Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Chaochail Ruairidh MacThòmais


Tùs: BBC Naidheachdan.
Air a lorg le: faoileag
Chaochail fear de shàr-bhàird na Gàidhlig, Ruairidh MacThòmais, aig aois 90.
Às-earrann:
Thug MacThòmais buaidh mhòr air saoghal cultarail na Gàidhlig, agus e gu mòr an sàs ann am foillseachadh sa chànan, bho stèidhich e an taigh-foillsichidh agus an iris ràitheil Gairm, còmhla ri Fionnlagh Dòmhnallach, ann an 1951.

Bha MacThòmais na fhear-deasachaidh air an iris suas gu 1964.

Sgrìobh e cuideachd A Companion to Gaelic Scotland, mar leabhar-iùil do shaoghal na Gàidhlig tro na linntean.

Art MacCarmaig a' leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig


Tùs: Bòrd na Gàidhlig.
Air a lorg le: Gràisg is faoileag
Bho làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig:
Às-earrann:
Tha Ealasaid Nic an t-Saoir air a taghadh gu h-aon-ghuthach le a co-oibrichean air a' Bhòrd airson dreuchd a' Chathraiche a lìonadh gus am bi neach-ionaid air a chur an dreuchd. Tha Iain Caimbeul air a thaghadh mar Iar-Chathraiche.
Thuirt Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Nic an t-Saoir: "Tha sinn gu mòr a' caoidh gu bheil Art MacCarmaig air cur roimhe a dhreuchd fhàgail mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig. On a chaidh fhastadh chun a' Bhùird ann an 2007, tha e air a bhith gun lagachadh na chuid dealais is diongmhaltais a thaobh leasachadh agus fàs air a' Ghàidhlig. Mar Chathraiche thar nan trì bliadhna mu dheireadh, tha e air a bhith a' giùlain eallach obrach fìor mhòr a' co-aontachadh obair làitheil le a dhreuchd aig Bòrd na Gàidhlig.

"Tha Art air a bhith aig teis-meadhain cruthachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012 - 2017 agus tha e a' fàgail a' Bhùird le plana làidir a bhios a' treòrachadh sinn fhìn agus càch tro na còig bliadhna a tha romhainn. Às leth a' Bhùird, bu mhath leam gach soirbheachadh a ghuidhe dha san àm ri teachd. 'S e urram a th' ann dhòmhsa an dreuchd seo mar Chathraiche eadar-amail a ghabhail, agus tha mi fada an comain Iain Chaimbeul airson aontachadh taic a thoirt dhomh na dhreuchd mar Iar-Chathraiche. Gluaisidh am Bòrd air adhart a-nis a' coileanadh ar dleastanasan."
Barrachd sa Bheurla air forargyll.com agus an Oban Times.

Geama ùr - Bullshit Bingo


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
'Eil thu air do shàrachadh le coinneamhan no òraidean làn buzzwords? Seo beagan dibhearsan dhut!

Bullshit Bingo sa Ghàidhlig

Immersion 2012 to be held in Flagstaff, Arizona, April 19-22, 2012


Tùs: ACGA.
Air a lorg le: sr3nitygirl
Roinnean-seorsa: Clasaichean - Classes
An Comunn Gàidhealach Ameireaganach (ACGA) is pleased to be jointly sponsoring its 15th Annual Scottish Gaelic Immersion Weekend with the Northern Arizona Celtic Heritage Society . This is an exciting experiment in conducting the event together with a local organization, and we're looking forward to an excellent event. This will be the first ACGA Immersion Weekend ever held in Arizona. The dates are April 19-22, 2012.

The immersion weekend is a unique opportunity for learners of Scottish Gaelic to come together with more advanced and native speakers in both a classroom setting and informal gatherings. Whether you are a new learner with no experience or an advanced speaker, the immersion weekend will provide opportunities to speak Gaelic in a relaxed and friendly atmosphere.

Read more ...

5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealach le Fèisean nan Gàidheal, Òrain Ùra


Tùs: Fèisean nan Gàidheal
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Bidh dà thachartas sònraichte aig Fèisean nan Gàidheal:

Tachartas còmhnaidh sònraichte de chur-seachadan inntinneach stèidhichte air obraichean traidiseanta nan Gàidheal. 9-14 Giblean 2012 anns Na Gearrannan, Eilean Leòdhais.

Tha Fèisean nan Gàidheal agus Stiùidio Clàraidh Watercolour a' tabhann cothrom do shianar òganach le Gàidhlig agus aois 16-25, ceithir latha a chur seachad a' dèanamh an dearbh rud sin. 10-11 Màrt agus 30 Màrt - 2 Giblean 2012.
Às-earrann:

5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealach

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal toilichte tachartas còmhnaidh a chumail anns Na Gearrannan, Eilean Leòdhais eadar 9 agus 14 Giblean 2012.

Bidh '5 Latha' a' toirt cothrom sònraichte do chlann a tha san àrd-sgoil, agus a tha fileanta sa Ghàidhlig, ionnsachadh mu obraichean traidiseanta a bha, agus a tha, cudromach ann am beatha nan Gàidheal mar croitearachd, iasgach agus an Clò Hearach a bharrachd air oideachadh ciùil is òrain agus sgilean còcaireachd.

Rè na seachdain, bidh com-pàirtichean a' fuireach ann an coimhearsnachd Gàidhlig far am bheil na h-obraichean seo fhathast nam pàirt chudromach de bheatha muinntir na sgìre. Gach latha bidh am buidheann a' tadhal air daoine aig a bheil sàr eòlas air an obair aca, agus a bheireadh cothrom do chom-pàirtichean ionnsachadh fhaighinn air na h-obraichean seo eadar a' coimhead an dèidh caoraich aig àm breith nan uan, buain na mònadh, obair a' bhradain, trusadh maorach agus obair leis a Chlò Hearach bho snàth gu seacaid. Bidh taisbeanaidhean bìdhe gan toirt seachad gach latha le cothrom ionnsachadh sgilean còcaireachd agus biadh traidiseanta a' dhèanamh le grìtheidean na sgìre.

Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a' tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig cuideachd nam measg Norrie MacIomhair (Seinneadair Gàidhlig na bliadhna) bhon chòmhlan Mànran.
Às-earrann:

Òrain Ùra

Dèigheil air ceòl? Òran annad a tha dìreach air bàrr do bhilean? Eil beagan spionnaidh a dhìth ort airson tòiseachadh air d' òrain fhèin a sgrìobhadh oir neo gleans a chur air na fuinn 's na briathran agad? Tha Fèisean nan Gàidheal agus Stiùidio Clàraidh Watercolour a' tabhann cothrom do shianar òganach le Gàidhlig agus aois 16-25, ceithir latha a chur seachad a' dèanamh an dearbh rud sin.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05