Iapànais tro mheadhan na Gàidhlig?

Càil sam bith eile / Anything else
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Iapànais tro mheadhan na Gàidhlig?

Unread post by amhlaobh »

@An Gobaire:
Mhothaich mi gun d'rinn thu beagan leasan "Gàidhlig tro mheadhan na Iapànais" agus shaoil mi gu bheil seo fìor annasach! Cia mheud dhaoine a tha anns an Iapàn a bhios co-cheangailte leis a' Ghàidhlig? A bheil sgoilearan agad ^_^
Co-dhiù, dè mu dheidhinn an taobh eile: leasain Iapànais tron Ghàidhlig! A bheil ùidh agad a dhèanamh? Rudan mar "Watashi no namae wa amhlaobh dessu ..." (Ach na saoil gu bheil I. agam, sin an aon seantans air a bheil mi eòlach!)
Agus na litrichean: a i u e o, ka ki ku ke ko, amsaa ann an dà (no trì) siostaman ...

amhlaobh
Last edited by amhlaobh on Fri Sep 28, 2007 3:24 pm, edited 1 time in total.
iolair
Posts: 192
Joined: Sat Sep 22, 2007 11:03 pm
Language Level: Beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: Boston, USA

Unread post by iolair »

Halo amhlaobh,

Carson a tha uidh agad Iapanais a dh'ionnsachadh?

Agus tha mi a' smaoineacadh gu bheil e "Watashi ..." (chan eil ach beagan Iapanais cuideachd).

Iolair
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

Oh, tha thu ceart, watashi ...

Tha mi dhen bheachd gur e cànan intinneach a th'ann an Iapànais, agus tha ùidh agam ann an cànanan. Agus 's e cànan neo-eòrpach a th'ann agus tha e intinneach an diofar eadar teaghlaichean chànain fhaicinn.
'S toil leam cuideachd na fiolmichean a rinn an Studio Ghibli agus tha mi daonnan a' coimhead orra ann an Iapànais le fo-thiotalan Beurla (bidh an dubbing dèanta le guthan Ameireacanach co-dhiù - no offence meant!).
iolair
Posts: 192
Joined: Sat Sep 22, 2007 11:03 pm
Language Level: Beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: Boston, USA

Unread post by iolair »

Chan eil mi eolach air Studio Ghibli. De seorsa fiolmichean a tha sin?
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

'S e beachd inntinneach a tha sin amlaobh! Cha tàinig e a-steach orm leasan Iapanais a dhèanamh do luchd na Gàidhlig. Dh'fhaoidte gum biodh e an comas dhomh leasan beag sìmplidh a dhèanamh air a' bhlog Gàidhlig agam.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

@An Gobaire:
Domo, bhiodh sin snog!
An do dh'ionnsaich thu Iapànais ann an Alba mus do dh'fhalbh thu a dh'Iapàn no an dèidh dhut gluasad? Dè shaoleadh tu: a bheil e nas doirbhe na Gàidhlig ionnsachadh no nas fhasa no nach eil diofar eadar nan cànanan?

@iolair:
Sin fiolmaichean mar Mononoke-Hime, Spirited away or Howl's moving castle. Ma faigh thu cothrom am faicinn, feuch iad, tha iad math!

amhlaobh
Last edited by amhlaobh on Wed Oct 03, 2007 9:53 am, edited 1 time in total.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Dh'ionnsaich mi Iapanais ann an Alba aig an oilthigh an toiseach. 'S an uairsin chaidh mi a dh' Iapain. Dhomh fhèin, 's e Iapanais a tha nas duilghe ionnsachadh, ach a-mhàin aon rud....tha coimhearsnachd mhòr ann far am faodar ga cur ann an cleachdadh! Chan eil am fuaimneachadh cho doirbh ge-tà, oir tha an siostam-fuaim nas sìmplidh na na cànanan Eòrpach. Tha a h-uile càil aig Iapanais cho eadar-dhealaichte ri cànain mar Ghàidhlig no Beurla.....ged a dh' fhiosraich mi mu dheidhinn rud no dhà a tha car coltach ris a' Ghàidhlig. (rud beag)
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

Seadh, bha mi dhen bheachd gun robh e mar seo. Agus tha e fìor gu bheil a bharrachd dhaoine ann aig a bheil Iapànais seach Gàidhlig. Saoilinn gu bheil na soighnichean Sìonaich (Kanji) nan cnapan-starra as mòtha. A bheil thu ag aontachadh? No an e an gràmar no gnàthasan-cainnte nan rudan as dhuilghe?
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

