cha chuala mi facal gàidhlig (ach air an rèidio) fad an latha airson a' chiad thuras ann am miosan. tha mi fhathast ag ràdh nan rudan beaga de leithid "siud thu," "gabh mo leisgeul" is msaa dha daoine air na sràidean gun a bhith a' smaoineachadh air, ach falbhaidh sin gu luath tha mi cinnteach, 's bidh mi air ais ann an saoghal na beurla a-rithist.

chan eil feum sam bith air an thread tha seo idir, bha mi dìreach 'g iarraidh rudeigin sgrìobhadh sa ghàidhlig.