’S e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach – ‘s e sin sean fhacal a tha Màrtainn Dòmhnallach a’ cleachdadh anns a’ phìos aige: ‘Mur gabhar an cothrom gabhar ceum air ais’
Tha Màrtainn Dòmhnallach air artagail eile a sgrìobhadh sa Phress and Journal agus tha e a’ togail ceist cudromach co-cheangailte le toradh a bhios againn ann an ùine nach bi fada bho phlana na Gàidhlig. ’S e sin ri ràdh an gabh na Gaidheil ris na cothroman ùra gus a bhith dealachadh le na h-ùghdarrasan? O chionn trì bhliadhna sgrìobh mi litir dhan phàrlamaid agus fhuair mi freagairt sa chanain agus tha mi eòlach air feadhainn eile a ghabh an aon cothrom ach nuair a thig e dha na fòraim an tèid sinn a’ chuis an dà chuid neach ionnsachaidh agus fileantaich? Am bi sinn a’ bodraigeadh? Dè do bheachd fhèin?
Thuirt Màrtainn:
‘Se an duilgheadas an t-ionnsachadh og, neo a thaobh a’ ghnothaich seo is docha gum bu choir dhomh a radha cion an ionnsachaidh og. Cha do lion mise riamh foirm neo bileag-fiosrachaidh de sheorsa sam bith bho bhuidheann sam bith ann an Gaidhlig. Ciamar a b’urrainn dhomh is gun an leithid ann?
Leis an fhirinn innse bha duilgheadas gu leoir agam fiachainn ri an lionadh ann am Beurla, a chionn’s nach robh mi buileach a’ tuigsinn an seorsa Beurla a bhathar mar bu trice a’ cleachdadh anns na ceistean. Cha b’e cainnt shimplidh sam bith a bh’ann ach cainnt cleireachais a tha gu ire mhoir, tha mi a’ tuigsinn, air a bhonntachadh air cainnt laghail. Cha mhor nach b’e breitheamh curta a dh’fheumadh a bhith unnad son na bileagan a thuigsinn.’
’S e deagh phuing a tha sin, tha fòraim oifigeach a’ cur eagail mo bheatha orm agus gun thaic bho mo chèile saoilidh mi nach dèanadh mi a’ chuis a h-uile turas. A bharrachd air sin chan eil gainnead de dhaoine a thèid do chàirdean no fiù ‘s an Citizen’s Advice gus taic fhaighinn leis a leithid.
Tha Mgr Dòmhnallach a’ faicinn trioblaid eile air faire. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gum bi nàmhdean a’ cumail sùil air na statistigs? Sgrìobh e:
‘An ceann dha neo tri bhliadhnaichean faodaidh sinn a bhith cinnteach gun eirich cuideigin am parlamaid Dhun-eidinn (neach nach eil ro chairdeil dhan Ghaidhlig, is tha iad ann ged nach eil iad ro nochdte an drasda) is gum foighnichd e/i cia-meud duine a chleachd an sochair ur seo anns a’ bhliadhna dh’fhalbh is de na chosg e do sporan an riaghaltais?
Mas e am freagairt nach do chleachd ach leth-dusan neach is gun do chosg an sochair a bhith ann na miltean not, smaoinich air a’ bhuille a bhiodh an sin dhuinn. A thaobh bileagan oifigeil a lionadh feumaidh sinn cleas ur ionnsachadh - fiu’s nar seann n-aois.’
Mholainn an t-artagail agus a’ Ghàidhlig a tha ri leughadh a h-uile seachdain sa phàipear:
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/1056117
.
' ’S e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach '
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Sin an duilgheadas 's dòcha: an toir sinn sùil eagallach air dè chanadh càch, no an dèan sinn na tha sinne a' smaoineachadh agus gum biodh e feumail airson tuilleadh measaidh a thoirt air a' chànan le luchd na Gàidhlig fhèin?
Discuss
Discuss

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam