Iapànais tro mheadhan na Gàidhlig?

Càil sam bith eile / Anything else
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Cha do chluich is cha chuala mi air an geama sin riamh. Dè th' ann?

'S ìongantach leam gun do dh' fhairich thu an fhuaim "chi" seach "hi", ach is cinnteach gu bheil "ch" ann rud beag co-dhiù.

Cuimhnich gur e blas Kansai a th' aig an neach-aithris, agus nach ionnan sin agus Iapanais bhun-tomhasach Kanto.

Tha dualchainnt eadar-dhealaichte cuideachd ann an sgìre Kansai, 's chan e am blas a-mhàin.

Mar eisimpleir....ann an Iapanais bhun-tomhasach, chanar 分からない (wakaranai) airson chan eil fhios (agam), ach ann an Kansai, 's e わからへん (wakarahen) a bhios ann.

Tha smaointean a' tighinn fodham leasanan a dhèanamh anns an dualchainnt seo, seach ann an Iapanais bhun-tomhasach, bhon toiseach!

Tha mu 30 millean dhaoine a' fuireach ann an sgìre Kansai, agus tha an dualchainnt sin aig a' chuid as motha dhiubh, a bharrachd air Iapanais bhun-tomhasach. Bithear ga cluinntinn cuideachd gu math tric air an telebhisean nàiseanta, agus mar sin dheth, ged a bheireadh e sùileachan do dhaoine nam biodh neach-tòiseachaidh a' bruidhinn ann an dualchainnt Kansai bhon toiseach, cha bhiodh e na chap-starradh air conaltradh sam bith!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh »

Uill, 's e as adhbhar gum fairich mi e mar "ch" gu bheil e nas coltaiche ris am fuaim "ch(i,e)" na mo chànan fhèin. Èist ri: http://tinyurl.com/2fwt74 ('s e anime a th'ann a tha mu Go (no Igo), agus tha e gu math ainmeal ann an saoghal Go - agus tha e air leth tarraingeil cuideachd. 'S e an tiotal a th'air "Hikaru no Go" agus 'se a' chiad abairt ann an sreath a dh'fhosglas leis an url: "Shindou Hikaru" /shindou chkaru/ (chan e IPA idir a tha seo, tha fhios agam!) Tha an sgeul stèidhichte ann an Tòkiò, am bruidhinn iad an dualchaint sin an-siud cuideachd?

Uill, mu dheidhinn Go: artaigil Wikipedia no lethbhreac Iapanais

Tha e neònach nach do chuala thu mu dheidhinn, bha mise dhen bheachd gun robh e air leth ainmeil ann an Iapàn; tha fiù's "Go salons" ann. Nis, nach cuir thu ceist air do chàraidean Iapanais a bheil iad eòlach air, bhiodh sin intinneach!

amhlaobh
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Bithidh. Ach tha an dùthaich seo cho mòr 's gu bheil iomadh cur-seachad aig daoine...agus 's dòcha gur ann a-measg nan seann daoine as motha a tha fèill air a' gheam sin.

Tha Iapanais bhun-tomhasach stèidhichte air dualchainnt Tokio 's mar sin dheth, chan ionnan e agus dualchainnt sgìre Kansai. Tha sgìre Kansai ann an taobh an iar Honshu, ach tha Tokio anns an sgìre Kanto, air an taobh an ear.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Beagan Iapanais - Leasan 2

Unread post by An Gobaire »

Tha leasan a dhà a-nis air an làrach "Beagan Iapanais". Tha faidhle fuaim ann cuideachd.

iapanais.blogspot.com
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

tha mise ag ionnsachadh an hiragana a-nis.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

A bheil leabhar-teagaisg agad, no a bheil thu cleachdadh làrach-lìon?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

làrach-lìn. cha robh càil aca san leabharlann an seo, ach tha torr air-loidhne.

atharrachadh: cha do chuir mi sùil rìamh air a' bhlog agad (:naire: ), ach chuir an-dràsta is bidh am pìos le mar a sgrìobhas le peann/peansail gu math feumail dhomh

taing!
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

'S math sin a chluintinn, tapadh leat airson sùil a thoirt air!

Bidh e ga leudachadh a dh' aithghearr, mar sin cùm sùil air ma thogras tu!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

ぶ ほれ がいん がりき あ さかりわげ まれ しょ :?


"who let the dogs out.." :priob:
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Tha mi an dòchas gu bheil fhios agad fhèin air dè sgrìobh thu, oir chan eil agam air sin!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply