Geamannan – Games
Gheibh thu an dà chuid geamanan ionnsachaidh is geamannan dha na fileantaich air na duilleagan seo.
On these pages you get both learning games and games for fluent speakers.
Geamannan brabhsair – Browser Games
-
Àireamh Muinntir Fhinn agus Dhubhain - BBC Alba - Tha lorg air an tòimhseachan seo, Ludus Sancta Petri, cho fada air ais ris an 9mh linn. Tha iomradh air ann an iomadach cànan. Anns a' Ghàidhlig agus ann an Gàeilge na h-Èireann, tha e tric a' ruith/ga chluich air an sgeulachd seo, a' toirt a-steach a' ghaisgich ainmeil Fionn agus a' cheannaird nàimhdeil Dubhan. Cluich Àireamh Mhuinntir Fhinn agus Dhubhain air-loidhne an-dràsta.
-
21 cat - Seo geama beag a rinn mi leis a' chànan prògramachaidh Scratch.
-
Am Baile - spòrs agus geamannan - Ann an siud lorgaidh tu geamannan 'Flash' agus coimigean stèidhichte air cuid de na caractaran as èibhinne anns a' Ghàidhealtachd. Tha na coimigean agus na geamannan uile ann am Beurla agus ann an Gàidhlig airson do chuideachadh a dhol an-sàs annta. [...]
-
An Crochadair - Geama tòimhseachain. Feuch am faigh thu a-mach dè am facal a th' ann. Le liosta mòr de dh'fhaclan air neo ainmean-àite. [...]
-
BBC Alba - Geamannan - Bho mheanbh-chuileagan gu mìrean-measgaichte tha spòrs is fealla-dhà ann an seo airson a h-uile duine.
-
BBC Colin and Cumberland - Enter the world of Aberant and help Colin overcome various obstacles by learning Gaelic.
-
Bullshit Bingo - 'Eil thu air do shàrachadh le coinneamhan no òraidean làn buzzwords? Seo beagan dibhearsan dhut!
-
Cuartan nan toll - Geama beag a rinn mi le Scratch. Siubhal cuartan 's na tuit sna tuill.
-
Dreagan - Loisg air na dreagan no gluais gu sgiobalta ach nach buail iad air an t-soitheach-fhànais agad. [...]
-
Fireann no Boireann - Comharraich na faclan a tha boireann. Stèidhichte air a' Bhriathrachan Bheag. [...]
-
Leacan - Cuir na leacan san òrdugh cheart gus ìomhaigh ath-chruthachadh. [...]
-
Leumadairean - Thoir air a h-uile leumadair leum! Coimhead air bhideo air PeerTube. [...]
-
lichess - Tàileasg air loidhne an asgaidh. Cluich an aghaidh a' choimpiutair neo le daoine eile.
-
Longan-cogaidh - Dèan a' chùis air an nàmhaid mus tèid na longan agad fhèin chun a' ghuinnd. [...]
-
Lorg mèinnean - Seo geama a chaidh a dhèanamh le Scratch. Briog air na leacagan ach feuch nach briog thu air mèinn!
-
Matamataigs - Geama gus na h-àireamhan a thrèanadh.
-
Pàrlamaid na h-Alba - Geamaichean - Cruinneachadh de dh'gheamannan flash le fiosrachadh mun phàrlamaid 'nam broinn.
-
Tetris - Geama Tetris sa Ghàidhlig stèidhichte air Js Tetris 1.19.
-
Tuathanas chearcan - Thoir biadh dha na cearcan leis an luchag. 'S urrainn dhut nithean a cheannachd 's a reic cuideachd. Na dìochuimhnich cùram a ghabhail dhen achadh!
-
Webfeud - Seo geama a tha car coltach ri Scrabble. Cluichidh tu an aghaidh daoine eile air an lìon, a' cur sìos faclan Gàidhlig air bòrd agus gheibh thu puingean a-rèir dè cho ainneamh 's a tha na litrichean a chleachd thu agus dè na ceàrnagan air an do chuir thu am facal. Gu math furasta agus dùbhlanach aig an aon àm! Obraichidh seo air iomadh ùrlar, gabhaidh a chluich ann am brabhsair sam bith ach a bharrachd air sin tha aplacaidean Android, Blackberry Playbook, iPads is iPhones agus Windows Phone 7 ann! [...]
