Amas a bha aig Mac Talla dìreach cho cudromach sa bha e?

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Amas a bha aig Mac Talla dìreach cho cudromach sa bha e?

Unread post by Gràisg »

'Cha'n eil sinn a gabhail oirnn fein a bhi nar sgoilearan
Gaelig na's fhearr na cach uile. Tha fhios againn gle mhath nach eil sinn mar sin, cha'n ann airson ar foghlum a shealltuinn a thoisich sinn an obair so idir, ach air son cothrom a thoirt do mhuinntir eile. Tha moran de dheagh sgoilearan Gaelig anns an duthaich so nach eil a cleachdadh an cuid foghluim, a chionn nach eil paipear ann a chuireas an cuid sgriobhaidh an clo. Tha sinn an dochas gu'n gabh iad so ris a chothrom a tha nis air a thoirt daibh, agus gu'n dean iad Mac Talla na phaipeir cho math 'sa bhios ri fhaotainn.'

An e seòrsa de 'Mac Talla' didsiteach a tha anns na goireasan ri fhaighinn sa choimhearsnachd Ghàidhlig air loidhne?
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

dh'fhaodadh e bhith. tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn rudan a chur air dòigh, mar co-fharpais sgeulachdan goirid no rudeigin, gus am bi motivation againn

chan eil fhios agam am biodh e ag obair tà
Post Reply