Sùil air a' mhearachd

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Ok, tha a h-uile mearachd air a spotaigeadh a-nis, saoilidh mi.

* T - Òban > t-Òban (gun 2 bheàrn agus le t- beag)
* Ślth > Sìth (i an àite L agus stràc air an ì seach an s)
* ' > ' (tha a' chromag chearr aca)

Ma thionndaidheas sinn taobh eadar-theangachaidh fharsaing, bhiodh rudan mar An t-Òban sa Chogadh 's san t-Sìth no An t-Òban (ann) an Coghadh 's (ann) an Sìth ceart gu leòr - mas e sin a' chiall a bha fa-near dhaibh. 'S e sin, ma tha rudan ann a tha a' coimhead air an Òban anns a' chogadh 's san t-sìth.

Ach mur eil, dh'fheumaid rudeigin mar a mhol Seonaidh, Taigh-tasgaidh Cogadh & Sìth an Òbain. 'S e sin taigh-tasgaidh a tha a' coimhead air cogadh is sìth san fharsaingeachd a thachras a bhith san Òban.

Saoilidh mi gun deach Gàidhlig a chur air a' Bheurla le cuideigin le beagan Gàidhlig is Faclair mar seo:
Oban........War ..........&...Peace.....Museum
v...............v................v....v............v
An t-Òban An Cogadh 's an Sìth u-o, chan eil àite air fhàgail...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Ok, seo dhuibh fear simplidh ach éibhinn:

Image
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Ohmigod :priob: .
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

"Laigse Beurla" -'s e an aon mhearachd a th' ann an seo...

"Deas Beurla" 's dòcha...

Nam biodhte a' ciallachadh "Left Gaelic", dè mu "Dh'fhàgadh Gàidhlig"? Leis a' bhuadhair, "Gàidhlig Chlì". Agus nan tigeadh am buadhair air beulaibh an ainmeir, "Clì Ghàidhlig". Nam b' ann na buadhair a bhiodh "Gàidhlig", gheibheamaid "Clì Ghàidhlig" cuideachd.

Uill, tha stràc air chall air an A agus tha H air chall eadar G is A.

"Clee Garlic" - lus blasta à Ceàrnaidhean Meadhanach an Iar Shasainn
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Uel, chan fhaigheadh tu clì (an làimh chearr) air beulaibh ainmeir ro thric agus chan e sin a tha fa-near dhaibh idir ach clì "neart, treuntas".

Ach feumaidh mi aideachadh, on is e ainmear boireann a th' ann an "clì" carson nach eil sèimheachadh ann. Saoilidh mi gu bheil ceangal ann ris an t-seann ainm, C(omann) L(uchd-)I(onnsachaidh) (Gàidhlig) a thionndaidh 'na "CLI" agus an uairsin CLI Gàidhlig agus an uairsin CLÌ Gàidhlig agus dhìomhchuimhnich cuideigin gu bheil Comann fireann ach Clì boireann...

Ok, seo dhuibh fear ùr (caran mór, duilich, ach chan fhaictear an sgrìobhadh nan cuirinn ann fear beag) ... le oit is ochan oit...

Image

Cha mhór dusan rud nach eil ceart.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Seo cùisean beaga an litreachaidh:

uisge-beatha
seann mhac
,_lìonta
sònraichte
s'an Eilean
,_Slèite

Chan eil mi a' tuigsinn Ban Boitheach
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Nach e Eilean Iarmain a tha seo?

"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"

Bracha? De mu dheidhinn "braiche" ("[of] malt")

"Sean Mhac na Braiche": an e ainm a tha seo "Sean, son of the malt"? No "old son of the malt" (Seann Mhac ...)?

Iionta !!!!!

Chan eil ` air "praban" (shebeen)

"ltd" - dè seo?

"s'an" - "san" no "anns an"

"riamhach nam Ban Boitheach" - 's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
(Bonny Lassies series?)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

LOL ok, gu faic sinn...
"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"
Ceart
Bracha/Braiche
'S e bracha an tuiseal ginideach a-réir nam faclairean uile. 'S matheid gu bheil braiche ann cuideachd an-diugh ach air a' char as lugha, bu chòir dhan dearbh thuiseal a bhith gu h-àrd ann an Uisge-beatha Bracha/Braiche agus gu h-ìseal ann an Seann Mac na Bracha/Braiche. A bharrachd air sin, tha Mac na Bracha ceart gu leòr, single malt (an coimeas ri uisge-beatha pòsta = blend)
Iionta > lìonta
Ceart a-rithist.
Chan eil ` air "praban" (shebeen)
Tha sin cearr aig Dwelly, tha pràban ceart.

ltd = Limited (chan eil inbhe laghail aig Earr(anta), ged a tha aig an fhacal Chuimris)
Eilean Dhiarmaid
Uel, tha cuid a' cumail a-mach gu bheil ceangail ann gu Diarmaid, seach Eilean Iarmain. Ge-tà, on a tha iad a' cleachdadh Eilean Iarmain anns a h-uile àite eile tha seo car neònach. Cuideigin a leugh cus Wikipedia?
sonraichte, s'an, Sleite > sònraichte, san, Slèite
Seadh.
's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
Aidh, uel, nam ban bòidheach (tha bean neo-riaghailteach), ainm air an Eilean Sgitheanach a gheibhear ann am bàrdachd.

Agus stràc eadar uisge-beatha!

28 faclan agus dusan mearachd, aoibh :naire:
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Ok, fear gu math goirid ach feumaidh mi aideachadh gu bheil mi tro chéile fhathast a thaobh ciall na soidhne...

Image

Tha seo os cionn taigh-bìdh ann an Glaschu.
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Unread post by AlasdairBochd »

Càl Bruich - Boiled Cabbage ? :blasda:
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

:chafhios:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Càil bhruaich - cooking of appetite? *shrug*
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

bruich = cook(ed)
bruach, gin. bruach = bank of a river

:D

Beachdan eile?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

cithir aibhne - bruach, g bruaich[e], tha mi a' creidsinn.

'S toil leam "boiled cabbage"! (càl bruach)

'S dòcha gum biodh "Borshch" nas fheàrr...(???boirt)

A bheil e ag ràdh "Buntàta Pronn" cuideachd?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Ceart ma-tà...

Tha roghnadh is taghadh againn an triob seo (a' fàgail gu taobh brua(i)ch "taobh na h-aibhne" oir chan ann taobh na h-aibhne a tha e).

Tha bruich soilleir gu leòr ach 's e am facal cail nach eil soilleir. An e:
1 càl (brassica)
2 càil (1 rudeigin 2 càileachd 3 ionndrainn)
3 call (beud)

1: mas e càl bruich a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd sgrìobhaidh a th' ann; mas e an t-iolra a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd gràmair a th' ann (> càil bhruich)
2 mas e càil bruich a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd gràmair a th' ann (> càil bhruich)
3 uel, bhiodh sin ro neònach...

Tha duilleag á pàipear naidheachd san uinneag a tha ag ràdh gur e "appetite for food" a bha fa-near dhaibh ach chan obraich seo. Mas e ainmear a th' ann am bruich an-seo, 's e "desire of/for boiling" a bhiodh ann. Mas e buadhair a th' ann, uel, tha sèimheachadh a dhìth agus 's e "boiled desire" a bhiodh agad. Gu mì fhortanach dhaibh-san, chan eil bruich a' ciallachadh "boiled FOOD"....

<osna> eadar-theangachadh eile on fhaclair le cuideigin gun Ghàidhlig.
Post Reply