Gaelic 'facebook'ready to hit the net - cost £250,000

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
ruighean

Unread post by ruighean »

faoileag wrote:Chan eil 'lorg' glè shoirbheachail idir, tro ainm no phost-d. a-mhàin. Ach chan eil fhios agamsa dè na h-ainmean am feum mi lorg..... ;-)
Chan e freagairt uabhasach math a th' ann ach ma tha cunntas agaibh faodaidh sibh na buill gu lèir fhaicinn le bhith a' cur % a-steach dhan bhogsa an àite ainm neo seòladh post-d.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Tha mi dìreach a' tighinn bhon a' coimhead air clàradh 'An Là.' Bha BBC Alba an làthair fhad's a bha Linda Fabiani ann an Ceàrnag Sheòrais le sgioba Bòrd na Gàidhlig agus mygaelic.com. Thug iad iomradh air dè cho connspaideach a tha cùisean agus rinn iad iomradh air Abair Thusa, lìon sòisealta a tha ann mu thràth
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Unread post by ArtMacCarmaig »

Hello a h-uile duine.

Chan ann tric a bhios mi a' gabhail pàirt ann am fòram den t-seòrsa seo ach tha mi air a bhith a' leughadh nam beachdan mu mygaelic a nochd an dèidh sgeulachd anns a' Sun bho chionn greis.

Tha mi nam Chathraiche Eadar-amail air Bòrd na Gàidhlig agus tha mi air freagairtean a chur do chuid de na ceistean a th' air a bhith aig daoine air ForArgyll agus chì sibh iad thall an sin.

Chan eil sinne aig Bòrd na Gàidhlig airson dad a chumail falaichte. Cha robh sam amharc againn a-riamh ach cha robh sinn deònach a dhol an-sàs ann an deasbad mas do nochd mygaelic. Leis gun deach a' phròiseact a chur air bhog an diugh, ma tha ceistean a bharrachd agaibh nach deach a fhreagairt fhathast, leig fios.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Halo agus fàilte ort Art

Ceist sam bith ceangailte le obair a' bhùird no dìreach mygaelic.com?
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Unread post by ArtMacCarmaig »

Tha mise fosgailte do cheist sam bith, a Ghràisg. Mar a bha mi ag ràdh cha bhi mi a' gabhail pàirt sna fòraman seo ro thric ach cuiridh mi sùil bho àm gu àm.

Ach tha Bòrd na Gàidhlig deònach gu leòr ceistean a fhreagairt aig àm sam bith air cuspair sam bith co-cheangailte ri ar n-obair.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

ok ma tha a charaid seo ceist dhut agus beagan searmonaich na luib

Bho seo a-mach am biodh am Bòrd deònach a dh’obair leis a’ choimhearsnachd a tha air loidhne mu thràth air proiseactean eile – a leithid eadar-theangachaidh ‘strings’ Abair Thusa agus goireasan eile? Sheall air an Fhòram seo, rinn tè sa Ghearmailt eadar-theangachaidh air cha mhòr a h-uile càil i fhèin agus chuir i an àirde i-fhèin e. . Tha i airidh air moladh bhon bhòrd aig a char as lugha. Seall air an sàr obair a rinn ‘Cadalach’ shìos ann an Manchester le tirnamblog.com agus cha d’fhuair esan facal molaidh bhon bhòrd no bhuidheann Gàidhlig sam bith eile nas motha. An cuir am Bòrd duais bhliadhnal air dòigh airson a leithid sàr obair a rinn ar caraid 'Gun Ghleoc' no Cristean thall aig Abair Thusa no Akerbeltz le d-dwelly?

Bu choir don bhòrd a h-uile tàlant a tha sin a thoirt a-steach don ghnothaich nam bheachdsa. Tha daoine deiseil ‘s deònach Art. Dè do bheachd?
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Unread post by ArtMacCarmaig »

OK, a Ghràsig, tha mi ag aontachadh leat gu tur gum bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh feum de na tàlantan a tha follaiseach a-measg dhaoine. Tha mise, agus am Bòrd, desieil is deònach cuideachd.

