Tha am Faclair Beag a' sìor fhàs agus tha iad a' toirt cuireadh air iarrtasan son cunntasan bhòtaidh bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig on ghlùn.
Tha dùil aca ri clàir ùra chruthachadh cuideachd - ma nì sibh rannsachadh son "water", chì sibh air an taobh chlì na tha fa-near dhaibh.
'S e na rionnagan am feart ùr as cudromaiche. Gheibhear mìneachadh iomlan
an-seo ach gu goirid, tha na rionnagan buidhe ag innse dhan luchd-chleachdadh dé na faclan a tha "beò" agus dé an fheadhainn nach eil cho beò. Ma tha cunntas aig cuideigin, chì iad sreath de rionnagan eile cuideachd, na rionnagan bhòtaidh leis a chuireas iad an céill dé na faclan air a bheil iad-san eòlach agus théid na rionnagan buidhe a stéidheachadh air a-sin.
Cuiribh sùil air an duilleag chuideachaidh cuideachd, tha iomadh feart ùr eile ann - 's ma tha ruideigin ann nach eil soilleir, leigibh fios dhaibh.
Cuideachd, ma tha Gàidhlig agaibh on ghlùn agus ma tha ùidh agaibh sa phròiseact seo, cuiribh post-d thuca agus cuirear cunntas (saor an-asgaidh) air dòigh dhuibh.