Page 1 of 1
Gabhaidh Banca Rìoghal na h-Alba ri Seicichean Ghàidhlig
Posted: Sun May 17, 2009 1:47 pm
by *Alasdair*
Naidheachd Beurla
Naidheachd Ghàidhlig
Naidheachd Bòrd na Gàidhlig
Woo

Uill, tha sin glè mhath, ach an e seo rud "air feadh na dùthcha" no dìreach anns na Gàidhealtachd 's na h-Eileanan?
Aon rud eile: A bheil "seicichean Ghàidhlig" ceart? 'S e facal boireannach a th' ann an "seic" ach tha a h-uile duine eile ag ràdh gur e firinn a th' ann...
Re: Gabhaidh Banca Rìoghal na h-Alba ri Seicichean Ghàidhlig
Posted: Mon May 18, 2009 7:44 am
by GunChleoc
*Alasdair* wrote:'S e facal boireannach a th' ann an "seic" ach tha a h-uile duine eile ag ràdh gur e firinn a th' ann...
Tha sin ceart...
That's right...
*Alasdair* wrote:Aon rud eile: A bheil "seicichean Ghàidhlig" ceart?
... ach 's e àireamh iolra a th' ann an seicichean is chan fhaigh thu sèimheachadh mura bhios am facal caol.
... but seicichean is plural and you don't get lenition unless the word is slender.
Re: Gabhaidh Banca Rìoghal na h-Alba ri Seicichean Ghàidhlig
Posted: Mon May 18, 2009 9:20 pm
by *Alasdair*
GunChleoc wrote:*Alasdair* wrote:'S e facal boireannach a th' ann an "seic" ach tha a h-uile duine eile ag ràdh gur e firinn a th' ann...
Tha sin ceart...
That's right...
*Alasdair* wrote:Aon rud eile: A bheil "seicichean Ghàidhlig" ceart?
... ach 's e àireamh iolra a th' ann an seicichean is chan fhaigh thu sèimheachadh mura bhios am facal caol.
... but seicichean is plural and you don't get lenition unless the word is slender.
cha tuirt SMO dad riumsa ma dheidhinn!

Posted: Wed May 20, 2009 7:47 am
by GunChleoc
Cha tuirt no riumsa, ach cha do rinn mi an Cursa Inntrigidh far an dèan iad a leithid
Seall an seo:
http://www.taic.btinternet.co.uk/appendix10.htm
Posted: Thu May 21, 2009 4:17 pm
by akerbeltz
Ffffff .... na cuir gàire orm, 's ann le luchd-pàighigh nan cìsean a tha RBS a-nis. Feumaidh sinn a bhith nas dàna!
A thaobh seic is gnè... chan eil gnè chinnteach aig torr dhe na faclan fhathast a tha caran ùr sa Ghàidhlig - seach feadhainn aig a bheil leasachan "Gàidhlig" mar "coimpiut-air".
Nuair a bhios an luchd-ionnsachaidh tro chèile agam-sa, tha mi moladh caol > boireann, leathann > fireann dhaibh le faclan iasaid mar sin mar riaghailt làimhe (sin "rule of thumb", mus dìochuimhnich cuideigin)