Mar chloich às an adhair chuala mi bho fear ris an canar Rhys Whyne sa Chuimrigh. ‘S e Rhys a chuir taic do “Cadalach” aig ceann 2004 gus Tìr nam Blog a chuir air dòigh. Tha e air bhith na shuidhe air server aig Rhys agus air sgath’s nach do chuala e dad bhon Cadalach o chionn fhada tha e air cùisean a chur rèidh a-rithist. Tha fhios agam gu bheil tog blog againn a-nis air sgath ‘s gu robh eagail oirnn gun robh tnamb air a dhol fodha – cha robh e a’ togail dad ach biadh RSS bho Abair Thusa, agus abair thusa gur e sàr-obair a rinn GC agus Akerbeltz le Tog Blog ( began a bharrachd na blogaichean fhèin, twitter agus stuth eile cudromach)
Co-dhiù taing do Rhys coir tha am ‘Brand name’TnamB ud fhathast beo agus feumail don Ghàidhealtach mas fhìor. Tiodhlach nollaige eile dhuinn
http://www.tirnamblog.com