Tha a h-uile duine a dh'ainmich thu airidh air moladh ged nach eil mi eòlach orra agus far-ainmean aig a' mhòr chuid aca. Bidh mise a' moladh mòran dhaoine aig amannan eadar-dhealaichte airson adhbharan eadar-dhealaichte.

Tha mise gu pearsanta a' cur fàilte air Dwelly air loidhne agus chan eil teagamh nach e goireas air leth a tha sin.

Tha tòrr rudan math a' dol air adhart anns a' Ghàidhlig gun teagamh sam bith, cuid dheth gun taic bhon Bhòrd, agus 's ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith. Cha tuirt Bòrd na Gaidhlig a-riamh gum biodh e comasach dhuinne a h-uile càil a dhèanamh. Gu dearbh thuirt sinn iomadh turas nach b' urrainn dhuinn a h-uile càil a dhèanamh agus a h-uile deagh phròiseact a mhaoineachadh. Bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh gàirdeachais air na rudan air leth feumail a tha a' tachairt.

Èistidh mise ri dad sam bith a th' agaibh ri ràdh. Tha duaisean bliadhnail san amharc againn. Tha moladh airson a leithid anns a' Phlana Nàiseanta agus 's dòcha gur e dòigh glè mhath a bhiodh ann daoine aithneachadh airson na deagh obrach anns a bheil iad an-sàs.

Thuirt mi nach bi mi a' toirt sùil ach bho àm gu àm agus, ged nach fhaigheadh sibh freagairt sa bhad, gheibh sibh freagairt.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Cha chreid mi nach eil thusa a-mach air ‘regime change’, gur math a thèid leat leis a sin. Chì sinn dè thachras, san eadar-ama taing mhòr airson a’ chonaltraidh a bha siud.

Cesit aig duine sam bith eile?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Fàilte chridheil ort! Tha e glè mhath cluinntinn bhuat air an t-sreath seo :D

Tha mi ag aontachadh nach urrainn don Bhòrd a h-uile càil a dhèanamh agus ma bhios sinn ag iarraidh goireasan ùra amsaa. agus taic a chur ris a' chànan, feumaidh sinn uile an obair a dhèanamh. Nam biodh sinn a' feitheamh ri càch gus an obair a dhèanamh, cha tachradh dad.

Bidh mise deònach ag obair còmhla ris a' Bhùird no duine sam bith eile is tha mi coma dè a tha air dèanamh le cò cho fad 's a ruigeas sinn ar n-amas. The more, the merrier mar a chanas 'ad. Chan ionnsaichinn na Gàidhlig no dhèanainn an eadar-theangachadh a' bhathar-bhog seo às aonais na coimhearsneachd air loidhne a tha seo.

Mu dheidhinn nam far-ainmean: nam bheachd-sa bu chòir do gach mac an duine nach eil public figure an cleachdadh, o chionn 's gur e àite cunnartach a th' anns an eadar-lìn. Chan eil mise ag iarraidh strainnsear craicte a' nochdadh aig mo dhoras.
Last edited by GunChleoc on Thu Feb 05, 2009 8:19 pm, edited 2 times in total.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Tha e a' sealltainn nach eil cuimhne aig MoGhàidhlig.com. Aon turas, thagh mi "Gàidhlig" (an àite "Beurla" no "Gàidhlig shimplidh"). An ath thuras, as dè logadh a-steach, bha a h-uile càil sa Bheurla.

Nuair a chleachdas mi Fèasbug (far nach eil taghadh Gàidhlig ri fhaighinn), bidh a h-uile càil sa Chuimris. Sin a thagh mi agus tha cuimhne aig Farcebook gun do rinn mi sin.

