NEWS RELEASE TILL (The Gaelic word for “Return”)

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Uell...

Unread post by akerbeltz »

Tha fhios againn nach eil Fionnlagh cho math air diplomacy, fàgaidh mi an cuspair sin ri taobh mar sin agus tillidh mi dhan a' chuspair bhunaiteach.

Feumaidh mi aideachadh gur e beachd inntinneach a th' aig Fionnlagh (tha sin fìor mu bheachdan san fharsaingeachd, ged nach eil eil ceart an-còmhnaidh) agus gun do bheachdaich mi fhìn air a leithid cuideachd roimhe. Agus mus togar gearan, tha mi an sàs cus phròiseactan Gàidhlig mu thràth, sin as coireach nach do rinn mi càil mu dhèidhinn. An-dà, sin agus crìonach an eaconamaidh... ;)

Dè mu dhèidhinn Baile na Gàidhlig ma-tà? Tha fhios agam gun do thog cuid ceist am biodh e 'na ghetto. Gu ìre, 's dòcha ach a bheil sin cho dona? Tha ar n-eachdraidh agus ar bailtean fhèin làn dhiubh. Tha sinn uile toilichte tadhal air Chinatowns bhon a tha 'd cho ethnic is na taighean-bìdh cho math. Ach chan eil annta ach ghetto ma chleachdas tu fìor sheagh an fhacail... Agus tha cuid de dh'àitichean againn an an Glaschu, can, far nach urrainn dhut a dhol a-steach ach ma tha thu 'nad bhall, le sgian 'nad phòcaid is tracksuit ort.

Cha bhiodh a h-uile Gàidheal a' fuireach ann agus cha bhiodh balla uèir biorach mun cuairt air. Bhiodh e fosgailt.

Chanainn-sa gu bheil sinn uile ag aontachadh gu bheil ìomhaigh cànain cudromach dha. Agus *tha* buaidh ann air ìomhaigh cànain mur eil e 'na phrìomh chànan ann am baile sam bith. Mus tog cuideigin càineadh - chan eil mi ag ràdh gu bheil càil cearr air an iasgach is croitearachd ach tha e cunnartach do chànan ma tha ìomhaigh aige a tha *gu tur* dùthchail. Tha an dearbh dhuilgheadas aig iomadh cànan beag - can na Rumantschich anns an Eilbheis.

Nist, dé mun a' Ghàidhlig? Chan eil baile mór ann far a bheil i 'na phrìomh chànan: Inbhir Nis <10% Ulabol 11% Tobar Mhoire 14% Port Rìgh 37%, Steòrnabhagh 44%

'S e Loch nam Madadh am baile as motha a lorg mi le 52%... tha seo 'na chunnart. Bhiodh e math dhan a' chànan nam biodh baile ann far am bi na Gàidheil 'nam mòrchuid.

Ach ged nach cuirinn 'na aghaidh, chan eil mi cinnteach an obraich seo. Nuair a bha mi fhìn a' beachdachadh air a' chùis seo, 's e seo an duilgheadas a bu mhotha a bhuail orm: ciamar a chumas tu àireamh nan Gàidheal an àirde? Cha b' urra dhut casg a chur air càirdeas eadar luchd na Gàidhlig is luchd na Beurla (cha bhiodh sin math idir). Ach dé cho tric 's a tha cupallan an-diugh far a bheil an dà dhiubh 'nan Gàidheil? Cha do thachair mise ri gin a bha nas òige na 30 gu ruige seo agus 's e sin Will Lamb is Ciorstadh ann an Uibhist...

Can nan ceannaichinn fhìn taigh anns a' bhaile sin - am faigh mi fear? Tha Gàidhlig gu leòr agam ach chan eil facal aig mo chéile. Nam biodh, dé thachras nam briseamaid suas is nam fàgadh mise am baile is nam fuiricheadh esan ann? Leis cho gann 's a tha Gàidheil an-diugh, chan obraich seo ma cheadaicheas tu reic is ceannach thaighean. Dh'fheumadh tu a ruith mar urras, car coltach ri New Lanark. Ach feumaidh tu airgead mór air a shon, na milleanan de not. Agus aig deireadh an latha, ma chuireas sinn sùil air na rinn na Basgaich is na Catalanaich le airgead mar seo, bhiodh a cheart cho math dhut an t-airgead sinn a chosg ann am baile meadhanach mór is meadhanach Gàidhealach is a thionndadh gu baile mór nan Gàidheal. Can gum faigheadh tu taigh ùr air £200,000 ... can gum feumadh tu 50 dhiubh airson baile meadhanach mór. Chosgadh sin deich millean not. ... cosg sin ann an Steòrnabhagh, a' brosnachadh a' chànain gu làidir am meas an t-sluaigh 's nan daoine òga agus bhiodh an dearbh thoradh agad!

Am Mìcheal Eile
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

feumaidh mi aideachadh nach do smaoinich mi riamh gum bi e mar ghetto - nam bheachdsa, tha airgead gu leor aig moran gaidheil co dhiu - gu sonraichte na gaidheil ur - gu math middle class ann an doigh agus channainsa ma bha iadsan airson a bhith fuireach anns a bhaile seo, cha bhi e idir mar ghetto, fius chinatown - morningside s' docha!!

ach air ais chun a priomh phuing agam - feumaidh cultair 's dualchas a bhith ann airson baile mar seo - gheibh thu cultair gu leor ann an chinatown gu dearbh agus mur a bi daoine aig a bheil gaidhlig gu nadarra ann, chan fhaigh thu ach seorsa de wannabees - tha sin car laidir, tha fios am ach cha chreid mi gum bi uidh aig na feadhainn aig a bheil gaidhlig gu nadarra idir anns an sgeama mar seo - agus mar sin chan urrainn cultair ceart, freagarrach a bhi lan lathair - ach s docha gu bheil mi cearr
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

feasgar math Horo, tha ceist eile agad a tha a' dol gu cnag na cuise dìreach mar a tha mòran a tha an deasbad seo air adbharachadh agus dhomhsa, uill tha mise làidir den bheachd gu bheil cruaidh fheum air a leithid deasbaid.

Seo rudeigin a chaidh a sgrìobhadh ann an Gath (An Samhradh 2006)

'Ma bhios amas againn a bhith a' meudachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig, bidh feum air luchd-ionnsachaidh a bhith bruidhinng ri chèile, nach bi? Bidh sin a' tarraing a-steach chuspairean agus sheallaidhean, 's dòcha, a bhiodh caran annasach seach cùisean mar a tha iad an-dràsta.'

Ge b'e a thachras, bidh cùisean ag atharrachadh, chan eil dòigh ann ga sheachnadh leis na demographics mar a tha iad.
Post Reply