Page 1 of 1
Leabhar ùr: cur-air-bhog ann an Dùn Èideann + Inbhir Nis
Posted: Fri Nov 28, 2008 8:44 am
by MonaNicLeoid
Thèid leabhar sgeulachdan goirid (sgrìobhte le 21 daoine eadar-dhealaichte) air foillseachadh le Ùr-Sgeul a dh' aithghearr, agus bidh dà thachartas ann:
- Di-Haoine 5mh an Dùbhlachd ann an Dùn Èideann
(faicibh an seo
http://www.ur-sgeul.com/ no an seo
http://www.duneideann.net/Cultar.html )
- Di-Haoine 12 an Dùbhlachd ann an Inbhir Nis
(chan eil fhios agam a bheil fiosrachadh air an eadar-lìon mar-tha, seach air làrach-lìn nan Gathan
http://www.bebo.com/Profile.jsp?MemberId=5504768636 a bhitheas a' cluich an sin)

Bidh mise ann, o chionn 's gu bheil sgeulachd bhuam-sa anns an leabhar (seadh, beagan sanasachd dhomh fhìn

)
Mona
Posted: Fri Nov 28, 2008 9:22 am
by Gràisg
Saoilidh mi gum bi an trugahan seo ann cuideachd - am bi duine sam bidh eile ann?Ceannachaidh mi pinnt air do shon ma bhios tu an làthair. Dè do bheachd Nèill? Dè mu dheidhinn na lurkers Dùn Eideann againn?
PS mhollainnsa sgeulachd ris an canar 'Tìr nan cotaichean geala' ma cheannachas tu na leabhraichean.
Posted: Fri Nov 28, 2008 11:09 am
by GunChleoc
Cuir mi air an duilleag Naidheachdan e

Posted: Fri Nov 28, 2008 2:58 pm
by Níall Beag
Och, tha mi cinnteach gu bhitheas mi ann aig fear Dùn Éideann.
Bidh mi an connaidh a' lorg féis math
Posted: Sat Nov 29, 2008 5:00 pm
by MonaNicLeoid
Bidh mi ann an Dùn Èideann fad an latha Di-Sathairne cuideachd, so ma tha ùidh aig cuideigin coinneachadh àiteigin anns a' bhaile, cabadaich 'sa Ghàidhlig, cuiribh fios thugam
Agus is math dh' fhaodte gum bi mi ann am Beal Féirste ann an Éirinn beagan laithean - a bheil cuideigin an-seo às (no anns) a' bhaile sin?
Mona
Posted: Sat Dec 06, 2008 6:26 pm
by Níall Beag
Uill, bha e ma a' coinneachadh a h-uile daoine mu dheireadh thall.
Meall do naidheachd agus a h-uile deagh dhùrachd airson an leabhar.
Posted: Sat Dec 06, 2008 8:11 pm
by Gràisg
tl Nèill, 's bochd nach eil tachartas den leithid sin a h-uile deireadh seacdain, oidhche làn Gàidhlig gu dearbh. Bha e uabhasach fhèin math brudhinn riut. Launch beag eile: Dihaoine ann an Hootenhannay's Inbhir Nis agus na Gathan an làthair.
Posted: Sat Dec 06, 2008 9:24 pm
by MonaNicLeoid
Bha e sgoinneil ur faicinn, a charaidean!

Chòrd an oidhche gu mòr rium agus chuir mi latha snog seachad anns a' bhaile an-diugh. Thèid mi a Bheal Fèirste a-màireach, bidh mi san Eilean Sgitheanach Di-Ciadain gu Di-Haoine, agus ann an Inbhir Nis oidhche Haoine gun teagamh.
Posted: Sun Dec 07, 2008 12:23 am
by Níall Beag
'S truagh gun robh mi fo deoch. Dha rìribh. Thainig a' reflux oirm aig àm na biadh agus cha do dh'ith mi dad. Às deidh m' obair, chaidh mi dìreach gu pub eile airson féis ceumnachaidh charaid. Bhon a' shiud, chaidh mi dìreach dhan taigh-taisbeanaidh. Agus bhon a' shiud gu pub as deidh pub. Gun dhinear.
Óbh-óbh... abair mearachd.
An rud as neonaiche... bha mi a' bruidhinn ri Ishi agus caraid aige. Ach an diugh tha mi cinnteach gu bheil mi eòlach air a caraid, ach chan eil fhios 'm carson. It didn't occur to me at the time, because last time I spoke to her it was all in English. But I still can't place her and it's now really annoying me.