Tha mise air a bhith leughadh An Gàidheal ùr as ùire agus gu h-àraidh roinn 'An t-àrd-ùrlar fosgailte' tha litir fhosgaitle do chogais Mhgr Salmond le Niall MacRath. Seo pàirt dhith:
'An tug sibh a-riamh an aire, a Mhaighstir Salmond, gu bheil dà shaoghal Gàidhlig san latha an-diugh? Sa chiad àite, agus a’ sìor dhol am meud, tha saoghal a’ mhaoin, saoghal nam buidhnean Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig aig an ceann. Chan aidich an saoghal seo staid uabhasach
a’ chànain; tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil eagal ro-mhòr air a’ mhuinntir seo gun rachadh na cosnaidhean aca a thoirt bhuapa nan aideachadh. ’S e coup a bh’ ann dhaibh am Prìomh Mhinistear a thoirt cuide riutha, agus nach ann acasan a tha de dh’airgead airson fiosrachadh meallta a sgaoileadh dha na meadhanan; nach fhaodamaid na b’ fheàrr a shùileachadh mar thoradh air na cìsean a phàigh sinn. Ach chan eil an saoghal seo ach fuadain, neo-sheasmhach. Agus an uair sin tha an seann saoghal Gàidhlig, a tha a-nise air fàs fìor chugallach; an fheadhainn aig a bheil a’ Ghàidhlig bhon dualchas, daoine uile caran suas ann am bliadhnaichean, a’ fuireach far an robh iad a-riamh san Eilean Sgitheanach agus sna h- Eileanan an Iar, anns na bailtean beaga far a bheil làmh an uachdair a-nise leis a’ Bheurla; mòran de nàbaidhean nan in-imrich à Machair Alba ’s à Sasainn, ach grèim rag aca fhathast air an cànan beothail ’s iad ga cleachdadh air a h-uile cothrom a gheibh iad
— ged nach bruidhinn na daoine òga facal dhith. Cha bhuin saoghal a’ mhaoin dhan fheadhainn seo idir, a dh’aindeoin ’s na thèid a ràdh mu “chuideam ga chur air Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd”. Ach a Mhaighstir Salmond, cha chreid mi nach cluinn sibh ach guthan àrda nan urracha mòra. Mhol sibh Sabhal Mòr Ostaig corra uair. Bho na dh’fhiosraich mi fhìn, ma tha SMO aig ‘teas-meadhain cultar Gàidhlig
na h-Alba’, mar a thuirt sibh anuiridh, tha sinn air ar fàgail buileach gun dòchas! Saoil cò fon ghrèin a thug a’ chreidsinn oirbh gu bheil a’ cholaiste na “sàrionad”? Aig a’ char as fheàrr, ’s e cùis-magaidh a th’ anns a’ cholaiste dha mhuinntir na Gàidhlig ann an Slèite agus sa chòrr dhen Eilean; bhiodh e cho math dhith a bhith air taobh thall na gealaich. Cha dèan “Fàs” diofar sam bith, an t-ionad ùr a chosg na h-uimhir agus a
dh’fhosgail sibh fhèin; cha chreid mi nach bi a’ chuid as motha dhe na bhios ag obair na bhroinn a’ bruidhinn ach a’ Bheurla nam measg fhèin — rud nach do dh’ainmich na blurbs aca fhathast, gu h-iongantach! A bheil sinn dha-rìribh feumach air tuilleadh airgid a chosg air TBh Gàidhlig, mar a tha sibh air moladh dhuinn? Tha tòrr dhe na prògraman nach eil ro mhath; gu follaiseach, tha iad gan dèanamh uile-gu-lèir tro mheadhan na Beurla air cùl gnothaich, agus gu tric a-nise air am preseantadh le luchd-ionnsachaidh aig a bheil droch bhlas (blas a’ chrogain!), nì a chuireas dheth mòran dhe na fileantaich. Cha chreid mi gu bheil fianais ann gun do chuir prògraman TBh a-riamh maill air cànan a’ bàsachadh. Tha prògraman rèidio fada nas fheàrr — agus fada nas saoire! Mhol sibh cuideam a chur air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Nise, tha e fìor gu bheil fèill mhòr ga cur air FTMG, ach a-rithist ma thèid sibh nas fhaide
a-steach dhan chùis tha de dh’an-fhois mu dheidhinn, anfhois a chaidh a chumail am falach gu ruige seo. Mar oileanach SMO, is mi a bha thall is a chunnaic, ’s mi a’ dèanamh greis obrach ann an ionad Gàidhlig far an saoileadh sibh gum biodh a’ Ghàidhlig làidir; bha e ri aithneachadh gun robh mòran dhen chloinn gu math troimhe-chèile, agus gu dearbh
cha robh a’ Ghàidhlig aig a’ chuid a bu mhò dhiubh idir siùbhlach. ’S e an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Oilthigh Dhùn Èideann, a thuirt (ann an litir chun a’ Phàipeir Bhig, 2005): ‘Ann an Alba air fad, dh’fhaodadh àireamh na cloinne a mheaste mar fileanta a bhith cho ìosal ri deichnear’. A dh’aindeoin sin, lean e air, chan fhaiceadh e mòran cùram mu bhàs na Gàidhlig am measg na feadhainn a bha ag obair taobh a-staigh an ‘Gaelic bubble’. Chan ann tric a nochdas beagan dhen fhìrinn mun Ghàidhlig sna meadhanan.'
