Scotland is open for business....

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Tùr Trump is Golf sa Ghainmheach

Unread post by akerbeltz »

Feumaidh mi aideachadh nach eil mi fhìn 'na aghaidh a bharrachd. Chithear ann an dùthchannan eile an t-saoghail gun obraich glèidheadh an nàdair as fhearr anns an sgìrean far a bheil an nàdar fo dhìon ach na daoine ionadail a' faighinn buannachdan às aig an aon am.

Ma nì iad cothromachadh eadar an dà rud, carson nach bi e math dhan dà rud?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Tha freagairt agam dhut a charaid ach tha mi caran trang sa mhadainn seo. Tillidh mi dhan sreath seo nuair a bhios cothrom agam.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Tùr Trump is Golf sa Ghainmheach

Unread post by Níall Beag »

akerbeltz wrote:Ma nì iad cothromachadh eadar an dà rud, carson nach bi e math dhan dà rud?
Bha an subcommittee a' lorg "compromise", ach thubhairt e cha robh e airson dad atharachadh. Sin an trioblaid a th' agamsa, mar a thubhairt mi.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Feumaidh mi aideachadh nach eil uidh sam bith agam ann an goilf ach tha làn fhios agam dè cho cudromach a tha e don eaconamaidh gu h-àraidh ann an seo (Inbhir Narann). A bheil raointean goilf feumail don àrainneachd? Gheibhear mòran deasbaid air a’ chuspair sin agus nuair a smaoineachas tu ciamar a tha 0.7% de thalamh Bhreatainn fo a leithid chì sinn ciamar a tha iad airidh air sgrùdadh a thaobh dè a’ buaidh a th’aca. Chleachdar stuth ceimigeach ann an grunn àiteachan gus cuidhteas fhaighinn de bhaoiteagan. A-nis chan eil dad nas feumail dhuinn na baoiteagan ach chan eil an toradh aca gu mòran feum air an fairways agus na rèidhleanan. ‘S ann aig an ìre sin a tha mise caran amharasach.
Tha amas aig Trump Baile ùr a chruthachadh. A-nis, ‘s ann gu tric a bhios mise a’ dol gu Obar Dheathain air an trèana a ruigeas iomall a’ bhaile aig ochd uairean. San dorchadas chì thu na solais de sreathan càraichean nach bi a’ gluasad idir, idir, a h-uile slighe chun a’ bhaile loma-làn le mìltean dhiubh. Saoilidh mise nach eil bun-structair gu leòr ann gus a leithid Trumpton a’ fulang an-dràsta ach chan e eòlaiche a th’ annamsa. Dhomhsa dhèanadh e ciall nan robh Trump airson loidhne tramaichean a thogail eadar Obar Dheathain agus an rioghachd ùr aige. ‘S ann aig an ìre sin a bu choir a h-uile leasachadh a’ dol air adhart a-nis.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

An-dà, bidh an dà dhiubh fo meatair no dhà de shàl an ceann beagan bhliadhnaichean is chan atharraich airgead trump no poileasaidh na h-àrainneachd sin :?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Uill, cha robh fios agam air "akerbeltz", ach bha fios agam gur e "dubh" a th' ann "beltz[a]" anns an Euskera. Agus a-nis lorg mi "aker" - 's e "gobhar" a th' ann. "Gobhar dhubh".

A bheil gobhar fhathast
Tha, gun a bleoghainn
Air na beanntan garbha
Tha seann ghobhar a' cuachail...
('s e seann òran traidiseanta às a' Chuimrigh a th' ann, agus leanaidh e le ainmeachadh na dathan uile lè sèimheachadh (tha "gafr", mar "gobhar" na h-ainm boireann).

Uill, dè an cuspair? Aidh, Dòmhnall Braim. Far a bheil mise a' fuireach, tha pàirc bhrèagha agus tha consortium beag ag iarraidh taighean a thogail oirre. Nise, chan eil agam an aon clout (bho fada t-slighe) mar a tha aig Mgr. Braim, so, tha sinn an dòchas gu bheil ar pàirc socair.

Ach smaoinich gur e esan a ruith an consortium. Bidh ar pàirc fon na taighean nas luaithe na b'urrainn thu "Dòmhnall Braim" a ràdh. SEO a' phuing, bunachas stèidhte laghan planaidh - tha DB air cleachdadh an airgid aige airson buaidh a chur air ar riaghaltas.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha làrach-lìn an aghaidh na cuise ann a-nis http://meniescotland.co.uk/
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply