Tha thu ceart, ma tha thu dìcheallach 's mura bi thu sgrìobhadh stràc air bearradh/bearraidh/bhearras/bhearraiste/cearra/ghearramaid..., tha e ceart gu leòr stràc a chur air an fheadhainn a tha a' crìochnachadh le rr no le rr + consan. Ach tha iomadh duine ann, gu h-àraidh luchd-ionnsachaidh, nach eil 'ga dhèanamh mar bu chòir. Agus tha trioblaid gu leòr aig daoine leis na stràcan air coimpiutairean, carson a chleachdadh tu barrachd dhiubh na tha feum orra?

Sin aon dhe na rudan a tha dona a thaobh an fhaclair aig Colin Mark mar eisimpleir, tha mearachdan aige leis. Bidh e toirt air falbh an stràic mar is trice ach uaireannan, dhìochuimhnich e... m.e. tha teàrr is tearradh aige (ceart) ach an uairsin teàrrach...
Chan eil ann ach "a' dèanamh dealbh de nathair 's a' cur casan oirre" mar a chanadh mo mhàthair, rud a dhèanamh gun fheum air
