Ciamar a chuireas tu gnè aig facal sònraichte nad chuimhne? Cha dèan 'an doras' (f) no 'an deise' (b) a' chùis idir nam bheachd-sa. Cleachdaidh mi an tuiseal ginideach le alt agus cuiridh mi ainmear gnìomhaireach ris:
- doras, fosgladh an dorais - an = fireann
- deise, cruth na deise - na = boireann
Le sin, bidh trì rudan agam:
- gnè an fhacail
- cruth ginideach an fhacail
- abairt feumail