carson nach eil an stuth air iplayer?? am bi idir?
chan eil TBh agam
Sin na thuirt Neoni agus Tearclach coir.[/quote]An dearbh ceist a th' agam-sa. 'S ann a tha mi a' faireachdainn gu bheil mi taobh a-muigh san dorchadas a' coimhead a-steach tron uinneag air a' chùirm a tha a' tachairt taobh a-staigh.
Bha mise den bheachd gum biodh cha mhor a h-uile càil ri fhaicinn air loidhne às dèidh làimh. 's ann mar sin a tha mòran luchd-ionnsachaidh a' gabhail an cuid gàidhlig sna laithean seo.
A bheil sinn fhathast a' feitheamh ri criomaigean fhaicinn air utube? BBC Alba - tuilleadh air loidhne mas e do thoil e?
Seo ceist a chaidh a thogail air a' bhlog a bh' aig SMG mar phàirt den cho-chomhairle a bh' aca an uiridh.
neach-ionnsachaidh View profile
Seo ceist a th' agam. Tha cothrom eile ann a nochd gus 'Cuairt nam Blog' fhaicinn BBC 2 Alba 1830, dhomhsa 's e program air leth a th' ann. Am biodh a leithid sin ri fhaighinn air 'Streaming'? Bhiodh sin uabhasach fhèin feumail dhan fheadhainn a tha a' fuireach taobh a- muigh Alba.
More options 13 Sep 2007, 14:17
Seo an fhreagairt:
From: Domhnall <domhn>
Date: Thu, 13 Sep 2007 08:41:33 -0700
Local: Thurs 13 Sep 2007 16:41
Subject: Re: CHIEF EXEC IN THE HOT SEAT - CEISTEAN AIRSON DC
Reply to author | Forward | Print | Individual message | Show original | Report this message | Find messages by this author
A neach ionnsachaidh chòir,
'S e ar n'amas a leithid a bhi air an eadar lion, agus leis an t-
seirbheis ùr bithidh an cothrom sin ann.
Anns an ùine ri teachd bu chòir stuth fhaighinn air-loidhne, air fòn,
air tbh neo air innealan eile (m.e. Ipods). Mar sheirbheis phoblach
bu chòir gum biodh an cothrom againn na programan a chuir a-mach air
gach "platform" ma cheadaicheas an t-ionmhas. Tha cothrom cuideachd
aig an fheadhainn a rinn na prògraman, oir 's ann aca a tha cuid de na
còraichean. Faic An Caman air www.bounci.tv mar eisimpleir. D
Ma tha uidh agad, gheibh thu tuilleadh bhon bhlog sin anns an seo:
http://groups.google.co.uk/group/gmsblo ... 98837a4634