An Gobaire wrote:ged a dh' fhiosraich mi mu dheidhinn rud no dhà a tha car coltach ris a' Ghàidhlig. (rud beag)
Nach intinneach a tha e: tha faclan àireimh airson daoine anns an Iapànais cuideachd (tha nin a' ciallachadh "pearsa"):
1 person hitori
2 people futari (dual?)
3 people sannin
4 people yonin
5 people gonin
6 people rokunin
7 people shichinin
8 people hachinin
9 people kunin
10 people junin

Agus atharraichidh iad "n" gu "m" ro "b" agus "p": tenpura -> tempura
Gu dearbh, 's e rud àbhaisteach ann an t-saoghal nan fuaimean a th'ann, tha e a' tachairt fiu's anns a' Ghearmailtis, mar a thuirt an seann-sheannsalair Helmut Càl ris a mhic: "die Bubb'm". :)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Seadh, dìreach. Agus tha am facal a th' aca air "gorm" coltach ris a ' Ghàidhlig cuideachd. Faodaidh tu ga cleachdadh airson "feur" no "trafaig-solais gorm" mar eisimpleir. "Ao(i)"

Tha mi air blog ùr a thòiseachadh air a bheil Beagan Iapanais. Nach toir thu sùil air ma thogras tu? Chan e ach fuaimneachadh a th' ann fhathast, ach tha mi an dùil cur ris a dh' aithghearr. Agus, ma ghabhas a dhèanamh, cuiridh mi faidhle-fuaim ris a bharrachd, le na faclan is abairtean air an aithris le neach-Iapanach dùthchasach.

Seo an làrach: iapanais.blogspot.com
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

ども ありがと, a Ghobaire! Chan eil fhios agam an sgrìobh iad seo gu dearbh ann an dòigh seo ann an ひらがな, ach tha mi air nan soighnichean kana ionnsachadh agus 's urrainn dhomh an leughadh agus sgrìobhadh air pàipear a-nis. Is dòcha gun cleachd iad kanji an àite, ach co-dhiù ...
Tha am blog intinneach, cuiridh mi sùil air agus feuchaidh mi facal a sgrìobhadh air.

amhlaobh (オラフ)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Làn dì do bheatha, Amhlaoibh! Tha e a' còrdadh rium ga dhèanamh. ged nach robh a thìde agam ann mòran a dhèanamh fhathast. A thaobh "tapadh leibh", 's e どうもありがとう a bhios ann, agus chìthear sgrìobhte, an dà chuid ann an hiragana, no ann an kanji e, mar seo: どうも有難う
Chan e ach ありがとう as urrainnear a sgrìobhadh ann an litrichean Sìneach.

Tha mi air freagairt eile a sgrìobhadh air àite beachdan a' bhlog.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

Aah, mar sin, 's seo an dòigh am fuaimreag "o" fada a sgrìobhadh:
domo - doumo - どうも

ありがとう ございます mar tha.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

どういたしまして

THa thu dì-bheathte!

CO-dhiù, ma bhios ùidh agad ann fhathast, tha mi air faidhlichean fuaimneachaidh a chur ris a' bhlog. 'S ann a tha iad nan bhideothan, agus nochdaidh na faclan air an dàrna bhideo fhad 's a thathas gan aithris.

'S e Iapanach a tha gan aithris, agus blas Kansai air na faclan aige. 'S e sin an roinn den dùthaich far a bheil bailtean mòra Osaka, Kyoto, agus Kobe.

iapanais.blogspot.com

Le dùrachd,

Steafan
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

CO-dhiù, ma bhios ùidh agad ann fhathast
so desu!

Dh'èist mi ris, agus bha e furasda a thuigsinn. Tha sin feumail gu dearbh oir cha dh'fhuair mi na fuaimnean leotha fhèin ann an àite sam bith. Nach eil e anabarrach gu bheil a h-uile leabhar ag ràdh gu bheil ひ air fhuaimneachadh mar "hi" ach gu bheil nas coltaiche ri "chi" (no fiù "chch")? Is dòcha nach eil luchd-bruidhinn na Beurla comasach "chi" a ràdh, ach tha e furasda airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig (no Gearmailtis).

Rud beag eadar-dhealaichte: an cluich thu いご idir? An geama air a bheil "Go" ann am Beurla?

また あした
amhlaobh
Post Reply