Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Skype Group for Beginners


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: dughlas
Roinnean-seorsa: Clasaichean - Classes
Doug is planning free Skype sessions for beginners. Check out this thread for more information.

Geama ur ri fhaighinn sa Ghàidhlig: Tog lìonra giùlain le OpenTTD


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
openttd_screenshot.png
 
'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas.
Mar eisimpleir, gheibh thu ainmean nam bailtean sa Ghàidhlig cuideachd. Seall air a' video gus faighinn a-mach mar a chuireas tu dreach Gàidhlig air a h-uile rud.



'S urrainn dhut an geama a luchdadh a-nuas an-asgaidh air OpenTTD is gheibh thu barrachd fiosrachaidh air a' gheama sa Ghàidhlig air a' bhòrd-bhrath.

Geama ùr ri fhaighnn sa Ghàidhlig: Frogatto & Friends


Tùs: Frogatto & Friends
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
frogatto-screen1.png frogatto-screen2.png frogatto-screen3.png
Chaidh a' chiad geama "ùrlaran" or "ruith is leum" fhoillseachadh sa Ghàidhlig. Aig an aon àm, 's e geama tachartais ("adventure") a th' ann le sgeulachd tlachdmhor.
'S e geama tachartais 2D air nòs clasaigeach a th' ann am Frogatto is 's e losgann quixotach a th' anns a' phrìomh phearsa. Chaidh a dhèanamh leis an aon sgioba a thug Battle for Wesnoth dhuibh is chaidh ealain phiogsail àrd-ìre a chruthachadh a làimh is le gaol san aon dòigh. 'S e geama "ùrlaran" or "ruith is leum" le sealladh on taobh a th' ann am Frogatto san stiùirich thu am pearsa-tiotail againn air gnothach leamh a thèid na sgiorradh dàna.



Mar as àbhaist, gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu thionndadh Gàidhlig a' geama air a' bhòrd-bhrath againn.

Is SuperTuxKart "Pròiseact na mìosa" air SourceForge


Tùs: SourceForge
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
SuperTuxKart-glacadh-1.jpg SuperTuxKart-glacadh-2.jpg SuperTuxKart-glacadh-3.jpg
'S e geama rèis a th' anns an SuperTuxKart a tha ri fhaighinn an-asgaidh. Bhuannaich iad an duais "Pròiseact na mìosa" air Sourceforge airson na mìosa seo. Carson nach fhaigh thu e ach an gabh thu sgrìob no dhà?

Modh nas fhasa ùr aig Geama a' chrochadair


crochadairlogo.png
 
Tha modh ùr aig Geama a' chrochadair a-nis: Na faclan beaga. Chan eil na faclan fada toinnte ann is thèid a' chiad litir a thoirt dhut an asgaidh. Taing mhòr do dh'akerbeltz airson a chuideachadh le liosta nam faclan!

The Hangman game now has a new mode: Na faclan beaga. It doesn't have the long difficult words, and you get the first letter for free. Many thanks to akerbeltz for his help with the word list!


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05