Sùil air a' mhearachd

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by akerbeltz »

Tha Fàilte gu An Lòchran neònach; bhiodh Fàilte gun Lòchran nas fhearr. Beurlachas a th' ann.

Nist, an roimhear gu...

Tha na leabhraichean gràmair ag innse dhuinn gum bu chòir dhuinn rudan mar:
chun na h-eaglaise móire
chun an dorais mhóir
Fàilte chun an Tòib

a ràdh.

Ach ma chuireas tu sùil air na chanas na Gàidheil (gu h-àraid ann an cainnt), chì thu gu bheil sin air atharrachadh gu mór:
gun eaglais mhór
gun doras mór


agus mar sin,
Fàilte gun Tòb

Chan eil sin ri ràdh nach eil daoine air fhàgail a chanas chun na h-eaglaise móire ach chan eil móran.

Teanga gun chaochladh, teanga mharbh...
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by faoileag »

(gu h-àraid ann an cainnt)
Chunnaic mi sin cuideachd - tha mi eòlach air ann an cainnt, no ann an sgrìobhaidhean neo-fhoirmeil, ach air soidhne-rathaid?

B' fheàrr leamsa 'Fàilte don Tòb' a sgrìobhadh - tha sin nas grinne na 'chun' agus nas fhoirmeile na 'gun'.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by akerbeltz »

Tha Fàilte + gu cgl, gu h-àraid ro ainm àite le an (t-), chì thu sinn ann an Gaeilge cuideachd.

A thaobh cainnt vs sgrìobhadh, tha cuid dhe na rudan sna leabhraichean gràmair fada ro àrsaidh 'nam bheachd-sa agus tha mise toilichte gu leòr le gun seach chun ann an sgrìobhadh. Feumaidh sinn cumail 'nar cuimhne nach eil leabhar gràmair sam bith againn (seach an rud a rinn Will Lamb) a tha stèidhichte air rannsachadh a' chànain bheò. Chan eil anns a' mhòrchuid dhiubh ach ath-sgrìobhadh air ath-sgrìobhadh air leabhar a dh'fhoillsich cuideigin ann an 1806.

Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhuinn leantainn ri gach rud a tha air beul an t-sluaigh ach uaireannan, fàsaidh am beàrn eadar cainnt nan daoine agus riaghailtean nan leabhraichean cho mór 's gu bheil feum air an ath-sgrìobhadh.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by Níall Beag »

faoileag wrote:tha mi eòlach air ann an cainnt, no ann an sgrìobhaidhean neo-fhoirmeil, ach air soidhne-rathaid?

B' fheàrr leamsa 'Fàilte don Tòb' a sgrìobhadh - tha sin nas grinne na 'chun' agus nas fhoirmeile na 'gun'.
Carson bu choir dhuinn sgrìobhadh ann an cànan nach bruidhnear?
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by faoileag »

Ceart gu leòr - cleachdaidh mi sin a-nis, mar-thà.

Ach tha e doirbh faireachdainn chinnteach mu 'register' iomchaidh leasachadh mura h-eil thu a' fuireach ann an coimhearsneachd far an tèid Gàidhlig a chleachdadh gu nadarrach le raon farsaing sòisealta, anns a' chainnt agus an sgrìobhadh.

Mar sin chan eil sinn airson abairtean agus cleachdhaidhean mì-fhreagarrach a chleachdadh agus b' fheàrr leinn a bhith ro fhoirmeil (no seann-fhasanta) na ro neo-fhoirmeil.

Feumaidh mise aideachadh gu bheil e nas fhrionasaiche dhomh luchd-ionnsachaidh Beurla (nach eil fileanta fhathast) a chluintinn is iad a' chleachdadh abairtean mith-chainnteach no 'slang' gu mì-fhreagarrach, na an fheadhainn a bhios ro fhaiceallach / fhoirmeil / sheann-fhasanta.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by faoileag »

Níall Beag wrote:
faoileag wrote:tha mi eòlach air ann an cainnt, no ann an sgrìobhaidhean neo-fhoirmeil, ach air soidhne-rathaid?

B' fheàrr leamsa 'Fàilte don Tòb' a sgrìobhadh - tha sin nas grinne na 'chun' agus nas fhoirmeile na 'gun'.
Carson bu choir dhuinn sgrìobhadh ann an cànan nach bruidhnear?

Chan e sin a tha mi ag ràdh idir - chan eil mi ach airson raon fairsaing de dhòighean-cleachdaidh eadar-dhealaichte a chleachdadh cho ceart 's a ghabhas. Mur am biodh duine sam bith a' cleachdadh 'chun', agus nam biodh a h-uile duine a' cleachdadh 'gun', chanainn gum biodh tu ceart, ach chan e sin a' cùis.

Agus carson nach cleachdadh 'don'? Chuala mi sin gu trice - Fàilte don Eilean Sg., Fàilte don Ghàidhealtachd, amsaa.

Ach co-dhiù, mar a thuirt mi gu-àirde, tha mi toilichte gu leòr 'gun' a chleachdadh mas e rud cumanta agus iomchaidh a th' ann.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by akerbeltz »

Tha mi dol leat, Fhaoileag, bu chòir do raon de réimean-cainnte (registers) a bhith againn, eadar àrd is ìseal agus gu bheil e duilich fios a bhith agad dé tha ceart ann an Gàidhlig cuin.

