Page 1 of 2

Ceist àraid

Posted: Thu Oct 18, 2007 2:10 pm
by Coinneach Cìr
An aithne dhuibhse duine sam bith seach mise aig a bheil deagh Ghàidhlig a bhios a dèanamh Tae Kwon Do no martial art eile? Feumaidh mi eadar theangachadh a dhèanamh agus cha mhath dhomh tòrr ùine a chosg gun cuideigin eile sùil a thoirt air m' obair....

Posted: Thu Oct 18, 2007 2:19 pm
by GunChleoc
Rinn mise Tae Kwon Do o chionn fada ach chan eil Gàidhlig math agam :roll:

Posted: Thu Oct 18, 2007 2:32 pm
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:Rinn mise Tae Kwon Do o chionn fada ach chan eil Gàidhlig math agam :roll:
Chan eil no Gàidhlig mhath. :priob:
Ceud taing co-dhiù.

Posted: Thu Oct 18, 2007 6:24 pm
by GunChleoc
Coinneach Cìr wrote:Gàidhlig mhath
Mar a thuirt mi :lol: :lol:

tl :flur:

Posted: Thu Oct 18, 2007 10:31 pm
by iolair
Halo,

Tha mi a' deanamh martial arts eile airson fichead bliadhna, ach chan eil deagh Ghaidhlig agam. Tha e cinnteach gu bheil mi nas fhearr air martial arts na air Gaidhlig.

Maybe I can help if you have a particular question.

Posted: Fri Oct 19, 2007 9:52 am
by Coinneach Cìr
iolar: Dè na fheadhainn a bhios sibh a dèanamh?

Chaidh iarraidh orm Gàidhlig a cuir air gluasadan a bhios againn ann an Tae Kwon Do. Mar sin dheth ma tha beachd agaibh dè a' Ghàidhlig a bhiodh air "Straight Fingertip Thrust" bhiodh sin feumail. Tha tòrr aca ann.

Posted: Fri Oct 19, 2007 2:09 pm
by iolair
Madainn mhath,

Tha mi duilich. Chan urrainn dhomh a toirt cuideachadh duibh.

Tha mi a' deanamh aikido agus iaido. 'S ann a Iapan a th' annta.

Anns an dojo againne tha sinn a' cleachadh faclan Iapainis (?) airson attacks, defenses, agus mar sin air adhart.

Mar eisemplir, 's e "tsuki" airson "straight thrust", ach chan eil sinn ag radh "straight thrust" riamh.

And different schools where tran*** are used don't agree on the same phrasing.

Mar sin, tha mi a' smaoineachadh nach biodh e cearr, "to wing it".

Posted: Fri Oct 19, 2007 2:43 pm
by Coinneach Cìr
iolair wrote:Tha mi duilich. Chan urrainn dhomh a toirt cuideachadh duibh.
'S ann a Iapan a th' annta.
Chan urrainn dhomh cuideachadh a toirt dhuibh.
'S ann à Iapan a tha iad.


Tha sin ceart gu leòr, ceud taing. Chan eil a dhìth orm ach cuideigin aig a bheil beagan eòlas air an suidheachadh air sgàth 's nach eil e a còrdadh rium a bhi dèanamh obair mar seo nam aonar. Co-dhiù, chì mi ciamar a thèid dhomh, 's dòcha gum faigh mi cuideigin ann an Alba fhathast. :)

Posted: Sat Oct 20, 2007 1:53 am
by Lughaidh
Chleachd mise aikido air feadh còrr is 12 bhliadhna, agus bha eòlas math aigheam air beagan mhartials arts eile cuideachd.

Straight Fingertip Thrust = Sàthadh dìreach meòire ?

Nukite a tha ann am Fingertip Thrust san Iapainis.

Posted: Sat Oct 20, 2007 12:36 pm
by An Gobaire
A Choinnich,

Ma bheir thu dhomh na faclan Iapanais airson nan gluasadan, bheirinn fhìn dhuit ciall gach fear dhiubh facal air an fhacail ann am Beurla, cho fad 's as urrainn dhomh.
Dh'fhaoidte gum biodh sin na chuideachadh ann a bhith a' cur Gàidhlig air a' Bheurla.

Posted: Sun Oct 21, 2007 11:25 am
by Coinneach Cìr
Lughaidh wrote:Straight Fingertip Thrust = Sàthadh dìreach meòire ?
Dhèanadh sin a chùis cha creid mi. Ceud taing.
An Gobaire wrote:Ma bheir thu dhomh na faclan Iapanais airson nan gluasadan
Uill nam biodh an leithid agam, 's ann à Korea a tha Tae Kwon Do! Taing mhòr co-dhiù.

Saoilidh mi gur e nì mi an liosta a cuir an seo a-màireach. Dh’fhaodadh sinn uile bruidhinn mu dheidhinn an uair sin. :)

Posted: Tue Oct 23, 2007 4:17 pm
by Coinneach Cìr
Seo na fheadhainn a rinn mi mar-thà, dè ur beachd?

5 Stiùirean de Tae Kwon Do - 5 tenets of Tae Kwon Do

Modh - Courtesy
Onair - Integrity
Leanaltas - Perseverance
Fèin Smachdachaidh - Self Control
Spioraid Seasmhach - Indomitable Spirit

Caisgean - Blocks

Dòighean-seasaimh - Stances

Breaban - Kicks
Breab Air Adhart - Front Kick
Breab Air Ais - Back Kick

Ionnsaidheach - Attacking

Gluasadan Ionnsaidheach - Attacking Techniques

Dìonadach - Defensive

Gluasadan Dìonadach - Defensive Techniques

Dòrn - Punch
Dòrn Air Adhart - Front Punch
Dà Dhòrn Còmhla - Twin Punch
Dòrn Dhùbailte - Double Punch
Dòrn Trì-fillte - Treble Punch

Posted: Tue Oct 23, 2007 4:53 pm
by iolair
Madainn mhath a Choinnich,

Tha ceist agam.

Doighean-seasaimh = stances

A bheil e ceart ann an tae kwon do gu bheil a h-uile "stance" an doigh-seasaimh?

Tha sinn a' cleachdadh "crouching" no "kneeling" ann an aikido no iaido, gu h-araidh ann an iaido. (Uill, 's docha nach eil iad "stances"!)

Posted: Wed Oct 24, 2007 9:52 am
by Coinneach Cìr
iolair wrote:A bheil e ceart ann an tae kwon do gu bheil a h-uile "stance" an doigh-seasaimh?
Gu ruige seo tha mi air a bhi nam sheasamh fad ’s a bha mi dèanamh gluasadan 'oifigeil' ann an Tae Kwon Do. Ach ’s dòcha gu bheil rudeigin ann far a bheil thu breabadh air an làr mar gum biodh, gus an tuit an neach a bhualas tu. Chan eil mi cinnteach ma 's e "stance" a dh’èibhadh tu air sin sa Bheurla nas motha.
Co-dhiù ma tha beachdan sam bith eile agaibh mu dheidhinn de a’ Ghàidhlig a bhiodh air "stance" bhiodh sin sgoinneil.

’S dòcha nach eil mi air a h-uile càil a litreachadh dòigheil gu h-àrd....

Posted: Wed Oct 24, 2007 12:09 pm
by iolair
Madainn mhath,

Tha sinn ag radh "posture" sa Bheurla, aig amannan, suidheachadh aig toisich a gluasadh a thuaraisgeul. Tha an facal seo a' cur san aireamh a h-uile cail: seasamh no suidhe, ullamh airson sabaid no lasaich. Chan eil fhios agam de a chanas iad "posture" sa Ghaidhlig.