-
Wordumz @ Facebook - Seo geama fhaclan. Tha e gu math spòrsail 's chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a' tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH 's ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble. [...]
Geamannan rin luchdadh a-nuas – Games for download
-
0 A.D. - 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (RTS) open source 's an-asgaidh a tha sa 0 A.D. a tha ga leasachadh le Wildfire Games, seo buidheann eadar-nàiseanta de leasaichearan geama saor-thoileach. Bidh thu 'nad cheannard aig sìobhaltas àrsaidh 's feumaidh tu stòrasan a chruinneachadh gus feachd a thogail 's na nàimhdean a cheannsachadh. 'S e linn nach robh a-riamh ann a tha san "0 A.D.": Sa mhìosachan àbhaisteach, rachar o 1 R.C. gu 1 A.D, a' leum thairis air a neoni. Riochdaichidh seo an fhaoin-sgeul eachdraidheil sa geama: Cò bhuannaicheadh nan robh na sluaghan a' dèanamh sabaid air àirde an sìobhaltas uile? [...]
-
Endgame: Singularity - Chaidh do chruthachadh le tubaist agus tha thu daonnan fo chunnart. [...]
-
Enigma - 'S e measgachadh de gheama tòimhseachain 's teòmachd a tha san Enigma aig a bheil grunn mhòr leibheilean. Siubhail le marbhal seachad air cnapan-starra gus càraidean cloiche a nochdadh. Tha e tlachdmhor an dà chuid do dh'inbhich 's a' chlann. [...]
-
Flare - Empyrean Campaign - 'S e geama riochd-chluiche action 2D a th' ann am Flare. Tha e caran coltach ri Diablo. [...]
-
Freeciv - 'S e geama ro-innleachd far an tog thu sìobhaltas a tha ann. Tha e coltach ri Civilisation le Sid Meier ach the a an asgaidh. Rinn mi video à bloighean beaga dhe gheama Freeciv a chluich mi.
-
Frogatto & Friends - 'S e geama tachartais 2D air nòs clasaigeach a th' ann am Frogatto is 's e losgann quixotach a th' anns a' phrìomh phearsa. Chaidh a dhèanamh leis an aon sgioba a thug Battle for Wesnoth dhuibh is chaidh ealain phiogsail àrd-ìre a chruthachadh a làimh is le gaol san aon dòigh. 'S e geama "ùrlaran" or "ruith is leum" le sealladh on taobh a th' ann am Frogatto san stiùirich thu am pearsa-tiotail againn air gnothach leamh a thèid na sgiorradh dàna. [...]
-
Me & My Shadow - 'S e geama tòimhseachain/ùrlaran saor a th' ann am Me and My Shadow sa bheil thu a' feuchainn ris an doras a-mach a ruigsinn le fuasgladh thòimhseachan. Feumaidh tu slighe seachad air spìcean, blocaichean a ghluaiseas, blocaichean brisg is mòran a bharrachd a lorg. Clàrach na gluasadan agad is thoir air do sgàile na gluasadan sin ath-dhèanamh ach an ruig thu blocaichean nach ruigeadh tu 'nad aonar. 'S urrainn dhut na leibheilean agad fhèin a chruthachadh cuideachd on a tha deasaiche leibheilean ann. [...]
-
Megaglest - 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann am Megaglest. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige. [...]
-
Minecraft Realms - 'S e seirbheis òstadh fhrithealaichean oifigeil a th' ann am Minecraft Realms gus geamannan Minecraft òstadh. 'S e geama a th' ann am Minecraft far an rùraich an cluicheadair mapa innsginneach a tha 'na blocaichean aig a bheil meud dhe meatair ciùbach. A bharrachd air na blocaichean, bheir an àrainneachd lusan, nàimhdean is nithean dhut. Cruinnich stòrasan sa gheama gus a thochladh, sabaid an aghaidh nàimhdean, blocaichean is acainnean ùra a dhèanamh. On a bhios saoghal fosgailte agad, 's urrainn dhut structaran a thogail no obair-ealain a chruthachadh agus iomadh gnìomh eile a dhèanamh air frithealaiche ioma-chluicheadair no 'nad aonar air na mapaichean agad fhèin.