'S dòcha gum faod seo a choimhead aig (tha mi CINNTEACH nach deagh Ghàidhlig sin...).
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

'S e mearachd a th' ann agus chuir mi fios thuca mu thràth. Tha iad airson seo a chur gu ceart.

It's a bug, not a feature mar a chanas 'ad :priob:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Chuir iad gu ceart e mu thràth is mhair e sa Ghàidhlig dhomhsa a-nis :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Ma tha duais ann, dè mu dheidhinn Wikipedia Gàidhlig cuideachd?

http://gd.wikipedia.org/wiki/Prìomh-Dhuilleag

Ro-Ràdh
Seo a' Phrìomh-Dhuilleag aig Wikipedia na Gàidhlig. Ann an Wikipedian bidh iomadach neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadach cànan.
Tha 6,805 duilleagan ann an Wikipedia seo. Tha a h-uile tè dhiubh saor rin chleachdadh. Cha bhi sinn a' cleachdadh ach a' Ghàidhlig anns na h-aistidhean air a' Phrìomh-Dhuilleig ach na gabhaibh dragh mur eil sibh cho fileanta no litearra 's a b' fheàrr leibh - Dèanaibh oidhirp agus bidh cuideachadh ann dhuibh!
Thoiribh sùil air na duilleagan fiosrachadh airson cuideachadh fhaighinn agus Talla a' Bhaile airson ceist sam bith fhaighneachd no airson còmhradh mu Wikipedia. Faodaidh sibh sùil a thoirt air an liosta de dh'Aistidhean air a bheil feum mur eil sibh cinnteach càite an tòisich sibh.
caoimhin
Posts: 13
Joined: Wed Oct 10, 2007 2:18 pm
Language Level: Fileanta
Location: SMO, An t-Eilean Sgitheanach
Contact:

Unread post by caoimhin »

ArtMacCarmaig wrote:Tha duaisean bliadhnail san amharc againn. Tha moladh airson a leithid anns a' Phlana Nàiseanta agus 's dòcha gur e dòigh glè mhath a bhiodh ann daoine aithneachadh airson na deagh obrach anns a bheil iad an-sàs.
Tha mi ag aontachadh ri sin. Gu h-àraid ann an gnòthaichean teicneòlas fiosrachaidh agus Eadarlìn, tha gnòthaichean a’ gluasad air adhart ’s ag atharrachadh cho luath ’s gu bheil e doirbh do dhuinne sam bith faicinn air adhart agus a bhith cinnteach dé a bhios math agus cudthromach an ceann dà bhliadhna agus dé eile a bhios aosta agus seachad. Tha cuimhne agam nuair a chuala mi mu dheidhinn Wikipedia an tòiseach, far am b’ urrainn do neach sam bith a thighinn a-steach agus rud sam bith atharrachaidh, shaoil mi nach tigeadh math sam bith às - ach bha mi fada fada ceàrr. Nan tigeadh cuideigin dhan Bhòrd le iarrtas, gu math tric cha bhiodh fhios aig a’ Bhòrd an e amadan a th’ann, no cuideigin le beachd fìor mhath. Dòigh seachad air sin, ann am pàirt co-dhiù, b’ e a bhith a’ toirt duaisean às déidh làimh airson phròiseactan a tha air a bhith soirbheachail agus air a’ Ghàidhlig a chuideachadh. Fiù’s nam biodh na duisean caran beag an taca ris an obair, bhiodh iad uaireannan a’ toirt misneachd do dhaoine.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Sgrìobh ArtMacCarmaig:
Tha duaisean bliadhnail san amharc againn. Tha moladh airson a leithid anns a' Phlana Nàiseanta agus 's dòcha gur e dòigh glè mhath a bhiodh ann daoine aithneachadh airson na deagh obrach anns a bheil iad an-sàs.
Art, na duaisean bliadhnail ud, a bheil dad sam bith aig Bòrd na Gàidhlig fhathast airson gnòthaichean teicneòlas fiosrachaidh agus Eadarlìn ?



.
Post Reply