Woo Uill, tha sin glè mhath, ach an e seo rud "air feadh na dùthcha" no dìreach anns na Gàidhealtachd 's na h-Eileanan?
Aon rud eile: A bheil "seicichean Ghàidhlig" ceart? 'S e facal boireannach a th' ann an "seic" ach tha a h-uile duine eile ag ràdh gur e firinn a th' ann...
*Alasdair* wrote:'S e facal boireannach a th' ann an "seic" ach tha a h-uile duine eile ag ràdh gur e firinn a th' ann...
Tha sin ceart... That's right...
*Alasdair* wrote:Aon rud eile: A bheil "seicichean Ghàidhlig" ceart?
... ach 's e àireamh iolra a th' ann an seicichean is chan fhaigh thu sèimheachadh mura bhios am facal caol. ... but seicichean is plural and you don't get lenition unless the word is slender.

Ffffff .... na cuir gàire orm, 's ann le luchd-pàighigh nan cìsean a tha RBS a-nis. Feumaidh sinn a bhith nas dàna!
A thaobh seic is gnè... chan eil gnè chinnteach aig torr dhe na faclan fhathast a tha caran ùr sa Ghàidhlig - seach feadhainn aig a bheil leasachan "Gàidhlig" mar "coimpiut-air".
Nuair a bhios an luchd-ionnsachaidh tro chèile agam-sa, tha mi moladh caol > boireann, leathann > fireann dhaibh le faclan iasaid mar sin mar riaghailt làimhe (sin "rule of thumb", mus dìochuimhnich cuideigin)