Làrach-lìn ùr Beag air Bheag

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
ruighean

Làrach-lìn ùr Beag air Bheag

Unread post by ruighean »

Tha an làrach-lìn ùr Beag air Bheag air a bhith a chur air bhog an-diugh: http://www.bbc.co.uk/beagairbheag

Fios naidheachd:
LÀRAICH-LÌN ÙR BHO BBC ALBA

Tha an làrach-lìn aig BBC ALBA, Beag air Bheag air a bhith air a cur air bhog às ùr an-diugh, (Diardaoin) le dreach ùr taitneach agus ionadan is fiosrachadh a bharrachd air a chur rithe.

Tha an làrach http://www.bbc.co.uk/beagairbheag ag amas air an cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh eòlas a chur air a’ Ghàidhlig, beag air bheag. Am measg gu leòr eile, gheibh daoine an cothrom èisteachd ri facail, abairtean, seanfhacail agus òrain Ghàidhlig.

Chaidh an làrach a chur air bhog airson a’ chiad turas ann an 2001 agus ‘s i aon de na làraich as measail air a bheil daoine de na tha ri fhaotainn do luchd-ionnsachaidh air làrach Ghàidhlig a’ BhBC, a bhios a’ faighinn timcheall air 28,000 cliog sa mhìos.

Chaidh an t-ionnsachadh a th’ air Beag air Bheag a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain a tha aithnichte tro na sreathan rèidio Litir do Luchd-ionnsachaidh agus An Litir Bheag, prògraman do luchd-ionnsachaidh a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gàidheal agus rim faotainn mar podcasts tron làraich.

Chaidh earrannan ùra a dhealbh agus chaidh cur ri na h-ionadan ionnsachaidh a bha mar-thà stèidhichte. Tha iad seo uile a’ toirt cothrom don luchd-ionnsachaidh èisteachd ri fuaimean na Gàidhlig, ionnsachadh mu ghràmar agus tuigs fhaighinn air ciamar a bu chòir fuaimean a làimhseachadh. Faodar cuideachd còig òrain Ghàidhlig ionnsachadh le taic bhidio bho Shìneag Nic an t-Saoir a choisinn Bonn Traidiseanta a’ Mhòid ann an 2006 agus tha beagan spòrs an cois na làraich le dràma goirid air am faod luchd-ionnsachaidh am beachd fhèin a thoirt seachad.

Thuirt Una NicDhòmhnaill, Neach-deasachaidh aig BBC Gàidhlig: ”’S i làrach fìor mhath a tha seo a tha a’ freagairt air luchd-ionnsachaidh aig gach ìre. Bheir i taic don fheadhainn a tha a’ cleachdadh clasaichean airson ionnsachadh agus cuideachd do leithid phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Ghàidhlig. Thairis air na bliadhnaichean, tha an làrach air a bhith air leth soirbheachail agus tha i air taic a thoirt do dh’ iomadh neach a tha air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Le ionadan ùra agus earrannan ùra, tha seo a’ toirt an tuilleadh chothroman don luchd-ionnsachaidh.”

Tha Beag air Bheag air iomadh neach-ionnsachaidh a bhrosnachadh, leithid Calum Kirk à Glaschu.

Thuirt Calum Kirk: “Às aonais Beag air Bheag, bhiodh e air a bhith gu math doirbh dhòmhsa còmhradh a dhèanamh ri caraidean nuair a bha mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh agus ann am Barraigh bho chionn ghoirid. Tha e gu math doirbh a’ Ghàidhlig a thuigsinn aig amannan agus uaireannan bidh dà chiall aig cuid a dh’fhacail. Ach tro bhith a’ cleachdadh na làraich, thàinig agam air barrachd a thuigsinn agus tha mi a-nise nas misneachail.”

“Tha mi air Gàidhlig a chleachdadh air clàr ciùil agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cleachdadh Beag air Bheag airson cur ri mo thuigse den chànan, gu h-àraidh le clàr ùr a’ tighinn a’ mach bhon chòmhlan againn ro dheireadh na bliadhna, ‘s tha sinn an dòchas Gàidhlig a chleachdadh air a’ chlàr!”

Cuide ri Beag air Bheag, tha podcasts rim faotainn gach seachdain, Litir do Luchd-ionnsachaidh agus An Litir Bheag. Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh mar is trice am measg nan trì podcasts as motha air a bheil meas ann am BBC Nations and Regions. Gheibhear na podcasts tro http://www.bbc.co.uk/podcasts/radionangaidheal

Cuideachd air fhoillseachadh tha làrach-lìn ùr co-cheangailte ris an t-sreath rèidio Facal Oirbh, le fiosrachadh mu bhriathrachas 's mu ghnàthasan-cainnt na Gàidhlig, mu chleachdaidhean 's mu chreideasan nan Gàidheal. Air an làraich, chithear agus cluinnear fiosrachadh bhon phrògram as ùire. Gheibhear cuideachd fiosrachadh bho na prògraman a chaidh a-mach roimhe. Chithear an làrach aig http://www.bbc.co.uk/facaloirbh. Tha an làrach a' freagairt air fileantaich agus air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Agus beagan spòrs le làrach ùr eile, Seall! Chaidh Seall! a dhealbh do chlann eadar 3-6, a’ toirt dhaibh cothrom suidheachaidhean air a bheil iad eòlach a rannsachadh agus taghaidhean a dhèanamh. Faodar cluich le builgeanan, sùil nas fhaisge a thoirt air rudan, èisteachd ri ceòl is sgeulachdan agus toirt air pupaidean dannsa. Chithear an làrach aig http://www.bbc.co.uk/seall

Crìoch

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Eilidh NicLachlainn aig BBC Gàidhlig air 0141 422 6252 le post-d gu eilidh.mclaughlin@bbc.co.uk no Lorna Inglis aig Media House air 0141 220 6040 le post-d gu lorna@mediahouse.co.uk.

Nota do luchd-deasachaidh:

Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh http://www.bbcalba.co.uk/

Tha MG ALBA a' ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a BhBC. 'Se MG ALBA an t-ainm obrachaidh aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu MG ALBA agus mun cho-bhanntachd aig http://www.mgalba.com/
.
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Tha 'n làraich-lin seo anabarrach math a-nis (Beag air Bheag).

'S toil leam an earran mu dheireadh - Cumhachd is Connadh... Cuspair gu math feumail sna làithean an-diugh, nach eil? Hàhà
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tapadh leat - dh'atharraich mi an ceangal
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply