Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

An Sgoil Shamhraidh Dhràma 2012 - Gaelic Drama Summer School 2012


Tùs: Fèisean nan Gàidheal
2 - 13 Iuchar 2012 ann am Port Rìgh. Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhihaoine 18 Cèitean. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh is foirm-iarrtais air Fèisean nan Gàidheal.

2 - 13 July 2012 in Portree. Applications must be in by Friday 18 May. More information and application form at Fèisean nan Gàidheal.
Às-earrann:
Tha an Sgoil, a bhios a' ruith bho 2 gu 13 Iuchar 2012, fosgailte do dhuine sam bith le Gàidhlig a bhios eadar 14 agus 18 bliadhna a dh'aois eadar na cinn-latha seo. 'S ann ann am Bun-sgoil Phort Rìgh a bhios na clasaichean gan cumail.

Gheibh com-pàirtichean trèanadh agus stiùireadh ann an taghadh farsaing de sgilean - cleasachd, sgilean gutha, gluasad, dannsa, sgilean cruthachail agus sgilean stèidse san fharsaingeachd. Bidh na cuspairean seo gan teagasg le sgioba ealanta de shàr chleasaichean agus luchdealain eile, nam measg Artair Donald, Daibhidh Walker agus Ruairidh MacNeacail. Bithear ag obair air pìosan dràma a thèid a thaisbeanadh aig deireadh na ceala-deug.


The Sgoil will run from 2 to 13 July 2012 and is open to any fluent Gaelic speaker aged 14 to 18 between these dates. Classes will be held in Portree Primary School.

Participants will receive training in a wide range of skills, including acting, voice, movement, dance, creative skills and general stagecraft from a great line-up of tutors including well-known names such as Artair Donald, Daibhidh Walker and Roddy Nicolson. Drama pieces will be prepared which will be performed in MG Alba's Studio Fàs in Sleat.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geamannan ùra - New Games


Tha trì geamannan ùra againn - Dà thoimhseachan agus geama ro-innleachd. Gheibh thu iad uile air duilleag nan Geamannan.

We have three new games - two puzzles and one strategy game. You can get them all on our Games page.

Leacan

leacanlogo.jpg
Cuir na leacan san òrdugh cheart gus ìomhaigh ath-chruthachadh.

Recreate an image by putting the tiles into the correct order.

Leumadairean

leumadairlogo.png
Thoir air a h-uile leumadair leum!

Make all the dolphins jump!

Longan-cogaidh

longanlogo.png
Dèan a' chùis air an nàmhaid mus tèid na longan agad fhèin chun a' ghuinnd.

Defeat the enemy before your own ships are sunk.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

20 hour Gaelic Immersion Course in Glasgow in April and May


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: MagaidhHeb
GSOL Gaelic for Speakers of Other languages course, from 23rd April or from 21st May
Às-earrann:
There will be a new 20 hour Gaelic Immersion Course in Glasgow in April and May.

The new GSOL Gaelic for Speakers of Other languages course will be at the Gaelic Hub, An Leanaig, Mansefield Street, Partick.

This will be an opportunity to learn and practice everyday phrases relevant to you, and the course also includes some reading and writing.

The first 20 hour course will commence at 9am on Monday 23rd April and run over four days till Thursday 26th April.

The follow on 20 hour course will be from Monday 21st May till Thursday 24th May.

More information is available from maggiesmith@hebrides.net or 07788966292

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Wordpress.com ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
A bheil thu airson blog a sgrìobhadh sa Ghàidhlig gun eòlas agad air teicneòlas? Tha akerbeltz is Alasdair MacCalum air Wordpress.com eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig is gheibh thu mìneachaidhean ciamar a dh'obraicheas e an seo. Tha an t-eadar-theangachadh aig ~40% ach dh'aontaich WordPress a chur beò mu thràth ach ri linn sin, chì sibh Beurla fhathast an-siud 's an-seo.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Bàrdachd Ghàidhlig / Gaelic Poetry


Tùs: post-d
Cùrsa ann an sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig aig Ionad Sgrìobhadairean Mhon Itheig (faisg air Inbhir Nis) le Rody Gorman (fear-teagaisg) & Meg Bateman (aoigh). 23 gu 28 Giblean / April 23 - 28.
Às-earrann:
Thèid cùrsa ann an sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig a chumail aig Ionad Sgrìobhadairean Mhon Itheig (faisg air Inbhir Nis), 23 gu 28 Giblean. Cosgais: £100 airson àite-fuirich, biadh is teagasg. Tha bursaraidhean rim faotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean. Gus cur a-steach airson bursaraidh, cuiribh post-dealain gu Rosemary Nic a' Bhàird, Comhairle nan Leabhraichean, rosemary@gaelicbooks.net. 'S e dà oileanach deug an àireamh as motha a bhios ann.

Gus àite a chur air dòigh air a' chùrsa seo, cuiribh fios gu Mon Itheig

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Chomhairle nan Leabhraichean



A Gaelic poetry writing course will be held at Moniack Mhor Writers' Centre (near Inverness) on April 23 - 28. Cost: £100 for accommodation, food & tuition. Bursaries are available from the Gaelic Books Council. To apply for a bursary, please send an e-mail to Rosemary Ward, Gaelic Books Council, rosemary@gaelicbooks.net. There will be a maximum of 12 students.

To book a place on this unique course, contact Moniack Mhor

Supported by Bòrd na Gàidhlig and the Gaelic Books Council


m-mhor@arvonfoundation.org

01463 741675

www.moniackmhor.org.uk


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05