Buaidh C, G air "an"

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Buaidh C, G air "an"

Unread post by Seonaidh »

Bha mi a' leughadh mu ciamar a tha daoine ag ràdh "ceangal", feadhainn le N agus G, feadhainn gun chàil sam bith ach srònachadh fhoghair agus feadhainn le NG mun G (dè mu dheidhinn sanas aon-litir airson NG?).

Onywye, nuair a tha rudeigin acasan, cleachdachaidh sinn "an" no "am", m.e. an athair, am màthair, an clann. Ach nach e "ang" a chluinniar air beulaibh "clann" is rudan coltach? Dè ur beachd?
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Och, chan urrainn dhomh seo a sgriobhadh 'sa Gàidhlig.

Anns a' chuid mhór de blasan (anns na h-eileanan có-dhiubh), the "voicing" of the n gets borrowed by the c, making it more like the English G. Ma bhitheas "clann" a' fuaimneachadh mar facal Beurla "clown", bidh "an clann" a' fuaimneachadh mar "an glown".
Ach mar a 's àbhaist, bidh na Leòdhasaich a dheanamh ann an doigh beagan eadar-dhealaichte, ach chan eil mi cinnteach dé a th' ann.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Canar "ang" ann an suidheachadh seo.

'S e exception a th' ann am facal "ceangal" co-dhiù.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Stìophan
Posts: 126
Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Inbhir Pheofharain

Unread post by Stìophan »

Anns a' chuimris bidh iad ag atharrachadh yn (in) gu yng ro g no c.

Tha mi a' smaoineachach carson nach eil sinn ga dhèanamh sa' Ghàidhlig.

A bheil mi ceart a Sheònaidh? :?

Ann an Leòdhas bithidh iad ga fhuaimneachadh mar sin.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Tha, tha thu ceart. Agus tha Cuimris agam. "ann an", "anns" - anns a' Chuimris 's e "yn" a th' anns an ann an. Nise:-

ann an Nirribhidh - yn Norwy
ann an Dinbych [Denbigh] - yn Ninbych
ann an Trefor - yn Nhrefor
ann am Manchester - ym Manceinion
ann am Betws-y-Coed - ym Metws-y-Coed
ann am Peairt - ym Mherth
[ann an Ngorongoro - yng Ngorongoro]
ann an Glaschu - yng Nglasgau
ann an Cathair Luail - yng Nghaerliwelydd

Tha mi' n dòchas gum faic sibh ciamar a dh'oibreas seo. Agus seo fuaimneachd Leòdhais an e? Inntinneach, 's dòcha, ciamar a chùmar an H ann am facail C-, P- is T- sa Chuimris nuair a shrònachar na litrichean sin (MH ann am MHERTH: 's e M + H a th'a ann, chan eil MH, BH, V idir).
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha duilleag aig akerbeltz air dè tha a' tachairt aig tòiseach an fhacal
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Ach mar a 's àbhaist, bidh na Leòdhasaich a dheanamh ann an doigh beagan eadar-dhealaichte, ach chan eil mi cinnteach dé a th' ann.
Thòisich mi Gàidhlig le tidsear Leòdhasach agus cha do cuala mise càil. Cha mi a creidsinn gum bi iad ag radh "an k-" mar 'sa bheurla, air a char as lugha airson an eisimpleir sin. Cò dhiu chan eil mòran fhios agam mun Ghàidhlig fhathast neo mu ciamar a dh'obraicheas stùth innte mar sin s'urrainn dhomh a bhith ceàrr!
Post Reply