'Cha'n eil sinn a gabhail oirnn fein a bhi nar sgoilearan
Gaelig na's fhearr na cach uile. Tha fhios againn gle mhath nach eil sinn mar sin, cha'n ann airson ar foghlum a shealltuinn a thoisich sinn an obair so idir, ach air son cothrom a thoirt do mhuinntir eile. Tha moran de dheagh sgoilearan Gaelig anns an duthaich so nach eil a cleachdadh an cuid foghluim, a chionn nach eil paipear ann a chuireas an cuid sgriobhaidh an clo. Tha sinn an dochas gu'n gabh iad so ris a chothrom a tha nis air a thoirt daibh, agus gu'n dean iad Mac Talla na phaipeir cho math 'sa bhios ri fhaotainn.'
An e seòrsa de 'Mac Talla' didsiteach a tha anns na goireasan ri fhaighinn sa choimhearsnachd Ghàidhlig air loidhne?