Nam bithinn-sa a' sgrìobhadh aiste ann an iris shaidheansail, chleachdainn-sa chun an/na fhathast ach anns a' mhórchuid dhe na suidheachaidhean eile, cha chleachd. Deagh cheist an e réim àrd no ìseal a th' air soidhnichean. Mar is trice, tha poileasaidh ann an dùthchannan eile "urram a thoirt do dh'fhoirmichean ionadail" agus ma thathar airson a' Ghàidhlig a brosnachadh anns an, can, Tòb, bhiodh soidhne air a bheil cainnt "nàdarra" nas càirdeil seach fear air a bheil coltas neò-àbhaisteach. Tha soidhnichean ann mu thràth a th' aig ràdh "mu Dheas/Thuath" seach "a Deas/Tuath" cuideachd agus 's e foirm ionadail a th' ann cuideachd.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by An Gobaire »

Nach e "gun Òb" rudeigin a chanas na Leòdhasaich a-mhàin? Nach e "dhan Òb" a chanas a' chuid as motha de dhaoine às na sgìrean Gàidhealach eile?

Ma bhios daoine a' sgrìobhadh "gun" seach "don" no "dhan"....tha sin ga fhàgail car coltach ri "gun (without)" ?

Cuideachd, canaidh mòran de na Leòdhasaich "na" airson "no", ach chan eil Mìcheal a' moladh "na" a sgrìobhadh an àite "no", a bheil?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by An Gobaire »

akerbeltz wrote:Tha Fàilte + gu cgl, gu h-àraid ro ainm àite le an (t-), chì thu sinn ann an Gaeilge cuideachd.

A thaobh cainnt vs sgrìobhadh, tha cuid dhe na rudan sna leabhraichean gràmair fada ro àrsaidh 'nam bheachd-sa agus tha mise toilichte gu leòr le gun seach chun ann an sgrìobhadh. Feumaidh sinn cumail 'nar cuimhne nach eil leabhar gràmair sam bith againn (seach an rud a rinn Will Lamb) a tha stèidhichte air rannsachadh a' chànain bheò. Chan eil anns a' mhòrchuid dhiubh ach ath-sgrìobhadh air ath-sgrìobhadh air leabhar a dh'fhoillsich cuideigin ann an 1806.

Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhuinn leantainn ri gach rud a tha air beul an t-sluaigh ach uaireannan, fàsaidh am beàrn eadar cainnt nan daoine agus riaghailtean nan leabhraichean cho mór 's gu bheil feum air an ath-sgrìobhadh.
A Mhìcheil,

dè do bharail air an leabhar "Gràmar na Gàidhlig" le Mìcheal Byrne? Nach eil e stèidhichte air cainnt an latha an-diugh?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by akerbeltz »

Chan ann air an aon dòigh 's a tha leabhraichean gràmair ann an cànain eile. Chan eil còrpas againn, chan eil rannsachadh againn, chan eil sgath againn 's na h-eòlaichean ro thrang ag ath-phronnadh bàrdachd na ceathramh linn deug.

Tha mi ann an dà bharail a thaobh nan leabhraichean aig Michel. Air an dàrna làimh, tha e a' leantainn sheann phàtran mar "aig an uinneig" agus "na h-uinneige mòire" ach air an làimh eile, rudan gle dhual-chainnteach mar "ar h-athraichean". Chan eil e glan a thaobh réimean-cainnte agus chuireadh e iongnadh orm cluinntinn gun robh móran rannsachaidh ùir air a chùlaibh.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by Níall Beag »

A bheil mearachd ann an seo? Tha mis' a' creidsinn gu bheil té ann....
BBC wrote:Tha i beachdail, tha i beòthail agus tha i feitheamh ribh le taghadh ciùil. Feuch gum bi sibh ann còmhla ri Mòrag.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by faoileag »

An e 'Feuch gum bi' (seach 'feuch am bi') air a bheil thu a-mach?

Tha eisimpleirean eile ann le 'gum bi':

http://www.google.com/search?hl=&q=feuc ... 5&ie=UTF-8

- fiù 's nam b' e an aon fhear a th' anns a' mhòrchuid.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by Níall Beag »

faoileag wrote:An e 'Feuch gum bi' (seach 'feuch am bi') air a bheil thu a-mach?
Chan e. Tha rud eile ann a tha beagan neònach dhomh, ach tha e gu math séimhidh....
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by faoileag »

Feuch + sibh (seach 'feuchaibh')?

Feuch = foirm rèota gnàth-chainnteach - make sure that / see if / see that

No ciallachadh eile, litireil?

> Feuchaibh ri (a) bhith ann - Try to be there - you people please make every effort

:?:
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sùil air a' mhearachd

Unread post by akerbeltz »

Hm... chan eil móran, 's dòcha and dà rud beag a tha seo:

tha i a' feitheamh ribh le taghadh de cheòl

An e sin a bha fa-near dhut?
Post Reply