Page 1 of 1
Coinneachadh an an Glaschu?
Posted: Sat Oct 13, 2007 8:51 pm
by Tòmas
Ò mì ò maidh, dè thachair ris an t-seann-fhòram? (Carson a bhios an uimhir a thrioblaid aig fòraman Gàidhlig air loidhne?

)
Co-dhiù, tha fhios agam nach robh mi mun cuairt airson ùine fhada, ach bidh mi ann an Glaschu fad dà latha, Diluain agus Dimàirt, an 22 agus 23 dhen Dàmhair. Am bu toil le duine sam bith coinneachadh ri chèile airson pinnt no dìnneir no rudeigin? Gràisg? Coinneach? Mona?
Re: Coinneachadh an an Glaschu?
Posted: Sat Oct 13, 2007 9:21 pm
by Rù-ra
Tòmas wrote:bidh mi ann an Glaschu fad dà latha, Diluain agus Dimàirt, an 22 agus 23 dhen Dàmhair.
Och, 's bochd sin.

Bidh mise ann an Glaschu fad dà latha cuideachd, ach bidh mi ann 19mh & 20mh dhen Dàmhair.
Posted: Mon Oct 15, 2007 7:24 pm
by Gràisg
Tha mi duilich Thòmais tha sin ro fhada air falbh bhuamsa - ach ma bhios tu a riamh faisg air Inbhir Narann, gabhaidh sinn pinnt gu dearbh

Posted: Wed Oct 17, 2007 12:27 pm
by GunChleoc
Fàilte air ais, a Thòmais!
Chaidh a h-uile freeBB sìos gu mì-fhòrtanach. Bha am fòram ro shlaodach sna seachdainean mu dheireadh agus an uair sin dhùin iadsan e, tha e coltach ris.
Tha tèid am fòram seo air falbh nuair a bhios mi beò

Posted: Wed Oct 17, 2007 11:35 pm
by Coinneach Cìr
Math d' fhaicinn!! Uill bidh mi ann an Glaschu ag obair tron là Diluain agus Dimàirt. Tha mi trang Oidhche Mhàirt ach saor gu 7 uairean no mar sin feasgar Diluain. No dh’fhaodadh tu tighinn a-steach dhan oifis, càil sam bith a thogras tu....
http://www.cnag.org.uk/ardeanadas/deas/
Posted: Thu Oct 18, 2007 12:25 pm
by Tòmas
Math dha-rìribh, a Choinnich! Cha do chuimhnich mi gun robh thu ag obair aig CnaG. A bheil an oifis agad san aon togalach còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean? Bha dùil agam a dhol a ChNL, oir tha liosta fada agam de leabhraichean Gàidhlig a bha mi ag iarraidh cheannach. Chì mi Diluain thu, tha mi 'n dòchas!
Posted: Thu Oct 18, 2007 1:40 pm
by Coinneach Cìr
Tòmas wrote:A bheil an oifis agad san aon togalach còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean?
Tha, gu math tric bidh daoine tighinn thugainn ag ràdh
"I'm looking for a book by / CD / Mod programme...." agus bidh sinne ag ràdh
"The Gaelic Books Council is next door". Chan faigh iad air na soidhnichean 'gay-lick' a leughadh.
Co-dhiù chì mi Diluain thu 
Tha mi ann an Glaschu!
Posted: Mon Oct 22, 2007 11:11 am
by Tòmas
...agus tha mi gu math sgìth, 22 uairean a thìde air mo chois gun chadal an-dràsta, ach tha mi a' dol air adhart!
Nise, feumaidh mi Sràid Achadh a' Mhansa fhaighinn ged nach eil mi eòlach air Glaschu idir agus chan eil càil a dh'fhios agam cà bheil i. Ach is dòcha gun gabh mi fras agus norrag ghoirid an tòiseach...

Posted: Mon Oct 22, 2007 12:38 pm
by Coinneach Cìr
Posted: Tue Oct 23, 2007 5:31 pm
by GunChleoc
Tha e faisg air Lismore pub
