Page 1 of 1

La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Wed Oct 17, 2012 5:21 pm
by Gràisg
http://www.agencebretagnepresse.com/fetch.php?id=27776

A bheil fios aig duine sam bith carson nach do thachair a leithid sa Ghàidhlig?

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Sun Oct 21, 2012 12:11 am
by Seonaidh
Dìth macmeanma sa Ghàidhlig?

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Sun Oct 21, 2012 10:59 am
by Thrissel
Fìrinn innse, bhon a thòisich mi leabhraichean Bheurla a bha mi air a' leughadh ann an eadar-theangachadh a' leughadh sa chruth thùsail, b' fheàrr leam gum biodh nas lugha mac-meanmna aig eadar-theangairean...

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Sat Nov 03, 2012 10:00 am
by Níall Beag
Cha bhi eadar-theangachaidhean cho math ris na tùsan a' chuid as motha den àm, 's mar sin, carson am bu chòir leabhar sam bith a bhith ga eadar-theangachadh bhon a' Bheurla chun a' Ghàidhlig? Tha iomadach leabhar ri fhaighinn ann an cànanan eile -- nach b' fheàrr fear dhiubh eadar-theangachadh...?

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Wed Nov 07, 2012 7:55 pm
by *Alasdair*
Cheannaich mise fear agus tha e cho math ris an dreach Beurla - 's e eadar-theangachadh gu math dlùth a th' anns an leabhar. Chan eil fhiosam dè is coireach nach eil dreach Gàidhlig ann, thuirt JK fhèin gum biodh e math nam foillseachadh cuidegin tionndadh Ghàidhlig! 'S dòcha nach eil Bloomsbury ro dheidhèil air barrachd airgead a chosg air cànain bheaga? Bha na prothaidean aca sìos am-bliadhna...

Seo blurb an leabhar sa Bhreatannais:
Harry Potter a gred ez eo ur paotrig ordinal en un tiegezh ordinal. Un daore ramz a deu da dennañ anezhañ alese ha setu eñ o vont da Gerambreoù, skol ar sorserien. Eno e tesk c'haori Kiditch hag en em gannañ ouzh an Nerzhioù Teñval. Sorser ha strobineller eo Harry Potter!

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Tue Dec 04, 2012 9:06 pm
by Gràisg
Trugarez vras Alisdair.

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Thu Dec 13, 2012 10:32 pm
by Neas Olc
A bheil fios aig duine sam bith carson nach do thachair a leithid sa Ghàidhlig?
Nach eil an ciad leabhar ri fhaighinn 'sa Ghàidhlig? Chuala mi gun robh.

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Fri Dec 14, 2012 1:25 am
by GunChleoc
Chan eil.

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Fri Dec 14, 2012 2:22 pm
by Neas Olc
Ceart gu leòr, s'docha gun robh mi a smaoineachadh mun Chuimris.

Re: La sortie d'Harry Potter en breton

Posted: Sat Dec 15, 2012 1:43 am
by akerbeltz
Bha cuireadh gu tairgse aca uair agus ràinig triùir an shortlist aig a' cheann thall, mise 'nam measg. Bha sin ann an 2004. Dh'fhaighnich cuideigin dhiubh ann an 2006 agus fhuaras an fhreagairt Bloomsbury have decided to put the Gaelic version of Harry Potter on hold while they 'gauge interest' agus cha chualas an corr...

Cha deach ach aonan dhiubh a chur dhan Ghaeilge agus leis a sin, cha chreid mi gu bheil iad a' faicinn "interest" ('s e sin "sales") gu leòr.