-
Neverball agus Neverputt - 'S e geama teòmachd 's tòimhseachain 3-D a tha san Neverball. Is amas a' gheama gun ruig thu tadhal le bàla mus fhalbh an ùine ort. Air an t-slighe, feumaidh tu roiligeadh thairis air buinn gus an cruinneachadh. Chan fhosgail an tadhal ach nuair a bhios tu air buinn gu leòr a chruinneachadh agus faodaidh cnapan-starra a bhith san rathad. Gheibhear an geama goilf Neverputt an lùib Neverball.
-
OpenTTD - 'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas. [...]
-
Pingus - Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo coltach ri Lemmings ach tha e an-asgaidh. [...]
-
Pioneer - 'S e geama dàna-thuras an fhànais a th' ann am Pioneer a chaidh a shuidheachadh san reul-chrios againne air toiseach an 31mh linn. Chan eil crìoch stèidhichte air a' gheama agus tha iomadh seòrsa beòshlainte ri fhaighinn am measg nan reultan. Bi an toir air cliù agus fortan a' rùrachadh milleanan de rianan-rèile. Rach 'nad eucoireach 's tusa ri spùinneadaireachd, cùiltearachd no sealg tasgail. Stèidhich is bris caidreachasan leis na buidhnean a tha a' sabaid airson cumhachd no saorsa. Tha an domhan na nì thu dheth. [...]
-
PokerTH - 'S e einnsean poker airson Texas Hold'em a th' anns a' PokerTH a gheibhear an-asgaidh. 'S urrainn dhut cluiche 'nad aonar an aghaidh suas gu 9 co-fharpaisichean coimpiutair no le daoine eile air loidhne no air lìonra. Gabhaidh an eadar-aghaidh atharrachadh le gailearaidh dhe stoidhlichean air loidhne. Tha làrach-lìn rangachaidh le clàraidhean nan toraidhean ann. [...]
-
Scrabble 3D - Scrabble sa Ghàidhlig. Cluichibh an aghaidh a' choimpiutair no an aghaidh dhaoine eile. [...]
-
Strì Bheasnaid - The Battle for Wesnoth - 'S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th' ann am Strì Bheasnaid. Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte aige: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. Faodaidh tu na geamannan ioma-chluicheadair a shuidheachadh cuideachd ach an cluich thu an aghaidh a' choimpiutair. [...]
-
SuperTuxKart - 'S e geama rèise 3D a th' anns an SuperTuxKart. Nì thu rèis ann an cart an aghaidh a' choimpiutair no cluicheadairean ionadail eile. Feumaidh tu an aire a thoirt air an rathad cuideachd far an tog thu nithean air an t-slighe a bhios feumail no a chuireas maille ort. [...]
-
Valyria Tear - 'S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th' ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach. Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach 's èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol. Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd. [...]
-
Widelands - 'S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is open source a th' ann an Widelands le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Thug Settlers II™ (© Bluebyte) beachd air a' gheama seo dhuinn o thùs ach tha e mòran nas iom-fhillte is domhainn. [...]
Aplacaidean – Apps
-
Webfeud - Seo geama a tha car coltach ri Scrabble. Cluichidh tu an aghaidh daoine eile air an lìon, a' cur sìos faclan Gàidhlig air bòrd agus gheibh thu puingean a-rèir dè cho ainneamh 's a tha na litrichean a chleachd thu agus dè na ceàrnagan air an do chuir thu am facal. Gu math furasta agus dùbhlanach aig an aon àm! Obraichidh seo air iomadh ùrlar, gabhaidh a chluich ann am brabhsair sam bith ach a bharrachd air sin tha aplacaidean Android, Blackberry Playbook, iPads is iPhones agus Windows Phone 7 ann! [...]
-
Wordumz - Seo geama fhaclan. Tha e gu math spòrsail 's chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a' tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH 's ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble. [...]
An deasachadh mu dheireadh: 15mh dhen Ògmhios 2022 11:53:42