Sùil air a' mhearachd

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Stìophan
Posts: 126
Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Inbhir Pheofharain

Unread post by Stìophan »

Seonaidh wrote:Nach e Eilean Iarmain a tha seo?

"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"

Bracha? De mu dheidhinn "braiche" ("[of] malt")

"Sean Mhac na Braiche": an e ainm a tha seo "Sean, son of the malt"? No "old son of the malt" (Seann Mhac ...)?

Iionta !!!!!

Chan eil ` air "praban" (shebeen)

"ltd" - dè seo?

"s'an" - "san" no "anns an"

"riamhach nam Ban Boitheach" - 's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
(Bonny Lassies series?)
'S e 'riamhach' litreachadh eile 'son riabhach - tha e a' ciallachadh 'brindled' no 'beautiful', tha e air a chleachdadh gu math tric le ainmean àite far an cleachd sinn 'bòidheach' le daoine. Tha e ag ràdh 'Beatiful Sleat of the beautiful women'
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Ach feumaidh mi aideachadh, on is e ainmear boireann a th' ann an "clì" carson nach eil sèimheachadh ann.
Seadh..chan eil adhbhar ann nach biodh.

Ach...nam b' e ainmear a bha a' tighinn an dèidh ainmear boireann, cha bhiodh e air a shèimheachadh a-nis.

Mar eisimpleir - Puing Gràmair

B' àbhaist gur e Puing Ghràmair a bhiodh air seo, ach a-nis chan eil sèimheachadh ann ann an Gàidhlig nan sgoiltean. Dìreach caolachadh a-mhàin.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Anns na sgoiltean an-diugh, a bheil sèimheachadh às dèidh ainmearan boireann sa Bheurla? m.e. Betty Bhoothroyd, Polly Thoynbee, Cherie Bhlair, Margaret Thatcher, Teresa Mhay, Annabel Gholdie, Evelyn Ghlennie, Elaine Phaige, Barbara Chartland is eile?
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Seonaidh wrote:Anns na sgoiltean an-diugh, a bheil sèimheachadh às dèidh ainmearan boireann sa Bheurla? m.e. Betty Bhoothroyd, Polly Thoynbee, Cherie Bhlair, Margaret Thatcher, Teresa Mhay, Annabel Gholdie, Evelyn Ghlennie, Elaine Phaige, Barbara Chartland is eile?
Có ás a bheil thu a-mach a-nise, a Sheonaidh?!?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Carson a bhiodh sèimheachadh air Betty Boothroyd co-dhiù? Chan fhaighear sèimheachadh fhad 's a tha an sloinneadh 'na ainmear, m.e. ann am Mórag NicLeòid (le /Nʲ/ làidir gun sèimheachadh).

Gheibh thu sèimheachadh ann an ainmean mar Mórag Dhòmhnallach ach tachraidh sin air sgàth 's gu bheil Dòmhnallach 'na bhuadhair 's chan ann 'na ainmear.

Tha sloinneadh no dhà ann a tha car neònach ach 's iad feadhainn a thàna on Bheurla, m.e. Mórag Mhoireastan (seach NicMhurchaidh mar a b' àbhaist).
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

O thì - cha robh mi ach beagan spòrs fhaighinn!

Mu dheidhinn "moireasdan": nach ann bho "mac/nic [g]ille M[h]oire" a thàinig sin?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Cuiridh i blas air caoineadh...

Image

Chan eil mi cinnteach air an uimhir a th' ann ach 's ann a tha feadhainn ann!
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Unread post by AlasdairBochd »

A rèir an t-seann fhaclair agam:-
ràith - quarter of a year (and by extension, the conventional seasons, samhradh etc)

"Beannachdan na h-ùine" a theagamh ? no "Beannachdan an aimsir"

a' cur cairtean Nollaige

Maoin Leasachaidh Oileanaich
no Maoin Leasachaidh na h-Oileanaich
no Maoin Leasachaidh a dh'Oileanaich
Tha e a sealltainn mar tiotal ged-thà agus mar sin, anything goes :)

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile. :D
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Uill, tha "Ràith" OK airson "Season" - agus tha mearachd air a' chairt Bheurla - "Seasons Greetings" (Cuiridh i Blas air Caoineadh) an àite "Season's Greetings". ACH 's ann BOIREANN a tha "Ràith": "Beannachdan NA Ràith[e]"

Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin

"Am-bliadhna sa": cha seas "sa" às a h-aonais.

