Farpais ùr dheilbh son 2009 Saoghal nan Gàidheal:
Chaidh farpais ùr dheilbh, fo stiùireadh pròiseact Cholmcille fhoillseachadh le Ministear na Gàidhlig Micheil Russell. Tha cothrom aig farpaisich a bhith a’ glacadh suidheachaidhean agus gnothaichean eadar-dhealaichte ann an Saoghal nan Gàidheal, an Alba no an Eireann. Tha ùidh mhòr aig a’ Mhinistear fhèin ann an delabhan agus obair camara, agus cuideachd eachdraidh na cùise, a bharrachd air a bhith air beul camara iomadach uair ’na dhreuchd làitheil mar Mhinistear Riaghaltais. Bidh Mghr Russell na bhritheamh air an fharpais a bhios a’ sgrùdadh chùisean ann an 2009. Tha duaisan suas gu £2,000 rim faotainn san fharpais le cothrom dealbhan a thogail an dath no an dubh is geal, a’ sealltainn taobhan de bheatha luchd-labhairt is coimhearsnachdan na Gàidhlig ann an Alba no ann an Eireann. Tha còig duaisean ann gu h-iomlan: INBHICH (16+) A’ chiad duais: £2000 /€2200; An Dàrna Duais £750/€ 850; An Treas Duais £500/€ 565 agus ÒIGRIDH (5-15 air 31/08/09) A’ chiad dhuais: £ 500/€565: An Dàrna duais: £ 250/€280. Gheibh gach neach a ghlèidheas duais airgid cuideachd lethbhreac de chlàr Tìr Cholm Chille. A’ foillseachadh farpais na bliadhna-sa ann an Dùn Èideann thuirt Mghr Russell: “`S e fìor dheagh iomairt a tha seo a bhios ag amas gu sònraichte air cuid de na taobhan as ínntinniche de shaoghal is beatha Alba is Eireann leithid àrainneachd, cultar agus dualchas. Bu mhath leam mo bheannachd a thoirt do Cholmcille airson a leithid a chur air adhart. Tha pàirt air leth cudromach aig Colmcille ri choileanadh ann a bhith a’ togail agus a’ brosnachadh cànan nan Gàidheal an dà chuid ann an Alba agus Eireann agus ’se cothrom eile a tha seo sin a dhèanamh agus a thoirt gu aire dhaoine. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ’nam bhritheamh agus mar a bhios an fharpais a’ dol air adhart.” Tha Colmcille, (a bha roimhe seo air ainmeachadh mar Iomairt Cholm Chille) a nis air a stiùireadh le Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilige an co-bhuinn mar phàirt dhen obair aca. Thuirt Mairi Mhoireach, Oifigear Leasachaidh Cholmcille ann an Alba: “Bhon chuir sinn an fharpais seo air dòigh bho chionn tri bliadhna tha sinn air ar mòr-mhisneachadh leis an dòigh ùr-nò anns an deach daoine an sàs ann. Tha cothroman an seo tron fharpais do dhaoine ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air dà thaobh Sruth na Maoile a bhith a’ togail dheilbh de na coimhearsnachdan aca fhèin, an suidheachaidhean obrach is teaghlaich agus an àrainneachd eireachdail anns a bheil sinn a’ tighinn beò. ’S e cothrom air leth a th’ann do dhaoine nach eil ris an obair seo gu proifeiseanta an cuid obrach aithneachadh agus tha e a’ toirt cothrom dhuinn fhèin tro bhith margaidheachd is eile tron phròiseact a bhith a’ sealltainn do dhaoine na bhoinneas dhuinn. Tha mi cinnteach gun tèid a’ cheart cho math leinn anns an fharpais seo sa chaidh leinn roimhe seo. Feumar dealbhan airson farpais na bliadhna seo a chur a-staigh ro 6 uairean feasgar , Diluain, 31 Lùnastal, 2009.
Airson barrachd fiosrachaidh mun naidheachd seo, cuiribh fios gu Uisdean MacillInnein air 0751 528 7040.
Bòrd na Gàidhlig
Colm Cille
English tr*nsl*t**n here:
http://www.mygaelic.com/news/view/84
Major photographic competition captures Saoghal nan Gàidheal - The Life of the Gael
A major photographic competition, administered by the Colmcille project, aimed at capturing the lives of speakers of Scottish or Irish Gaelic or of the life of the Scottish Gaidhealtachd/Irish Gaeltacht, has been launched by the Minister for Gaelic Michael Russell MSP..................
Farpais Dheilbh/Photo comp. 2009 Saoghal nan Gàidheal
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Tapadh leat is chur mi ris an duilleig naidheachdan e.
An cuir thu dealbh thuca?
An cuir thu dealbh thuca?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam