm
by akerbeltz
Tha gach cànan beò a' gabhail ri faclan iasaid air dòigh air choireigin, fhad 's nach bris iad riaghailtean fuaimneachadh a' chànan, chan dèan sin cron. Tha na mìltean de dh'fhaclan Laideann, Albais is Lochlannais sa Ghàidhlig co-dhiù, eadar coinneal is taigeis. 8-)