Cunntas-sluaigh 2011

Càil sam bith eile / Anything else
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Cunntas-sluaigh 2011

Unread post by *Alasdair* »

Language

3.49 In 2001, the census asked whether people could understand, speak, read or write Scottish Gaelic. The 2011 Census will ask for the same information, which will be used to measure the change in Gaelic language proficiency, used in policy development and monitoring and in local service provision. But there is a clear demand for information about fluency in English and use of other languages. Notable among these is the Scots language, which is present in a range of distinct variants throughout the country, and British Sign Language, which is used as a first or second language by many deaf people. Due to the strength and variety of user need for information, three questions on language will be included. The questions will gather information on Gaelic and English language proficiency, ability in spoken English and use of languages, other than English, at home (including options for Scots and British Sign Language).
Inntinneach. Tha e math a bhith a' faicinn gu bheil iadsan ag iarraidh na h-àireamhan de luchd-labhairt de dh'Albais, ach 's dòcha bidh daoine a' cur sìos gu bheil Albais aca ma tha iad dìreach ag ràdh facal no dhà... Chan eil standard ann airson Albais so chan eil duine sam bith cinnteach dè tha "fileantas" a' ciallachadh...
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Am bi cothrom airson foirm chunntais fhaighinn sa Ghaidhlig?
Angus Òg
Posts: 7
Joined: Sun Jan 11, 2009 9:42 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba

Cunntas sluaigh ann an Gàidhlig

Unread post by Angus Òg »

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Cunntas wrote:Neach 16 - 18
Carson a tha ceistean mu chànanan ann?
Is e a’ Bheurla prìomh chànan na h-Alba. An dèidh sin, 's e cànan eile a tha aig tòrr dhaoine mar chànan na màthar aca agus bidh am fiosrachadh mun ìre seo agus mu fhileantas ann am Beurla a' cuideachadh gus solar sheirbheisean a dhealbhachadh, mar eisimpleir, seirbheisean eadar-theangachaidh.

Neach 16
A bheil sibh a’ tuigsinn, a’ bruidhinn, a’ leughadh no a’ sgrìobhadh Beurla no Gàidhlig?
Cuiribh diog sna bogsaichean a tha iomchaidh. Cuiribh diog ann an “chan eil gin” mas e nach eil sibh a’ tuigsinn Beurla no Gàidhlig.

Neach 17
Dè cho fileanta agus a tha sibh sa Bheurla?
Na cuiribh diog ach ann an aon bhogsa.

Neach 18
A bheil sibh a’ bruidhinn cànan seach Beurla aig an taigh?
Cuiribh diog sna bogsaichean uile a tha iomchaidh agus sgrìobhaibh a-steach freagairt ma tha e iomchaidh.

Dè th’ anns a’ Bheurla Ghallta?
Tha a’ Bheurla Ghallta (uaireannan, ‘Albais’) na cànan a bhathas a’ bruidhinn ann an ceàrnaidhean de dh’Alba agus a thàinig bho chaochladh àiteachan, nam measg Northumbrian, Gearmailtis agus Lochlannais. D’fhaodadh tu “A’ Bheurla Leathann” no “Or an leid” a ghabhail oirre cuideachd. Am measg dual-chainntean na Beurla Ghallta tha Beurla Ghallta na Machrach, Doric, Aracais, Sealtainnis, cainnt Ghlaschu agus Beurla Ghallta nan Crìochan.

Dè th’ ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn?
Is e th’ ann an Cànan Balbhanachd Bhreatainn (CBB) an modh as bitheanta gus conaltradh a dhèanamh le comharraidhean eadar daoine a tha bodhar san Rìoghachd Aonaichte.

Tha nithean a bhuineas do na làmhan agus do nithean eile gan cleachdadh ann: cumaidhean agus gluasadan làimhe, fiamhan aodainn agus gluasad nan guaillean. Tha CBB air a stèidheachadh air an dòigh aige fhèin agus, mar a th' aig a h-uile cànan, tha a ghràmar fhèin aige.
Cunntas wrote:A bheil eadar-theangachaidhean den cheisteachan rim faotainn?
Tha eadar-theangachaidhean de cheistean a’ Chunntais rim faotainn sna cànanan seo a leanas:

Arabais
Bengali
Cantonais
Farsi
Filipinis
Fraingis
Hindi
Pòlainnis
Punjabi
Turcais
Urdu

Faodar iad seo a luchdachadh a-nuas bhon làraich seo no faodar cruth ann am pàipear fhaotainn le bhith cur feum air a’ Ghoireas-fhiosrachaidh Dhealanach.

Air mhodh eile, cuiribh fios gu loidhne-chuideachaidh a’ chunntais air 0845 603 1823 no fòn-teacsa air 0845 603 1824.

Tha barrachd taice a thaobh cànain ri fhaotainn cuidaechd le bhith cur fios gu loidhne-chuideachaidh air na h-àireamhan gu h-àrd.
Seo as a' Chunntas-Shluaigh. Chan eil mi cinnteach air na dh'fhaighnich mi roimhe fhathast.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Neach a' Chunntais wrote:Mòran taing airson an teachdaireachd agad a chur thu thugainn air siostam eileagtronaigeach an larach-lin.
Tha ro-chunntas-sluaigh a gabhail aite air a mhios seo ann a Taobh an Iar Dhùn Èideann agus Leòdhas agus na Hearadh. Gheibh feadhainn anns an dà aite sin, aig a bheil Còd Sònraichte airson an larach-lion air na ceisteachain aca, an cothrom dhol air loidhne agus na ceisteachain aca lìonadh a-staigh anns a Ghàidhlig no anns a Bheurla. Se Oifis na Staitistearachd Nàiseanta (ONS) aig a bheil uallach airson obair a' chunntais-sluaigh ann a Sasainn agus a' Chuimrigh agus gheibhear tuilleadh fiosrachadh air www.ons.gov.uk <http> Ma tha fiosrachadh a bharrachd a dhith oiribh, cuiribh fios air àis thugainn air a' sìostam eileagtronaigeach.
Liodhne Taice Chunntais-sluaigh
Oifis Choitcheann a' Chlaraidh airson Alba
Uill, chan eil mòran Gàidhlig agamsa - agus cha bhi mi ga cleachdadh ceart a h-uile uaine co-dhiù - ach chan eil me glè impressed leis an seo. Ach uill, 's ann sa Ghàidhlig a sgrìobh iad sbo (dè a' Ghàidhig air sin? Cleachdaidh sinn "sbo" sa Chuimris airson "suppose so")
Post Reply