'S e Sgeul is Seanachas a th' air a' phod-chraoladh a tha Fòram Sgeulachdan na h-Alba air cruthachadh.
Cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig, air an gabhail le sgrìobhadairean agus bàird eadar-dhealaichte.
'S e an craoladair Ruairidh MacIllEathain a tha a' leughadh na ciad sgeulachd, agus bidh tè ùr a' nochdadh a h-uile mìos.
Fhuair am Fòram taic agus maoineachadh airson a' phròiseict seo bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Leabhraichean.
Tha am pod-craoladh ri fhaighinn aig https://www.storytellingforum.co.uk/pod ... -craoladh/
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/5062 ... _zTamABPio
Bha mi dìreach ag èisteachd ris a' chiad sgeulachd agus bha i snog!
