Thèid leabhar sgeulachdan goirid (sgrìobhte le 21 daoine eadar-dhealaichte) air foillseachadh le Ùr-Sgeul a dh' aithghearr, agus bidh dà thachartas ann:
- Di-Haoine 12 an Dùbhlachd ann an Inbhir Nis
(chan eil fhios agam a bheil fiosrachadh air an eadar-lìon mar-tha, seach air làrach-lìn nan Gathan http://www.bebo.com/Profile.jsp?MemberId=5504768636 a bhitheas a' cluich an sin)
Bidh mise ann, o chionn 's gu bheil sgeulachd bhuam-sa anns an leabhar (seadh, beagan sanasachd dhomh fhìn )
Mona
Saoilidh mi gum bi an trugahan seo ann cuideachd - am bi duine sam bidh eile ann?Ceannachaidh mi pinnt air do shon ma bhios tu an làthair. Dè do bheachd Nèill? Dè mu dheidhinn na lurkers Dùn Eideann againn?
PS mhollainnsa sgeulachd ris an canar 'Tìr nan cotaichean geala' ma cheannachas tu na leabhraichean.
Bidh mi ann an Dùn Èideann fad an latha Di-Sathairne cuideachd, so ma tha ùidh aig cuideigin coinneachadh àiteigin anns a' bhaile, cabadaich 'sa Ghàidhlig, cuiribh fios thugam
Agus is math dh' fhaodte gum bi mi ann am Beal Féirste ann an Éirinn beagan laithean - a bheil cuideigin an-seo às (no anns) a' bhaile sin?
Mona
tl Nèill, 's bochd nach eil tachartas den leithid sin a h-uile deireadh seacdain, oidhche làn Gàidhlig gu dearbh. Bha e uabhasach fhèin math brudhinn riut. Launch beag eile: Dihaoine ann an Hootenhannay's Inbhir Nis agus na Gathan an làthair.
Bha e sgoinneil ur faicinn, a charaidean! Chòrd an oidhche gu mòr rium agus chuir mi latha snog seachad anns a' bhaile an-diugh. Thèid mi a Bheal Fèirste a-màireach, bidh mi san Eilean Sgitheanach Di-Ciadain gu Di-Haoine, agus ann an Inbhir Nis oidhche Haoine gun teagamh.
'S truagh gun robh mi fo deoch. Dha rìribh. Thainig a' reflux oirm aig àm na biadh agus cha do dh'ith mi dad. Às deidh m' obair, chaidh mi dìreach gu pub eile airson féis ceumnachaidh charaid. Bhon a' shiud, chaidh mi dìreach dhan taigh-taisbeanaidh. Agus bhon a' shiud gu pub as deidh pub. Gun dhinear.
Óbh-óbh... abair mearachd.
An rud as neonaiche... bha mi a' bruidhinn ri Ishi agus caraid aige. Ach an diugh tha mi cinnteach gu bheil mi eòlach air a caraid, ach chan eil fhios 'm carson. It didn't occur to me at the time, because last time I spoke to her it was all in English. But I still can't place her and it's now really annoying me.