An Gàidheal ùr: Litir fhosgailte do chogais Mhgr Salmond
Posted: Wed Dec 24, 2008 2:35 pm
Tha mise air a bhith leughadh An Gàidheal ùr as ùire agus gu h-àraidh roinn 'An t-àrd-ùrlar fosgailte' tha litir fhosgaitle do chogais Mhgr Salmond le Niall MacRath. Seo pàirt dhith:
'An tug sibh a-riamh an aire, a Mhaighstir Salmond, gu bheil dà shaoghal Gàidhlig san latha an-diugh? Sa chiad àite, agus a’ sìor dhol am meud, tha saoghal a’ mhaoin, saoghal nam buidhnean Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig aig an ceann. Chan aidich an saoghal seo staid uabhasach
a’ chànain; tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil eagal ro-mhòr air a’ mhuinntir seo gun rachadh na cosnaidhean aca a thoirt bhuapa nan aideachadh. ’S e coup a bh’ ann dhaibh am Prìomh Mhinistear a thoirt cuide riutha, agus nach ann acasan a tha de dh’airgead airson fiosrachadh meallta a sgaoileadh dha na meadhanan; nach fhaodamaid na b’ fheàrr a shùileachadh mar thoradh air na cìsean a phàigh sinn. Ach chan eil an saoghal seo ach fuadain, neo-sheasmhach. Agus an uair sin tha an seann saoghal Gàidhlig, a tha a-nise air fàs fìor chugallach; an fheadhainn aig a bheil a’ Ghàidhlig bhon dualchas, daoine uile caran suas ann am bliadhnaichean, a’ fuireach far an robh iad a-riamh san Eilean Sgitheanach agus sna h- Eileanan an Iar, anns na bailtean beaga far a bheil làmh an uachdair a-nise leis a’ Bheurla; mòran de nàbaidhean nan in-imrich à Machair Alba ’s à Sasainn, ach grèim rag aca fhathast air an cànan beothail ’s iad ga cleachdadh air a h-uile cothrom a gheibh iad
— ged nach bruidhinn na daoine òga facal dhith. Cha bhuin saoghal a’ mhaoin dhan fheadhainn seo idir, a dh’aindeoin ’s na thèid a ràdh mu “chuideam ga chur air Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd”. Ach a Mhaighstir Salmond, cha chreid mi nach cluinn sibh ach guthan àrda nan urracha mòra. Mhol sibh Sabhal Mòr Ostaig corra uair. Bho na dh’fhiosraich mi fhìn, ma tha SMO aig ‘teas-meadhain cultar Gàidhlig
na h-Alba’, mar a thuirt sibh anuiridh, tha sinn air ar fàgail buileach gun dòchas! Saoil cò fon ghrèin a thug a’ chreidsinn oirbh gu bheil a’ cholaiste na “sàrionad”? Aig a’ char as fheàrr, ’s e cùis-magaidh a th’ anns a’ cholaiste dha mhuinntir na Gàidhlig ann an Slèite agus sa chòrr dhen Eilean; bhiodh e cho math dhith a bhith air taobh thall na gealaich. Cha dèan “Fàs” diofar sam bith, an t-ionad ùr a chosg na h-uimhir agus a
dh’fhosgail sibh fhèin; cha chreid mi nach bi a’ chuid as motha dhe na bhios ag obair na bhroinn a’ bruidhinn ach a’ Bheurla nam measg fhèin — rud nach do dh’ainmich na blurbs aca fhathast, gu h-iongantach! A bheil sinn dha-rìribh feumach air tuilleadh airgid a chosg air TBh Gàidhlig, mar a tha sibh air moladh dhuinn? Tha tòrr dhe na prògraman nach eil ro mhath; gu follaiseach, tha iad gan dèanamh uile-gu-lèir tro mheadhan na Beurla air cùl gnothaich, agus gu tric a-nise air am preseantadh le luchd-ionnsachaidh aig a bheil droch bhlas (blas a’ chrogain!), nì a chuireas dheth mòran dhe na fileantaich. Cha chreid mi gu bheil fianais ann gun do chuir prògraman TBh a-riamh maill air cànan a’ bàsachadh. Tha prògraman rèidio fada nas fheàrr — agus fada nas saoire! Mhol sibh cuideam a chur air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Nise, tha e fìor gu bheil fèill mhòr ga cur air FTMG, ach a-rithist ma thèid sibh nas fhaide
a-steach dhan chùis tha de dh’an-fhois mu dheidhinn, anfhois a chaidh a chumail am falach gu ruige seo. Mar oileanach SMO, is mi a bha thall is a chunnaic, ’s mi a’ dèanamh greis obrach ann an ionad Gàidhlig far an saoileadh sibh gum biodh a’ Ghàidhlig làidir; bha e ri aithneachadh gun robh mòran dhen chloinn gu math troimhe-chèile, agus gu dearbh
cha robh a’ Ghàidhlig aig a’ chuid a bu mhò dhiubh idir siùbhlach. ’S e an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Oilthigh Dhùn Èideann, a thuirt (ann an litir chun a’ Phàipeir Bhig, 2005): ‘Ann an Alba air fad, dh’fhaodadh àireamh na cloinne a mheaste mar fileanta a bhith cho ìosal ri deichnear’. A dh’aindeoin sin, lean e air, chan fhaiceadh e mòran cùram mu bhàs na Gàidhlig am measg na feadhainn a bha ag obair taobh a-staigh an ‘Gaelic bubble’. Chan ann tric a nochdas beagan dhen fhìrinn mun Ghàidhlig sna meadhanan.'
Gheibh thu an litir slan an seo:
http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/dubhlachd08.pdf