'S e 'riamhach' litreachadh eile 'son riabhach - tha e a' ciallachadh 'brindled' no 'beautiful', tha e air a chleachdadh gu math tric le ainmean àite far an cleachd sinn 'bòidheach' le daoine. Tha e ag ràdh 'Beatiful Sleat of the beautiful women'Seonaidh wrote:Nach e Eilean Iarmain a tha seo?
"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"
Bracha? De mu dheidhinn "braiche" ("[of] malt")
"Sean Mhac na Braiche": an e ainm a tha seo "Sean, son of the malt"? No "old son of the malt" (Seann Mhac ...)?
Iionta !!!!!
Chan eil ` air "praban" (shebeen)
"ltd" - dè seo?
"s'an" - "san" no "anns an"
"riamhach nam Ban Boitheach" - 's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
(Bonny Lassies series?)
Sùil air a' mhearachd
-
- Posts: 126
- Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Inbhir Pheofharain
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Seadh..chan eil adhbhar ann nach biodh.Ach feumaidh mi aideachadh, on is e ainmear boireann a th' ann an "clì" carson nach eil sèimheachadh ann.
Ach...nam b' e ainmear a bha a' tighinn an dèidh ainmear boireann, cha bhiodh e air a shèimheachadh a-nis.
Mar eisimpleir - Puing Gràmair
B' àbhaist gur e Puing Ghràmair a bhiodh air seo, ach a-nis chan eil sèimheachadh ann ann an Gàidhlig nan sgoiltean. Dìreach caolachadh a-mhàin.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Có ás a bheil thu a-mach a-nise, a Sheonaidh?!?Seonaidh wrote:Anns na sgoiltean an-diugh, a bheil sèimheachadh às dèidh ainmearan boireann sa Bheurla? m.e. Betty Bhoothroyd, Polly Thoynbee, Cherie Bhlair, Margaret Thatcher, Teresa Mhay, Annabel Gholdie, Evelyn Ghlennie, Elaine Phaige, Barbara Chartland is eile?
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Carson a bhiodh sèimheachadh air Betty Boothroyd co-dhiù? Chan fhaighear sèimheachadh fhad 's a tha an sloinneadh 'na ainmear, m.e. ann am Mórag NicLeòid (le /Nʲ/ làidir gun sèimheachadh).
Gheibh thu sèimheachadh ann an ainmean mar Mórag Dhòmhnallach ach tachraidh sin air sgàth 's gu bheil Dòmhnallach 'na bhuadhair 's chan ann 'na ainmear.
Tha sloinneadh no dhà ann a tha car neònach ach 's iad feadhainn a thàna on Bheurla, m.e. Mórag Mhoireastan (seach NicMhurchaidh mar a b' àbhaist).

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 216
- Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
- Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
- Location: Australia
- Contact:
A rèir an t-seann fhaclair agam:-
ràith - quarter of a year (and by extension, the conventional seasons, samhradh etc)
"Beannachdan na h-ùine" a theagamh ? no "Beannachdan an aimsir"
a' cur cairtean Nollaige
Maoin Leasachaidh Oileanaich
no Maoin Leasachaidh na h-Oileanaich
no Maoin Leasachaidh a dh'Oileanaich
Tha e a sealltainn mar tiotal ged-thà agus mar sin, anything goes
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile.

- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Uill, tha "Ràith" OK airson "Season" - agus tha mearachd air a' chairt Bheurla - "Seasons Greetings" (Cuiridh i Blas air Caoineadh) an àite "Season's Greetings". ACH 's ann BOIREANN a tha "Ràith": "Beannachdan NA Ràith[e]"
Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin
"Am-bliadhna sa": cha seas "sa" às a h-aonais.
"a' cur chairtean Nollaig" - ceart (an tuiseal ginideach iomadach gun an alt => sèimheachadh), ach b' fheàrr leamsa "a' cur chairtean Nollaige".
"a' toirt tabhartas" - tuiseal ginideach - "a' toirt tabhartais"
"don Mhaoin Leasachaidh Oileanach" - sa Bheurla, "to the the fund of not-of studenty development" no rudeigin mar sin. Tha mi a' creidsinn gu bheil iad airson "to the Students' Development Fund" a ràdh. Dh'fhaodadh seo a bhith "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach" no "do Mhaoin an Leasachaidh Oileanaich" (mas e buadhair a th' ann an "Oileanach")
Agus tha "sreath ginideach" air cùlaibh "aig": sa Bheurla "The Trust of Development of the University of the Highlands and of the Islands". 'S dòcha gur e "The Development Trust" (Urras Leasachaidh) gu geàrrte ach, leis an uile caffuffle, smaoin nach biodh "Leasachaidh" ann ach "Leasachadh".
Beachdan eile?
"Latha Bocsadh Sabaideach dhuibh uile!"

- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha "am bliadhna" agus "air loidhne" a bhith gun sgrìob-cheangail.
le dealbhan den a h-uile seòrsa
daoine den a h-uile cumadh agus dath
tha rudeigin ann dhan a h-uile aois
Ge-tà, cha toil leamsa "Faic ar cairt" - dìreach aon chairt? Agus chanainnsa "coimhead air ar cairtean", no "thoir sùil air ar cairtean", ach chan eil fhios agam carson, "just a hunch"...
Nollaig Chridheil (dè tha air fhàgail dhi) dhuibh uile bhuamsa cuideachd!
'S dòcha gu bheil sin ceart - co-dhiù, tha na h-eisimpleirean seo aig Colin Mark:Seonaidh wrote:Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin
le dealbhan den a h-uile seòrsa
daoine den a h-uile cumadh agus dath
tha rudeigin ann dhan a h-uile aois
Ge-tà, cha toil leamsa "Faic ar cairt" - dìreach aon chairt? Agus chanainnsa "coimhead air ar cairtean", no "thoir sùil air ar cairtean", ach chan eil fhios agam carson, "just a hunch"...

Nollaig Chridheil (dè tha air fhàgail dhi) dhuibh uile bhuamsa cuideachd!

-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Aoibh >.<
Ged a thàna "a h-uile" o "gach uile", tha "(bh)on a h-uile" stéidhichte sa chànan a-nis.
A thaobh na maoin, chanainn-sa "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach", fada na bu Ghàidhealaiche.
"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Ged a thàna "a h-uile" o "gach uile", tha "(bh)on a h-uile" stéidhichte sa chànan a-nis.
A thaobh na maoin, chanainn-sa "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach", fada na bu Ghàidhealaiche.
"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Dè a tha ann ma-thà? Bha mi a' smaoineachadh gun cleachdar ainmearan singilte a-mhàin le pàirtean na bodhaige agus rudan mar seo, m.e. "ar cridhe, ar n-inntinn".akerbeltz wrote:"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
No an e "wagon of online blessings" a tha ann? Air neo, "cairt" mar "liosta"?
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Ay Thrisserbeltz, chan eil ach aon dhiubh. Ma thèid sibh gu làrach-lìon Oggie Oggie Oggie (www.uhi.ac.uk) agus chlickas air a' chairt, faicidh sibh "a' chairt" (chan eil i rudeigin airson sgrìobhadh dhachaigh ma deidhinn...)
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Cha robh, bha mi dìreach a' beachdachadh air "bùth chairtean", eil fhios, mar a gheibhear air bluemountain le sreath de chairtean Gàidhlig.
Tha coltas neònach air gun teagamh sam bith agus tha thu ceart leis an "inalienable possession", bhiodh "faic na cairtean Nollaig againn air an lìon" na b' fhearr.