"a' cur chairtean Nollaig" - ceart (an tuiseal ginideach iomadach gun an alt => sèimheachadh), ach b' fheàrr leamsa "a' cur chairtean Nollaige".

"a' toirt tabhartas" - tuiseal ginideach - "a' toirt tabhartais"

"don Mhaoin Leasachaidh Oileanach" - sa Bheurla, "to the the fund of not-of studenty development" no rudeigin mar sin. Tha mi a' creidsinn gu bheil iad airson "to the Students' Development Fund" a ràdh. Dh'fhaodadh seo a bhith "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach" no "do Mhaoin an Leasachaidh Oileanaich" (mas e buadhair a th' ann an "Oileanach")

Agus tha "sreath ginideach" air cùlaibh "aig": sa Bheurla "The Trust of Development of the University of the Highlands and of the Islands". 'S dòcha gur e "The Development Trust" (Urras Leasachaidh) gu geàrrte ach, leis an uile caffuffle, smaoin nach biodh "Leasachaidh" ann ach "Leasachadh".

Beachdan eile?

"Latha Bocsadh Sabaideach dhuibh uile!"
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha "am bliadhna" agus "air loidhne" a bhith gun sgrìob-cheangail.
Seonaidh wrote:Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin
'S dòcha gu bheil sin ceart - co-dhiù, tha na h-eisimpleirean seo aig Colin Mark:
le dealbhan den a h-uile seòrsa
daoine den a h-uile cumadh agus dath
tha rudeigin ann dhan a h-uile aois


Ge-tà, cha toil leamsa "Faic ar cairt" - dìreach aon chairt? Agus chanainnsa "coimhead air ar cairtean", no "thoir sùil air ar cairtean", ach chan eil fhios agam carson, "just a hunch"... :chafhios:

Nollaig Chridheil (dè tha air fhàgail dhi) dhuibh uile bhuamsa cuideachd! :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Aoibh >.<

Ged a thàna "a h-uile" o "gach uile", tha "(bh)on a h-uile" stéidhichte sa chànan a-nis.

A thaobh na maoin, chanainn-sa "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach", fada na bu Ghàidhealaiche.

"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

akerbeltz wrote:"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Dè a tha ann ma-thà? Bha mi a' smaoineachadh gun cleachdar ainmearan singilte a-mhàin le pàirtean na bodhaige agus rudan mar seo, m.e. "ar cridhe, ar n-inntinn".

No an e "wagon of online blessings" a tha ann? Air neo, "cairt" mar "liosta"?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Ay Thrisserbeltz, chan eil ach aon dhiubh. Ma thèid sibh gu làrach-lìon Oggie Oggie Oggie (www.uhi.ac.uk) agus chlickas air a' chairt, faicidh sibh "a' chairt" (chan eil i rudeigin airson sgrìobhadh dhachaigh ma deidhinn...)
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Och, bha mi a' saoilsinn gun robh Akerbeltz ag innse dhomh gun robh an fhreagairt aige agus gum bu chòir dhomhsa smaoineachadh nas cruaidhe... :-/
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Cha robh, bha mi dìreach a' beachdachadh air "bùth chairtean", eil fhios, mar a gheibhear air bluemountain le sreath de chairtean Gàidhlig.

Tha coltas neònach air gun teagamh sam bith agus tha thu ceart leis an "inalienable possession", bhiodh "faic na cairtean Nollaig againn air an lìon" na b' fhearr.
Post Reply