Coinneachadh an an Glaschu?

Càil sam bith eile / Anything else
Tòmas
Posts: 4
Joined: Sat Oct 13, 2007 8:37 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Connecticut, USA
Contact:

Coinneachadh an an Glaschu?

Unread post by Tòmas »

Ò mì ò maidh, dè thachair ris an t-seann-fhòram? (Carson a bhios an uimhir a thrioblaid aig fòraman Gàidhlig air loidhne? :))

Co-dhiù, tha fhios agam nach robh mi mun cuairt airson ùine fhada, ach bidh mi ann an Glaschu fad dà latha, Diluain agus Dimàirt, an 22 agus 23 dhen Dàmhair. Am bu toil le duine sam bith coinneachadh ri chèile airson pinnt no dìnneir no rudeigin? Gràisg? Coinneach? Mona?
Rù-ra
Posts: 43
Joined: Fri Sep 21, 2007 4:38 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Muile, Alba

Re: Coinneachadh an an Glaschu?

Unread post by Rù-ra »

Tòmas wrote:bidh mi ann an Glaschu fad dà latha, Diluain agus Dimàirt, an 22 agus 23 dhen Dàmhair.
Och, 's bochd sin. :( Bidh mise ann an Glaschu fad dà latha cuideachd, ach bidh mi ann 19mh & 20mh dhen Dàmhair.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Tha mi duilich Thòmais tha sin ro fhada air falbh bhuamsa - ach ma bhios tu a riamh faisg air Inbhir Narann, gabhaidh sinn pinnt gu dearbh :)
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Fàilte air ais, a Thòmais!

Chaidh a h-uile freeBB sìos gu mì-fhòrtanach. Bha am fòram ro shlaodach sna seachdainean mu dheireadh agus an uair sin dhùin iadsan e, tha e coltach ris.

Tha tèid am fòram seo air falbh nuair a bhios mi beò :x
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

Math d' fhaicinn!! Uill bidh mi ann an Glaschu ag obair tron là Diluain agus Dimàirt. Tha mi trang Oidhche Mhàirt ach saor gu 7 uairean no mar sin feasgar Diluain. No dh’fhaodadh tu tighinn a-steach dhan oifis, càil sam bith a thogras tu....
http://www.cnag.org.uk/ardeanadas/deas/
Tòmas
Posts: 4
Joined: Sat Oct 13, 2007 8:37 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Connecticut, USA
Contact:

Unread post by Tòmas »

Math dha-rìribh, a Choinnich! Cha do chuimhnich mi gun robh thu ag obair aig CnaG. A bheil an oifis agad san aon togalach còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean? Bha dùil agam a dhol a ChNL, oir tha liosta fada agam de leabhraichean Gàidhlig a bha mi ag iarraidh cheannach. Chì mi Diluain thu, tha mi 'n dòchas!
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

Tòmas wrote:A bheil an oifis agad san aon togalach còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean?
Tha, gu math tric bidh daoine tighinn thugainn ag ràdh
"I'm looking for a book by / CD / Mod programme...." agus bidh sinne ag ràdh
"The Gaelic Books Council is next door". Chan faigh iad air na soidhnichean 'gay-lick' a leughadh.
Co-dhiù chì mi Diluain thu 8-)
Tòmas
Posts: 4
Joined: Sat Oct 13, 2007 8:37 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Connecticut, USA
Contact:

Tha mi ann an Glaschu!

Unread post by Tòmas »

...agus tha mi gu math sgìth, 22 uairean a thìde air mo chois gun chadal an-dràsta, ach tha mi a' dol air adhart!

Nise, feumaidh mi Sràid Achadh a' Mhansa fhaighinn ged nach eil mi eòlach air Glaschu idir agus chan eil càil a dh'fhios agam cà bheil i. Ach is dòcha gun gabh mi fras agus norrag ghoirid an tòiseach... ;)
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha e faisg air Lismore pub :ub:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply