am biodh ùidh agaibh ann am farpais bhig sgrìobhaidh? Bheir mi dhuibh tairgse-còmhraig sgeulachdan goirid a sgrìobhadh anns a‘ Ghàidhlig a bhuineas don ghnè a rinn ùghdaran leithid Poe, Algernon Blackwood, agus ann an dòigh, R.L. Stevenson is H.P. Lovecraft….amsaa. ainmeil. Chuirinns‘ fhèin sgeulachd no dhà ris an fharpais seo, agus b‘ e 'n duais don fheadhainn as fheàrr de na sgeulachdan seo gun rachadh an cur ri chèile ann an leabhar chun fhoillseachadh troimh bhuidhinn-foillseachaidh Ghàidhlig a nochdadh ùidh anns a leithid seo de phròiseact. Chan e nach d‘ fhuaras an gnè litreachais seo anns a‘ Ghàidhlig roimhe seo, mar a tha fios aig gach uile duine a leugh Oirthir Tìm le Cailean T. MacCoinnich (Gairm, 1969). Tha e follaiseach don leughadair fiosrach gun robh an ùghdar seo a bha na mhinistear air W.H. Hodgson, H.P. Lovecraft no co-dhiù Arthur Llewellyn Machen a leughadh, oir tha e a’ fàs soilleir ‘na chuid sgeulachdan gun robh e fo bhuaidh nan ùghdaran eile sin. Mar sin, carson nach gabhadh a leithid seo de sgeulachdan a sgrìobhadh ‘san latha an diugh?
B’ e mo chùnnradh ‘s mo mhiann, ge tà, gum biodh ur cuid sgeulachdan suidhichte anns na 1920-30an, no fiù beagan na bu tràithe na sin...
Gun soirbhich leibh, is gun robh mìle math agaibh roimh làimh!
Acsail
