Beachd aig Màrtain Dòmhnallach air a' chuspair seo:
'IS GANN a chreidinn mo shuilean nuair a leugh mi fear dhe na cinn-
naidheachdan air duilleig aghaidh a' phaipeir seo air an t-seachdain
seo chaidh. "Plans for all-Gaelic community unveiled" thuirt e rium
ann an dubh is geal agus Beurla. Bhiodh e furasda gu leoir dhomh
Gaidhlig a chur air na faclan sin ach chan eil mi a' faicinn carson a
bhodraiginn. Tha droch amharas agam nach deach cnuasachd dhomhainn
sam bith a dheanamh air na planaichean mus deach an toirt am follais.
Tha e coltach gun deach am foillseachadh ann an taigh-osda Ramada
Jarvis an Inbhirnis fo bhratach buidheann ris an canar Till. Bha 11
dhaoine an lathair, a reir an naidheachd. Ach ma bha an sluagh tearc
is lom bha na planaichean reamhar is lionmhor - agus a' dol buileach
air slighe chearr `nam bheachd-sa.
Se Fionnlagh MacLeoid, a th'air a bhith an sas ann an iomadach
oidhirp air ar canan a bhrosnachadh fad ioma bliadhna a nise - gu h-
araid le CLI, am buidheann son luchd-ionnsachaidh - fear dhe na
daoine a tha ris an iomairt ur seo. Chan eil teagamh sam bith mu
dhealasachd Fhionnlaigh dhan Ghaidhlig. Tha e an ire mhath air a
bheatha a choisrigeadh rithe. Agus cha mhotha a tha teagamh ann gum
bheil e air moran feum a dheanamh.
Tuigidh mi cuideachd an iomagain a tha air fhein is a chairdean ann
an Till mu staid na canain. A dh'aindeoin gach adhartas a rinneadh
anns na 30 bliadhna a dh'fhalbh, gu h-araid a thaobh foghlam agus
craoladh, chan eil sluagh na canain ach gu math breac air taobh siar
na Gaidhealtachd is nan eilean far an robh iad uair gu math dumhail.'
Tuilleadh air làrach Press and Journal:
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/997528