Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by akerbeltz »

Chan e dìreach luchd-cànanachais a tha ag innse dhut sin, ma chuireas tu sùil air na faclairean a tha beagan nas sine, chì thu nach eil stràcan aca air iomadh rud mar gearr/bearr/fhearr/barr/cearr/ard/bard/ceard... a chionn 's nach robh feum orra. Cha "gheal gach nua" mar a chanas na h-Éireannaich, chan urra dhut a bhith cinnteach as a h-uile rud a tha faclair ag innse dhut.

Tha thu ceart, ma tha thu dìcheallach 's mura bi thu sgrìobhadh stràc air bearradh/bearraidh/bhearras/bhearraiste/cearra/ghearramaid..., tha e ceart gu leòr stràc a chur air an fheadhainn a tha a' crìochnachadh le rr no le rr + consan. Ach tha iomadh duine ann, gu h-àraidh luchd-ionnsachaidh, nach eil 'ga dhèanamh mar bu chòir. Agus tha trioblaid gu leòr aig daoine leis na stràcan air coimpiutairean, carson a chleachdadh tu barrachd dhiubh na tha feum orra? :priob:

Sin aon dhe na rudan a tha dona a thaobh an fhaclair aig Colin Mark mar eisimpleir, tha mearachdan aige leis. Bidh e toirt air falbh an stràic mar is trice ach uaireannan, dhìochuimhnich e... m.e. tha teàrr is tearradh aige (ceart) ach an uairsin teàrrach...

Chan eil ann ach "a' dèanamh dealbh de nathair 's a' cur casan oirre" mar a chanadh mo mhàthair, rud a dhèanamh gun fheum air 8-)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by An Gobaire »

Chan e deagh adhbhar a th' ann, gun stràc a chur air facal air am bu chòir a chur, a leithid "geàrr", air eagal 's gum bi luchd-ionnsachaidh a' dèanamh mearachd agus a chur far nach bu chòir a chur air "gearradh" 's a leithid!

Bidh luchd-ionnsachaidh a' dèanamh mearachd ge boil le sin!

Co-dhiù, mar as trice, cha bhi mi a' dol gu na faclairean nas fhaide air ais na Dwelly.....bha mi a' smaointinn gun robh 1891 fada gu leòr air ais!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by akerbeltz »

Tha an ceart agad, cha bu chòir dhuinn rudan atharrach dìreach air eagal 's gun dèan an luchd-ionnsachaidh mearachd. Ach
  • *tha eachdraidh fhada aig an litreachadh as aonais stràic
    *tha an litreachadh ag innse dhut co-dhiù gur e fuaim fhad a th' ann
    *chan eil an litreachadh idir stèidhichte eadar àrr/arr fhathast
    *tha fiù GOC ag ràdh gu bheil iad airson cho beag dhen stràc a chleachdadh 's a ghabhas (sin as adhbhar gu bheil sinn air ais aig an t-seann litreachadh le u as aonais stràc ro nn m.e. cunntas, punnd...)
Agus an rud leis an luchd-ionnsachaidh... deagh adhbharan gu leòr, chanainn-sa ;)
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by Thrissel »

akerbeltz wrote:*tha fiù GOC ag ràdh gu bheil iad airson cho beag dhen stràc a chleachdadh 's a ghabhas (sin as adhbhar gu bheil sinn air ais aig an t-seann litreachadh le u as aonais stràc ro nn m.e. cunntas, punnd...)
'S dòcha, ach am measg nam faclan eisimpleireach aca (caibidil 12) tha "feàrr/fheàrr" agus "geàrr-chunntas"...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by akerbeltz »

Cha duirt mi riamh gun robh GOC glic a thaobh nan riaghailtean is amasan aca fhéin a chur an sàs gu cunbhalach :P
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Seann-fhacal Greugach 'sa Ghaidhlig

Unread post by GunChleoc »

Saoilidh mi gur e an trioblaid gu bheil an dà chuid sgrìobhaidh ann, le sràc ro rr agus gun sràc ro nn m. Cuiridh e troimh-a-chèile mi air sgàth 's nach eil consistency ann idir, agus an uairsin air sgàth 's gu bheil sràc air am facal bunaiteach, cuiridh tu sràc air na derivations cuideachd mar as trice, fiù 's ma bhios fuaimreag a' leantainn agus 's e seo a bhios cearr (no ceàrr :P). Tha mi cinnteach gun tachair den leithid dhan luchd fileanta is le Gàidhlig bho thùs cuideachd air sàilleabh dìth consistency. Barrachd air sin, bidh an crùth leis an t-sràc anns a' chuimhne leirsinneach agad. Mar sin, nì an dà chuid luchd fileanta agud luchd-ionnsachaidh mearachdan san sgrìobhadh, agus luchd-ionnsachadh mearachdan fuaimneachaidh ma bhios fuaimreag a' leantainn is iadsan den bheachd gur e fuaimreag fada a bhiodh ann air sàilleabh an sràc.

Co-dhiù is co-dheth, feumaidh mi na sràcan a chur air air sgàth 's gu bheil mi a' dèanamh cursa aig an oilthigh is tha agam ri GOC a leantainn an-siud.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply