Eilean àlainn mo chridhe 's tu Muile mo ghràidh
An tìr tha fo choilltean le beanntan cur sgàil ...
Thàinig an Dùbhlachd oirnn a-rithist! Mar sin, seo am mìosachan 2014 dhuibh is gach dealbh air a thogail ann am Muile. Tha e an-asgaidh mar as àbhaist, ach feumaidh sibh fhèin a chlò-bhualadh. Seo far am faigh sibh e.
It's December again! So, here's the 2014 calendar for you with pictures from Mull. It's free like always, but you have to print it yourself. Get it here.
Dh'fhaighnich mi dhan Mhuileach chòir mu ainmean nan taighean air dealbh an Dùbhlachd is seo na thuirt e:
Tha amharas agam gur e seo Rudha an Fheurain (Grasspoint) is beanntan Lathurna taobh eile a' Chaoil. Tha seo aig beul Loch Dona beagan seachad air Goirstean. Ann an dealbh na h-Og Mhios is e Dun Da Ghaoth is Beinn Bhairneach na beanntan a chi thu.