Gheibh thu an litir slan an seo:
http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/dubhlachd08.pdf
An Gàidheal ùr: Litir fhosgailte do chogais Mhgr Salmond
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil Niall ceart gu leòr, gu bheil dà shaoghal Ghàidhlig, fear "oifigeil" aig BnaG amsaa agus fear "traidiseanta" sna h-eileanan. Ach chan eil mi a' tuigsinn carson a sgrìobh e dha PhMh na h-Alba - chan eil mòran Gàidhlig aige.
'S dòcha gun tachair rudeigin coltach ris a' Chuimrigh - tha iad a' bruidhinn Cuimris ann an Sir Gaefyrddin agus Sir Geredigion agus Sir Benfro a Tuath - ach tha iad a' bruidhinn Beurla ann an Sir Benfro a Deas. 'S dòcha gum bi barrachd dhe dhaoine òga a' cleachdachadh Gàidhlig sa Ghearasdan - ach gun tionndaidh an t-Eilean Sgitheanach ann an àite Beurla. "What a charming wee village"...
Nuair a thig daoine a Shasainn - cuideachd a dh'Alba - nach eil Beurla aca, bidh iad ag ionnsachadh beagan - agus gu trath mòran - den chànan sin. Carson? Oir nach eil cànan eile ri fhaighinn an sin. Faodaidh sinn sin a dhèanamh sna sgirean Gàidhlig - mura bi Gàidhlig aig na daoine ùra, bheir sinn seirbheisean eadar-theangachaidh dhaibhesan. Cha bhi seirbheis Bheurla ann. Sin mar a bheil rudan ann an Sasainn - chan eil seirbheis ACH seirbheis Bheurla ann - agus ionnsichidh daoine ùra Beurla.

Tha seo cho truagh sa gabhas.
Tha mi air a fasadh seach seirbh sgith a leughadh/eistadh dhan bheachdan mar seo. Thill mi a dh'Alba 5 bhliadhna air ais. Cha robh Achd na Gàidhlig ann. Cha robh BBC Alba ann. S'iongtach dhomh cho mor sa bha an atharrachan agus fas a tighinn dhan Gaidhlig anns an beagan lathaichean a bh’ann.
Gun teagamh, tha an t saoghal Gaidhlig ag atharrachadh. Sgionniel. Tha feum aice air. Tha an t saoghal air fad ag atharrachadh.
Tha suidheachadh gu math eadar dhealaichte aig gach oisean na Gàidhlig; anns an bhaile mhòr, aig iomall na dùthcha, leis an luchd ionnsachaidh agus and choimhearsnachd fileanta. Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi mi-cinnteach nan bhiodh tuigse agam riamh anns an t saoghal leibhse. Cha robh mi riamh ach aig iomall an t saoghal Gàidhlig traidiseanta. Far an robh mo cheann làn leis an sgeulachdan na sìthein a dh’fhuirich ann an cnocan nuair a bha mi nas b òige, uaireannan tha an t saoghal Gàidhlig traidiseanta nas coigreach dhomh nan sgeulachdan sìthein.
Ach anns an aon dòigh, tha e soilleir nach eil tuigse agaibh anns an t saoghal leamsa. Anns an t saoghal leamsa, rinn sinn deagh adhartas.
Bhon uair a thàinig BBC Alba, bha Gàidhlig ga cluinntinn tòrr nas trice anns an taigh againn. Tha taic airgid ri fhaotainn airson clubaichean chlann mar shradagan ‘s eile nach robh ann ro làimh. Tha an àireamh na chlann a tòiseachadh aig an Sgoil Gàidhlig a fasadh nas motha gach bliadhna. Tha barrachd ‘s barrachd luchd ionnsachaidh a tighinn dhan cànan gach bliadhna.
Cha bu choir sibh a cuir an adhbhar na suidheachadh Gàidhlig traidiseanta aig casan nan adhartas a rinn sinn anns an t saoghal leamsa, an rudan s’ dòighean ur airson t saoghal ur.
Tha cothroman gu leòr ag gach choimhearsnachd airson adhartas a dhèanamh an diugh. Chan eil cnap starra againn ach anns ar mac-meanmna fhèin. Ma tha sibh airson suidheachadh nas fhear ag steidheachadh airson an t saoghal agaibh fhèin, thalla leibhse. Gheibh sibh mo thaic agus cobhair ma tha sibh ga h iarraidh.
Ach, Stad ag Gearran.