Bliadhn’ Ùr làn do chothroman

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Bliadhn’ Ùr làn do chothroman

Unread post by Gràisg »

Aonghas Dòmhnallach sa Phress and Journal

'THA Nollaig eile seachad agus tha sinn a-nise coimhead air adhart ris a’ Bhliadhn’ Ùr. ’S e Bliadhn’ Ùr dhuilich a tha gu bhith ann do dhaoine th’air an cosnadh a chall, agus chaneil cinnt sam bith cuin a thig atharrachadh air an economaidh. Tha mi’n dochas nach teid cùisean cho dona sa bha’d a’s na 30s. Tha’d ag radha g’eil iad air ionnsachadh bho na sin, ach nach iongantach nach do ionnsaich iad gur e dìreach an aon dhol a-mach a bh’aca mas d’thainig a’ bhrag an uairsin ’s a bh’aca dhan turus sa. Daoine ’g innse nam breug, a’ mì-bhuileachadh sa mì-chleachdadh airgiod dhaoin’ eile, agus a’ smaoineachadh nach deadh an glacadh a’ chaoidh. Bhiodh e inntinneach faicinn program telebhisean air Brag 1929, mar a thachair e agus de chaidh a dheanamh airson an economaidh ath-bheothachadh, agus coimeas a dheanamh ris mar a thachair dhan turus sa, agus ciomar bu choir piseach a thoirt air a’ chùis.'

Gheibear tuilleadh an seo:
http://www.pressandjournal.co.uk/Articl ... 0?UserKey=
Post Reply