Ath-leasachaidh Tìr nam Blog.com

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Ath-leasachaidh Tìr nam Blog.com

Unread post by Gràisg »

Mar chloich às an adhair chuala mi bho fear ris an canar Rhys Whyne sa Chuimrigh. ‘S e Rhys a chuir taic do “Cadalach” aig ceann 2004 gus Tìr nam Blog a chuir air dòigh. Tha e air bhith na shuidhe air server aig Rhys agus air sgath’s nach do chuala e dad bhon Cadalach o chionn fhada tha e air cùisean a chur rèidh a-rithist. Tha fhios agam gu bheil tog blog againn a-nis air sgath ‘s gu robh eagail oirnn gun robh tnamb air a dhol fodha – cha robh e a’ togail dad ach biadh RSS bho Abair Thusa, agus abair thusa gur e sàr-obair a rinn GC agus Akerbeltz le Tog Blog ( began a bharrachd na blogaichean fhèin, twitter agus stuth eile cudromach)
Co-dhiù taing do Rhys coir tha am ‘Brand name’TnamB ud fhathast beo agus feumail don Ghàidhealtach mas fhìor. Tiodhlach nollaige eile dhuinn :moladh:

http://www.tirnamblog.com
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Ath-leasachaidh Tìr nam Blog.com

Unread post by Níall Beag »

Gràisg wrote:fear ris an canar Rhys Whyne sa Chuimrigh.
A... 's ann mar seo a theireas tu "saki" anns a' Chuimris, an e? :lol:
Chan eil mi ach ri spòrs. Deagh naidheachd a th' ann.
Post Reply