Air a' chiad shealladh, chan eil mòran choltasan rim faicinn eadar an Fhraingis agus a' Ghàidhlig an taca ri na tha rim faicinn eadar a' Bheurla agus an Fhraingis.
Ach thug mi an aire air aon structar gràmair a tha co-ionann.
Tha Fraingis agus a' Ghàidhlig co-ionann a thaobh tràth (tense) sna seantansan seo gu h-ìosal. Bidh an dà chuid a' cumail ris an tràth làthaireach (present tense) nuair a bhithear a' cleachdadh "bho/bho chionn" no "since" sa Bheurla.
Nuair a bhios gnìomh, a chaidh a thòiseachadh san ùine a dh'fhalbh (in the past), a' leantainn san àm a tha an làthair (in the present), bidh an Fhraingis agus a' Ghàidhlig a' cleachdadh an tràth làthaireach. Ach, 's e an tràth coileanta (perfect) no caithte (past) a bhios a' Bheurla a' cleachdadh.
Depuis deux ans les Francais se passionnent pour les pin's.
Bho chionn dà bhliadhna tha na Frangaich dealasach do na "pin's". (Seòrsa bhràistean)
Je collectionne les timbres depuis deux ans.
Tha mi a' cruinneachadh nan stampaichean bho chionn dà bhliadhna.
Ach, seo a' Bheurla.
For two years, the French have been excited about the "pin's".
I have been collecting stamps for two years.
Saoil, a bheil coltasan aig na cànanan eile air a bheil daoine eòlach?
Fraingis agus a' Ghàidhlig
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Fraingis agus a' Ghàidhlig
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Fraingis agus a' Ghàidhlig
On nach eil tràithean coileanta san Teacaic idir, tha i a' cleachdadh an tràith làthairich mar an ceudna anns na seantansan a ghabh thu.
Coltasan eile? Uill tha tuisealadh ann ach tha aig mòran chànanan, chan eil allt neo-chinnteach ann (chan eil allt sam bith, fìrinn innse) ach chan eil no aig cànanach Slàbhach eile... Tha criomagan tuiteamach ann mar říje->říjen airson "dàmhair->an Dàmhair", ach shaoillin gur e an comas as motha beum air a' chiad lide, oir chan eil sin sa Phòlais no Ruiseis, dìreach sa Theacais is Slobhagais (agus chan eil e ann anns gach dualchainnt aca a bharrachd).
No 's dòcha gu bheil an dòigh mar a thathar ag innse an ama sa Theacais (m.e. "trì cairtealan gu seachd agus còig mionaidean" airson 6:50 no "as dèidh ochd mionaidean leth-uair dhen naoitheamh" airson 8:22) cho cràicte ri cunntas vigesimal...

- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Fraingis agus a' Ghàidhlig
Than eil crìochan cruaidh eadar na faclan. M.e. tha an aon fhuaimneachadh aig Il est tout vert agus Il est ouvert .
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: Fraingis agus a' Ghàidhlig
Bidh C'est à moi a' ciallachadh 's ann leams' a tha e, ach gu litreachail, 's e tha e agam a th' ann.
Agus tha rudeigin air fhacail bho siostam nan ficheadan.
soixante -- 60
soixante-dix -- 70 (seventy-ten)
quatre-vingt -- 80 = ceithir fichead (gu litreachail)
quatre-vingt-dix -- 90 = ceithir fichead 's a deich