Pasta
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Pasta
Dh'fheuch mi ann am Mark, Watson, Wentworth, san Fhaclair Bheag, Stòr-dàta Bhriathrachais SMO... Cha do chuir iongnadh orm nach do lorg mi Gàidhlig air 'spaghetti', fiù agus nach do lorg mi Gàidhlig air 'pasta', ach cha do lorg mi 'noodle' a bharrachd. An ann cho coimheach dhan Ghàidhealtachd a tha am pasta san fharsaingeachd gu dearbh?
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Pasta
Duilich, bha "nùdail" san Fhaclair Bheag ach bha rudeigin cearr leis na search terms sa chlàr sin, chuir mi ceart e, ceud taing!
A thaobh spaghetti, pasta agus tagliatelli - tha seo dol leis na thuirt mi san t-snàith eile a thaobh ainmean-àite. Cha bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith nas naoime na cànain eile. Tha Gearmailtis, Spàinntis is Beurla a' cleachdadh nan ainmean dùthchasach airson mòran bìdh, carson a bhiodh aig a' Ghàidhlig ainm fa leth a lorg airson gach rud? Agus càit an stadadh tu? Gàidhlig air Cheung Fan, Frijoles agus Schupfnudeln?
Mar sin dheth, cha chleachd mise ach tagliatelli, pasta, pizza is Cheung Fan nuair a sgrìobhas no bhruidhneas mi G.
Tha "nùdail" car eadar-dhealaichte, sin rud gu math bunaiteach mar "flùr, rìs, uisge..." agus bu chòir do dh'ainm a bhith ann. Agus tha.

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Pasta
Mòran taing!
Seadh, cha robh dùil agam gum biodh facal sònraichte air 'tagliatelli' sa Ghàidhlig agus cha chreid mi gum bu chòir a bhith, ach bha mi a' saoilsinn gum biodh e neònach mura biodh gnè no iolra eadar-dhealaichte bho 'noodles' ann. Leithid de m.e. 'ceapaire' is 'cheeseburger'.

- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Pasta
Deagh bheachd - ach...dè a' Bheurla air "uisge beatha", "ceann cropaidh" - no, às a' Chuimris, "bara brith", "bara lawr" - amsaa? Nam biodh a' Bheurla deònach air facail mar sin a thort bho chànanan eile san RA, cha chreid mi gum biodh hyper-Ghàidheil amsaa a' feuchainn ri facail bhunaiteach a lorg air a h-uile rud.akerbeltz wrote:Tha Gearmailtis, Spàinntis is Beurla a' cleachdadh nan ainmean dùthchasach airson mòran bìdh, carson a bhiodh aig a' Ghàidhlig ainm fa leth a lorg airson gach rud?
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Pasta
Thog iad uisge-beatha mar "whiskey" agus bara lawr mar "laver bread". Cha chreid mi gun do dhith Sasannaich gu leòr cinn-chropaig a-riamh a dh'adhbharaicheadh feum dhaibh airson facal... ithidh mise cha mhòr gach rud ach chan ith mi sin 

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 216
- Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
- Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
- Location: Australia
- Contact:
Re: Pasta
Chan eil cinn-chropaig cho math ri chinn-ghiomaich bhige. 
Seo ceangal airson doigh chocaireachd airson cinn-cropaig co-dhiu. Tha e blasda gu leòr.
http://labandaeuropa.wordpress.com/2009 ... cods-head/
Tha ainm orra ann am Beurla ach chan eil "stuffed fish heads" cho ealanta.

Seo ceangal airson doigh chocaireachd airson cinn-cropaig co-dhiu. Tha e blasda gu leòr.
http://labandaeuropa.wordpress.com/2009 ... cods-head/
Tha ainm orra ann am Beurla ach chan eil "stuffed fish heads" cho ealanta.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Pasta
Ò cha chuir cinn èisg eagal orm, tha mo stamag Cantonese aig a' cheann thall. 'S e dìreach nach toigh leam am blas a dh'fhàgas giùrain air biadh.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Pasta
LOL na rudan a gheibh thu ann an iasg.